DUN-ALUINN

DUNALINE

OR

THE BANISHED HEIR

BY

JOHN MAC CORMICK

EDITED BY M. MAC FARLANE

PAISLEY: ALEXANDER GARDNER

ptrblishrr bg <^|Tpoxntmmt to the late QCttctn Victoria

i3UbTUiN COLLEGE UBKaK^C CHEISTJSUT HILL, MaSSc

DUN-ALUINN

NO

AN T-OIGHRE 'NA DHIOBARACH

IAIN MAC CORMAIC

FO LAIMH CHALUIM MHIC PHARLAIN

PAISLIG: ALASDAIR GARDNER

Clodh'bhuailtcar do 'n Bhan-ri^h Victoria nach vtaircann

n 2.

LONDON : SIMPKIN, MARSHALL, HAMILTON, KENT & CO., LMD.

ALEXANDER GARDNER, PRINTER, PAISLEY 1912

CLAR-INNSIDH.

TAOBH CAIBIDEIL DUILLEIG

I. Leahaidh-hcns na Baintigheama, - - 9

II. An Triath 's an Oighreachd, - - 19

III. Biiaireas is Bròn air Fear-an-Dmn, - 29

IV. Cailean Og is Màiriy - - - - 39

V. Eachann a Phaca, - - - - 47

VI. Thachair an da Bhonn Odhar air a Cheile, 55

VII. Mort 'sa Bheinn-sheilgy - - - 69

VIII. Co Mharbh Seumas Weldon ? - - 79

IX. Cailean Og *ga Fhdgradh, - - - 90

X. Cailean air Chomhach, - - - 98

XI. Brionglaid an Tigh a Chlachain, - 108

XII. Thugar ionnsuidh air an Dun, - - 118

XIII. An Sluagk air an Uilinn, - - - 128

XIV. Am Ministear Mor a' Cur Dheth, - 136

XV. Am Ministear Mar a Cur Tuillidh Dheth, 147

XVI. Cnuasachd Or aid a Mhinisteir Mhoir, - 155

XVII. Am Marsanta Gallda air Chall, - - 164

XVIII. Fathunn air Cailean, - - - - 172

/ 1 P /

CLAR-INNSIDH.

TAOBH

CAIBIDEIL

DUILLEIG

XIX.-

^Mòd 'san Fhàsach, - - -

- i8o

XX.-

—Tunis an Aigh, - - - -

- 198

XXI.-

—Cailean air Tilleadh, - - -

- 207

XXII.-

—Sean Ed I as air Urachadh, -

- 215

XXIIL-

—Air Aoigheachd *san Uaimh,

- 225

XXIV.-

—Snaim air a Fuasgladhy

- 233

XXV.-

—Bàs is Tdrradk Dhùin-Aluinnj

. 241

XXVI.-

—An La air Togail, - - -

- 248

XXVII.-

—Soraidh do na Gaisgich,

. 258

DUN-ALUINN.

CAIBIDEIL I.

LEABAIDH-BÀIS NA BAINTIGHEARNA.

'S E leabaidh bàis màthar a bh' ann. Bu ghoirt na briathran a labhradh. Bu trom an sgàil-bhrat a leagadh air na bha 'n làthair ag eisdeachd an seòmar àrd Caisteal mòr Dhùin-àluinn.

*'A Chailein, a Chailein ! Tha mise gad fhàgail fèin 's do naoidheag pheathar. Chunn- aic mi moran ; dh'fhuiling mi moran ; is ghiùlain mi moran re mo làithean. Cha do ghiùlain caraid no coimheach m' uallach no mo thrioblaidean diomhair - sa. Cha d' aithnich each riamh mo dhoilgheasan. Chuir mi sgàil an aoibhneis thairis orra, nuair bu truime an cudthrom is nuair bu ghoirte am beum. Ach, a ruin is aona mhic

2

lo DUN-ALUINN.

mo chleibh, lub, mu dheireadh, mo ghlùinean laga fo n eallach throm, agus gheill mi do 'n uallach. Ruith mi mo reis 'san t-saoghal, is tha mi aig ceann mo shlighe an tir nam beò. Cha 'n 'eil ionndrainn as mo dheidh san fhàsach so ach thusa mhàin, a Chailein, a ruin a ruin mo chridhe agus do phiuthar bheag. Do phiuthar bheag nach fhaca fathast an da uisge mara, is air nach do mhùthaich ach gann solus na h-aona gheal- aich/'

** Bha mise anns an rathad, a Chailein. Bidh tusa anns an rathad, cuideachd. Nuair a dh' fhalbhas mise, 's a chi thu mi fo 'n fhoid, thoir an aire dhuit fein. An earail sin tha mi a' toirt ort : thoir an aire dhuit fein. Dean do dhicheall air son do pheathar ; ach thoir an aire dhuit fein. Tha sibh le cheile anns an rathad. Cuimhnich mo bhriathran, a Chailein : thoir an aire dhuit fein."

Sheas Cailean og Dhùin-àluinn aig taobh leabaidh-bàis a mhàthar. Bha dhà làimh paisgte air uchd a bha gluasad fo fhaireachd- ainnean a chridhe bhriste, bhruite, ghoirt, mar a ghluaiseas doineann nan speur an cuan roimh làimh. Bha na deoir fhrasach a' sileadh r' a ghruaidhean, is neagaid aige le trioblaid thruim.

LEABAIDH-BAIS NA BAINTIGHEARNA. ii

'* Na cuireamsa ciiram oirbh, a mhàthair. Ged is iomadh uair cadail a chaill sibh air mo thàilleamh le mo ghoraiche is le m' amaideachd, cha 'n 'eil mi cho faoin is nach leir domh ni is leir do na coimhearsnaich. Na biodh coram oirbhse, mhàthair mo ghaoil, air mo shonsa. Is mise mhàin a dh' ionn- drainneas sibh. Bha sibh 'nur cùl-taic dhomh an am nan cas. Chuirinn earbsa asaibh nuair bhithinn air sHghe na h-amaideachd, is ghabhadh sibh mo leisgeul air cho dona 's gu m biodh mo chionta. Ach nuair chaill- eas mi sibhse, mhàthair, co tuillidh a sheasas an làrach 'nur n-àite dhomh ? Nach coma dhomhsa an saoghal 'nur deidh. Ach na bithibh fo chùram air mo sgàth. Bheir mi 'n aire dhomh fein. Nuair a dh' fhalbhas sibhse, cha 'n 'eil ann a bheir comhairle màthar dhomh. Cha 'n 'eil, a mhàthair ; cha 'n 'eil."

" Gleidh do mhisneach, a Chailein. Tha do dhleasnas agad r' a dhèanamh 'san t-saoghal. Seas air cul do pheathar. Cum suas air a sgàth, an dilleachdan mi-fhortanach, a tha cheana gun athair, faodaidh mi ràdh, agus'a bhitheas am màireach, roimh ghlaodh nan coileach, gun mhàthair ris an dean i sodan is briodal. An dràsd cha 'n fhairich mo leanabh a call, a' mànran gu neoichiontach an uchd

12 DUN-ALUINN.

coimheach. Ach thig an latha air an ionn- drainn mo naoidhean maoth a màthair chaomh, a Chailein, a mhic, a mhic ! "

*• Faic thusa a coir aig t' aona phiuthair, ma gheibh sibh le cheile saoghal. Pos Màiri is cuir do phiuthar air a cùram an dràsd."

*'Tha mise 'gur fàgail le cheile mar dhill- eachdain ; agus slàn leibh, a Chailein, a mhic aona mhac is aona nighean mo ghràidh 's mo ghaoil ! "

Bha làrach muladach an seòmar àrd tigh mòr Dhùin-àluinn. Cha robh sùil thioram fo chromadh nan spàrr. Cha robh gnuis air nach robh trioblaid. Cha robh uchd nach robh a' gluasad le osnaich a' bhròin. Cha robh cridhe nach robh leòinte le saigheid a' bhàis ; is cha robh neach nach d' fhairich gu trom, trom a' bhuille ghoirt a bha ri tuiteam gun dàil air Dùn-àluinn is air a shluagh lionmhor, bàigheil, blàth-chridheach, tlusail.

Thàinig gnog do 'n dorus. Thionndaidh gach aghaidh ris an fhuaim le clisge. Theann an còmhlan air an ais a dheanamh rathaid do 'n leigh a dh' ionnsuidh na leapa. Ghlac na h-uile misneach gu 'n toireadh a dheagh sgil mu 'n cuairt an te bha ga tonn-luasgadh 'san leabaidh le an-fhurtachd an fhiabhruis

LEABAIDH-BAIS NA BAINTIGHEARNA.

13

thruim a bha toirt rudha lasanaich theth 'na gruaidhean mine, suairce d' am bu dual bhi sgèimheil, glan. Chuir e 'n teas-mheidh 'na beul is leag e chorragan gu blath, caomhail air caol a diiirn, is an t-uaireadair air bois na làimhe clì. Bha buille chas, gheur aig an fhuil 'na cuislean, is a h-uile buille toirt bean Dhùin-àluinn na bu dlùithe air ceann na slighe bha dol a steach do 'n t-slorruidheachd bhuain gun chrich.

Sheall an leigh air an teas-mheidh is chrath e a cheann. Chuir e a làmh fhionnar air a bathais is thionndaidh e gu falbh gun ghuth a ràdh.

''An dean sibh dad idir air son mo mhàthar ? " arsa Cailean an guth tacte, briste le bron. "Am bheil ur sgil g-un fheum ? Nach sàbhail sibh dhomh i mo mhàthair, mo mhàthair ma tha 'n comas is lugha air ? No am bheil sibh am beachd gu 'm falbh a' mhàthair is fèarr air an t-saoghal uile, is gun a leigheas ann ? Ciod è tha sibh ag radh? Bruidhinnibh. Thugaibh fuasgladh dhith. Aon latha eile fein de shineadh air a saoghal, ni e toilichte mi. Aon latha ! Direach aon latha ! "

Cha robh cridhe bha stigh nach robh an impis sgàinidh. Cha robh sùil nach robh

14 DUN-ALUINN.

a' taomadh nan deur. Cha robh ceann nach robh air cromadh le cudthrom a' bhròin.

*' Biodh agadsa foighidinn is misneach mhath, a Chailein, a ruin. Tha tinneas do mhàthar os cionn mo sgil-sa. Cha toir sgil shaoghalta fuasgladh dhith. Thug sinn uile a h-uile h-oidhirp a b' fhèarr ; ach tha i nis an làmhan is àirde agus is cumhachdaiche na làmhan saoghalta. Bi thusa, ghràidh, treun an am a' chruadail. Dean thu fein gu duineil ris an eallach. Cha deach uallach air duine riamh nach d' f huair e neart g' a ghiùlan. Leig dhiot am bron ; glac foighidinn, is na bi cur feirg air an Ti a chruthaich sinn uile. Theid sinn uile air a' cheart taobh a tha ise dol, is cha 'n 'eil fhios aig a h-aon againn air an uair seach a' mhionaid. Slàn leibh uile."

Dh' fhalbh an seann leigh, a fhreasdail aig iomadh leabaidh breith is bàis anns an sgireachd. Dh' f has a cheann Hath am measg an t-sluaigh anns an do thuit a chrannchur nuair bha e gle òg. Dh* fhàg e bheannachd mu dheireadh aig Baintighearn Dhùin-àluinn, is chluinnteadh a cheum trom, bho chridhe briiite, dol slos an staidhir. B'aithne dha i bho thoiseach a làithean. B' aithne dha a pàrantan roimhpe. Chunnaic e i a' fas bho bhi 'na caileig bhig, aotruim, laghaich, gu bhi

LEABAIDH-BAIS NA BAINTIGHEARNA. 15

*na h-inghin shnasmhoir, fhinealta, speisealta, air an robh gach àrmunn euchdmhor 'san dùthaich an geall, is an eud r'a cheile air a toir. Chunnaic e i an latha mi-fhortanach ud a chaidh snaim a' phosaidh oirre ri fear Dhuin- àluinn. Chunnaic e gach crois a thàinig 'na rathad riamh ; gach neul dubh, tubaisteach a chuir dubhar air a gnùis aoibhnich, 's a chuir campar air a h-inntinn neo-amharusaich, agus dorran air a cridhe sèimh, seirceil, seunail. Chunnaic e an oidhche ud ceann a saoghail air teachd, a h-àmhghairean 's a trioblaidean air tighinn gu crich, agus smal dubh a' bhàis air leus-mara an onaranaich, an fheumnaich, *s an allabain.

B' e 'n deagh eolas a bh' aige air droch chàradh na mnatha maithe a chuir a leithid de shaigheid ghoirt an cridhe an t-seann leigh, a chaidh ainm air a bhàighealachd, air a cheanaltas, is air a chneasdachd, far nach rachadh a shloinneadh gu bràth.

Bha tosd an seòmar na h-easlaine, agus chluinnteadh an t-oibreachadh goirt a bha air an te a leagadh a sios cho iosal.

*' Am bheil sibh na s fèarr, a mhàthair ? " arsa Cailean, 's e cromadh os a cionn, is reachd goirt na mhuineal.

*'Cha 'n eil, cha 'n eil, a ruin. Cha bhi

i6 DUN-ALUINN.

fèairrde ormsa am feasd. An do thill Seònaid ?"

'* Thill," arsa Cailean. ''So agaibh uisge Tobar an t-sonais. Olaibh e is bithidh sibh na s learr.

** Am fac i beothach beò ? " ars ise, is chiteadh an cùram a bha 'na gnùis.

Cha d' thubhairt duine guth.

** Is dogh nach fhaca. Cha 'n eil manadh tighinn bhuaithe orm. Tha mi striochdte ri m' staid. Tha mo dhochas làidir, is cha 'n eil mo shùil an deidh an t-saoghail."

An ceann greis dh' iarr i 'n sgàil a thoirt bhàrr na h-uinneig a chum s gu 'm faiceadh i an sealladh mu dheireadh, le soillse nan reul, de mhullach nam beann taobh thall Loch Sionaba, far an do thogadh i fein agus dusan glùin de a muinntir.

*'0, Bheinn-ghlas, a Bheinn-glas ! Nach iomadh latha toilichte thug mi a' cluich mu d' bhruthaichean ! 'S a Shraith-bhàin, a Shraith-bhàin, nach trie a shiubhail mi do chòrsaichean, a' trusadh nan dithean s nan sobhraichean, nuair nach robh fios agarn ciod è bu chiall do n t-saoghal ! Och, och ! ''

Leag i a ceann air a' chluasaig, is tharruing i osann bho ghrunnd a cridhe. Bha e coltach nach biodh an teachdaire fada gun tighinn, is

LEABAIDK-BAIS NA BAINTIGHEARNA. 17

cha robh neach a bha stigh nach b' e mhiann bhi frithealadh dhith a leigeil fhaicinn a ghràidh.

Chualas ceuman trom a nios an staidhir ; agus CO thàinig a steach ach fear Dhuin- àluinn. Gun a chomhdach uachdair a chur dheth, is gun fhacal a sgoltadh ri neach a bha 'n lathair, choisich e gu socrach, sàmhach gu taobh na leapa. Chunnaic e le shùilean nach robh a' chrioch fad as, agus, rud a chuir ionghnadh air cuid de na bha n lathair, thàinig tiomachadh mor air.

*' Ciod-e-mar tha thu, Mhor, a ghaoil ? " ars esan an guth critheanach blath.

Bhogaich na briathran gach cridhe bha stigh. Bha iad eolach air caitheamh-beatha fear Dhùin-àluinn; agus Hon iad le ionghnadh air faicinn na buaidh a bh' aig leabaidh bàis a mhnatha air an duine so a bha, o chionn iomadh bliadhna, cho làidir chruaidh, an- iochdmhor, eadhon r' a mhnaoi uasail, bhanail, bhainndidh fein.

Cha 'n 'eil neach, air fheabhas, nach 'eil fàilinn ann. Cha 'n 'eil neach, air a bhuirbe, no air a bhreine, nach 'eil suileag bhlàth 'na chridhe. Is cha 'n 'eil neach nach tig, uair- eiginn, rudeiginn 'na rathad a chomh-fhreag- airt ris na buadhan nàdurra so.

i8 DUN-ALUINN.

Thàinig an latha so air fear Dhùin-àluinn. Bhuail a bhuille far am bu laige e, agus dh' fhairich se i. Mar a thionndaidheas am buinne is laige de shruth farm na contraigh shamhraidh an long is motha theid air uisge, thionndaidh leabaidh bàis a mhnatha fair- eachdainnean fear Dhùin-àluinn air an am co-dhiubh.

Bha blàthas is irisleachd anns na facail, is thionndaidh a' bhaintighearn mu 'n cuairt, agus leag i a siiil air.

*' Nach *eil thusa coma. Tha a' chrioch air tighinn a nis, is tha mi fàgail mo bheann- achd agad. Till air do shlighe, agus tagh do chompanaich. Tagh do chompanaich, a Chailein."

AN TRIATH 'S AN OIGHREACHD. 19

CAIBIDEIL II.

AN TRIATH 'S AN OIGHREACHD.

B' I sean oighreachd a bha n Dùn-àluinn. B' e, mar an ceudna, seann teaghlach measail a bha 'n teaghlach Dhùin-àluinn. Chinn iomadh geug mhaiseach air a chraoibh- ghinealaich, agus dh'fhàg an toradh an lorg 'nan deidh an eachdraidh na rioghachd. Chinn geugan mosgaineach oirre cuideachd aig iomadh am bho na fhreumhaich i an talamh sultmhor Dhùin-àluinn. Rinn iad so làrach dhaibh fein, cuideachd, an eachd- raidh na h-oighreachd mu 'n do chrion iad air falbh bho 'n t-seana bhun uasal, iomrait- each, bhunnsaidh.

B' ann de na geugan so Cailean Mor. Dh' fhàg e eachdraidh 'na dheidh, ach cha 'n i an eachdraidh is fèarr. Bha e an inbhe 'san duthaich. B' e fein an t-uachdaran, is bha 'n t-iochdaran a bh' ann r a latha a' gabhail beachd air a dhol am mach, air a thighinn a steach, is air a chaitheamh-beatha, direach mar a rinn gach Hnn a dh'fhalbh air na

20 DUN-ALUINN.

h-uachdarain a dh' fhalbh. Bha gach linn a' orleidheadh a h-eachdraidh fein, is 'o^a sineadh a nuas do chàch. Tha, leis an sin, fear an droch bheus cho iomraiteach ri fear an deagh bheus. Tha e, math dh' fhaoidteadh, na 's iomraitiche, a chionn nach 'eil a sheòrsa ach annamh.

Cha robh seòrsa Chailein Mhoir ach ann- amh an Dùn-àluinn. Cha robh iad ach annamh an doigh no dhà, 'nam buntainn ris an t-sluagh a bha nam mèinn, agus 'nan caitheamh-beatha fein.

B' e freumh de theaghlach Cholgain a bh' ann : aorus theireadh seann daoine o-u 'n robh an fhuil gu math reachdmhor ann. ''Thèid dùthchas an aodann nan creag." ]\Ia tha e fior gu 'm faod neach dol na chruth, is 'na choltas, is 'na nàdur ri h-aon de shinn- searachd a tha iomadh Hnn air ais a' sg-aradh bhuaithe, chaidh Cailean Mor Dhùin-àluinn Su math ri cuid bhio- de dhaoine, 'na choltas : cha 'n ann 'na chaitheamh-beatha no 'na bhuntainn r' a shluagh. Bha e beo an atharrachadh linn. Bha 'n t-àm aghartach ; an sluagh soilleir, beachdail, ionnsaichte, agus leirsinneach air buirbe is aineolas is breine an t-silidh o 'n d' thàinior iad. x\ch a dh'ain- deoin a h-uile cireadh is sUobadh is ionnsach-

AX TRIATH 'S AX OIGHREACHD. 21

adh a fhuair am freumh so de theaghlach ainmeil Dhùin - àluinn, bha rudeiginn de choimeas aige ri h-aon no dhà de shilidh a bha borb, breun 'nan nàdur, nuair nach robh buirbe is breine cho faicsinneach 's a bha iad, nuair bha deao^h chalachadh is deagrh ionn- sachadh am measor an t-sluaio^h qu coitchionn. ?^Ihaolaich an togail a fhuair Cailean Mor a bhuadhan. B'e'n aonamhace. Chaidh fhajjail og 'na dhilleachdan, is an t-srian a leigeil mu chluasan tràth. Cha robh duine ann a bheir- eadh achmhasan da nuair rachadh e a bhàrr na sliorhe cheirt. Shiubhail e 'n saoo^hal mu 'n iadh a' ghrian ; is chuir e moran de ùine seachad an tirean dorcha measg sluaghan aineolach aig nach robh eòlas no iarraidh air riaorhailt no stuamachd no crrinneas.

Bheir a bhi tao'hall 's a' cur eòlais air sluagh anns an t-suidheachadh so, buaidh mhor air neach sam bith, ach gann. Bheir e buaidh, o-u sònruichte, air duine ògr aun chùram an t-saoo^hail, a tha ofu nàdurra aotrom'sa cheann, a chuislean Ian de fhuil theth, àrdanaich, is gun athair no màthair air a chùl g a stiuradh, no a thoirt cridhe ghoirt daibh air amaideachd.

Thug e buaidh air Cailean Mor Dhùin- aluinn. B' e chompanach an duaircean bu mhotha. B' e àite tathaich an drùth-lann a

22 DUN-ALUINN.

b' isle. Bha cur-am-mach anabarrach ann ; agus bha sin, le choltas uasal, fiathail, speis- ealta, 'na aobhar meallaidh do dhaoine òga eile a bha 'n aignidhean laga gan aomadh gu slighe na h-amaideachd.

Nuair a struidheadh e a chuid fein, laigh- eadh e air an cuirp-san mar a laigheas iolair air closaich, is cha ghluaiseadh e sgiath fhad 's a bhiodh criom air cnàimh.

Chum an t-seòltachd 's an gliocas so an oighreachd an ceangal r' a cheile ; ged nach 'eil teagamh nach b' ann le iallan fada, righinn de leathrach dhaoine eile.

Bha e gleusda air a h-uile doigh an gabhar duine, agus, cleas na neasa 's an tàrmachain, dh'atharraicheadh e dhath do reir na h-aimsir ; agus, math no dona comunn 'sam bitheadh e, dheanadh Cailean Mor e fein ri each. Am measg nan sgaomairean b' e 'n ceann-feadhna; agus an comunn na stòldachd 's na stuamachd, cha b' e Cailean Mor idir a bu diùididhe am measg nam flath.

Fhuair e rithis, rogha is tagha nam ban mar mhnaoi. Bha i calg - dhireach 'na aghaidh-san air a h-uile doigh an gabhar i. Bha i cho suairc 's a bha esan cho duairc. Bha a nàdur cho uasal s a bha nàdur-san ìosal. Bha i cho ceanalta 's a bha esan cho

AN TRIATH 'S AN OIGHREACHD. 23

breun. Bha i cho caomhnach s a bha esan caithteach ; agus cho ciuin 'na gluasad air a h-uile doigh s nach robh e coltach iad a thighinn air a cheile na 's motha na ghabhas uisge ri ùilleadh.

B' ann le comhairleachadh air gach taobh a chuir 's gu 'n do phòs iad. Bha iad le cheile de fhuil uasail. Bha iad le cheile de sheann teaghlaichean. Bha 'n sinnsearachd 'nan coimhearsnaich riamh, is bha posaidhean eadar an da thigh uair no dhà o shean. Na 'm biodh na h-uile rud do reir a cheile cha b' e idir posadh mi-choltach a bh' ann air taobh seach taobh. Cha robh dachaidh sa Ghàidh- ealtachd a b' fhèarr na Dùn-àluinn, na 'n robh riaghladh math am muigh 's a stigh.

B' ann am beachd gu 'n toireadh posadh an teaghlach measail, Cailean gu rathad, a chuir 's gu 'n do reitich a luchd-comhairle 's a cheileadairean an t-slighe a chum 's gu 'n tigeadh a' chàraid og dh' ionnsuidh a cheile. Cha b' urrainn Cailean dol gu taobh bu choltaiche. Cha b' urrainn da dol an lùib mnatha b' fhèarr na Mor, ribhinn og shnas- mhor Ghlinn Shionaba. Bha oighreachd a h-athar air taobh eile Loch Sionaba, mu choinneamh Dhùin-àluinn ; ao^us cha robh an da chaisteal mir a' tàir air a cheile.

24 DUN-ALUINN.

Bha Caisteal Dhùin-àluinn gun teagamh air a shuidheachadh anabarrach brèagha, am measg obair nàduir is obair làmhan dhaoine. Bha cnocan àrda, maola, ag eirigh mu 'n cuairt air, mar ghàradh dion nàdarra, le 'n comhdach uaine, a gheamhradh s a shamh- radh, de n ghiuthas mheanglanach, bhadan- ach, gharbh, is iad a' fas iosal comh-reidh r' an direadh ri uchd nan sliabh san robh am freumhan an greim. Mu n cuairt a' chaisteil bha 'm beithe àrd, dìreach, le bharraibh gasanach, dosrach, a' crathadh gu reidh, socrach mar gu 'm biodh e cumail cluais-chiùil ri fuaim na gaoithe ceòlmhoir a' sranndaich am measg nan stiic. Bha challtuinn ghlas, gheugach a' lubadh, gach foghar, fo h-eallach chnu ; agus an darach stocanach, ceigeach, le ghàirdeanan reamhar, lubach a' toirt dubhlain do 'n stoirm fad cheudan bliadhna. Air cul an tighe bha 'n t-eas mor a* deanamh car- a'-mhuiltein le aodann an aonaich, 's a' tilgeil frasan geala mar neòil do na speuran. A sios an reidhlean preasach, feurach, bha'n abhainn a' sloisdreadh am measg nan doirneag ; 's am bradan 'na cheudan anns na puill dhomhain, dhorcha, a' gabhail fàth air an tuil, a thoirt am mach an aonaich ghairbh, easaich, s a

AN TRIATH 'S AN OIGHREACHD. 25

ruigheachd an locha a chladh. Bha sealladh is iasgach is seilg air corsaichean Dhuin- àluinn. Cha robh oighreachd eile air Gaidh- ealtachd na h-Albann air an robh sluagh cho lionmhor, is tuath cho cothromach, no a b' fhèarr a rachadh 'nam biadh s 'nan aodach. Cha robh coitear ann gun bho, gun chaoraich. Bha suil an t-sàsaich daonnan air an t-seang ; is cha 'n fhaighteadh an dìol-dèirce an taobh a stigh d' a chriochan, mur tigeadh e ann a cèarnaibh eile.

Ach mo chreach ! mar a dh' eirich do 'n chòrr de 'n Ghaidhealtachd, thàinig caoch- ladh air aimsir Dhùin-àluinn ; agfus thàinior latha air nach do smaoinich duine roimh an am. Dh' eirich na cinn-fheadhna 's na h-uachdarain uile an aghaidh an t-sluaigh àghmhoir, a chum an cinn air an amhaichean is dion air am fearainn nuair bha bagradh tighinn orra bho 'n taobh am muigh. Dh'atharraich bonn-chùisean is priomh-riagh- ailtean na rioghachd air fad. Bha bunadas gach atharrachaidh anns na riaghailtean claona a rinneadh ceudan de bhliadhna roimhe sud.

Bha oighreachdan 'sa Ghaidhealtachd air nach d' thug an teugbhoil moran muthaidh ;

26 DUN-ALUINN.

ach cha b' i Dùn-àluinn dhiubh. Bha 'n toradh do reir an uachdarain ; is bha bhlàth 's a' bhuil air Dùn-àluinn is air a thuath.

Ach mu 'n do thoisich an ùpraid a rinn eug-lios de gach gleann 'sa Ghaidhealtachd, thug fear Dhùin-àluinn dhachaidh a' bhean, s s! mhathair, 's a' bhana - mhaighstir a b' fhèarr san duthaich. Bha toiseach an làithean mar chàraid phòsda glè shoirbheach- ail, toilichte. Ach, ri ùine, thoisich na sean ana-miannan air tighinn beo. Cha stamhnadh 's cha steidhicheadh Dùn-àluinn e fein aig an tigh. Mar eun siubhail an fhàsaich cha 'n fhuiHngeadh e a sgiathan a ghearradh. Bu mhath a stadh ; ach cha b' urrainn dith a staonadh no a theadhradh ; agus, mu dheir- eadh, leig i a shrian mu chluasan, a ghabhail a rogha rathaid. Rinn e sin, agus anns a h-uile doigh mhi-stuama, ana-ceart, agus bhiastail, gus an do bhris e cridhe anns an aona chom bu sheirceala, bu bhanala, 's a b' uaisle bh' anns an duthaich uile gu leir.

Thug iad fichead bliadhna pòsda ; ach cha robh esan riamh bhadhna còmhla, fo dhruim a thighe fein. De chuignear de theaghlach cha do sheas ach dithis : Cailean òg agus an naoidheag air an do bhàsaich bean Dhuin- àluinn. Mhill mi-bheusachd a fir a slàinte.

BOSTON COLLEGE UBRAB?.

CHESTOUT HILLj ìlàm^ AN TRIATH 'S AN OIGHREACHD. 27

Leon e a cridhe. Thug e acaid 'na creubh, nach d'fhag i ; agus thog a leabaidh-shiubhla fiabhrus innte a thug do 'n uaigh gle og i.

Chunnaic i nach robh dilseachd 'na fear- pòsda. Chunnaic i nach robh aice ach roinn de ghràdh. Mu 'n d' thubhairt i air a leabaidh- bàis, thuig i gu 'n robh i anns an rathad. Bha buntamas domhain innte a bha dall, bodhar air na bha tighinn dh' ionnsuidh a sùla 's a cluasan. Shnaidh i as. Dh' fhalbh a càil. Thàinig a h-uair, is laigh i, mu dheireadh, air leabaidh bàis.

Bha fear Dhùin-àluinn an Lunnainn aig an am. Cha robh teagamh aig a mhnaoi uasail ciod è bu chaitheamh-beatha dhà ; ach nuair a fhuair e fios gu 'n robh i gun fiughair rithe, biodh e r' a chreideas gu 'n d' rinn e a h-uile dicheall a ruigheachd taobh a leapa mu 'n do dhiiineadh a sùil. Biodh e r'a chreideas, cuideachd, gu 'n do leig e fhaicinn moran iochd dith, ged b' anns na mionaidean deireannach ; gu 'n do laigh trioblaid throm air ; agus gu 'n do nochd e blàths is gràdh is coibhneas nach do nochd e leis a' cheart chaomhalachd bho 'n latha chaidh an t-snaim orra le cheile. Dh' fhas e mar leanabh beag na ciche, is bhrùchd a chridhe mach am bron. Ach cha deanadh sud feum tuillidh. Bha

28 DUN-ALUINN.

crìoch a mhnatha aig làimh, agus, mu bhris- eadh an latha, dh' fhàg i an saoghal.

Laigh bron trom air da thaobh an loch. Cha robh uchd nach robh air a leòn. Cha robh suil air nach robh deur. Cha robh cnoc nach robh a bhreo-chual fein air, air sgàth Baintighearn Dhùin-àluinn. Ghleidh na beanntan fein an ceo mu 'n guailnean ; agus cha d' eirich dealt na h-oidhche bhàrr duill- each nan craobh mar b' àbhaist. Sheinn an t-allt a choronach, is rinn a! ghaoth co-sheirm ris am measg nam preas.

Dh'eug bean Dhùin-àluinn. Sheall an t-aosda saobh-chreideach, caomhail air son rionnaig uir san speur. Sheinn an t-òg a cliu air gach tulaich ghuirm nuair chruinnich- eadh iad aig àirigh nam bo.

BUAIREAS IS BRON AIR FEAR-AN-DUIN. 29

CAIBIDEIL III.

BUAIREAS IS BRON AIR FEAR-AN-DIJIN.

Cha ruigear a leas iomradh a thoirt air na thachair eadar bàs bean Dhùin-àluinn 's a torradh. Bha 'n dùthaich glaiste fo cheò bròin, is gach duine fo gheasaibh, is glong balbh le tosd a' mhulaid orra. Bha fear Dhùin-àluinn air a smodadh gu trom leis. Bha oiseann bog, blàth 'na chridhe nach deach beantuinn riamh da. Bha 'm fonn iirail, torach, is ghabh e ris an t-siol. Ghabh; ach bha cunnart am bàrr a laomadh, an grunnd a lagachadh gu grad, 's an draighean bha 'sa chorr a sgaoileadh air fheadh. Sud direach mar a bha, agus sud mar a thachair.

'' Dean do dhicheall air son do pheathar." B' iad so briathran deireannach a mhàthar ri Cailean og. Cha do dhiochuimhnich Cailean iad.

Nuair a thuit bean Dhùin-àluinn an galar a bàis, chaidh an leanabh, Morag bheag, a dh' ionnsuidh na seana mhnàth-altruim a thog Cailean fein. Cha robh fear Dhuin-

30 DUN-ALUINN.

àluinn aig an tigh nuair a thàinig an naoidh- eag bheag so dhachaidh, agus mu dhorcha na h-oidhche, latha an torraidh, bhuail miann mor e a dhol da faicinn. Bha 'n tigh mu leth-mhile bho 'n Chaisteal ; ach ghabh e am frith-rathad uaigneach troimh 'n choille. Thàinig am bothan beag am follais. Chunn- aic e dreosadh na coinnle troimh sgàile dheirg na h-uinneig. Ràinig e ceann an tighe. Sheas e. Dh' eisd e. Smaoinich e. Bha aimhreit a' chadail air an leanabh. Bha i pràinneach, agus ciubharan caoinidh aice. Bha 'n t-seana bhean ga tulgan, 's a beul r a cluais a' cronan s ag oran dith.

Ciod è thug air fear Dhùin-àluinn seasamh cho grad ? Ciod è thug air sealltainn 'san adhar, agus sealltainn san talamh ? Ciod è thug air a bhi ag ochanaich gu goirt, a' fasg- adh a dhorn, *s 'ga shniomh fein esan a bha cho cruaidh-chridheach, ceannlaidir, rag- mhuinealach, agus borb 'na nàdur riamh ? Eisd!

^^ Cha tig Mor, mo bhean, dachaidh ; Cha tig Mor, mo bhean ghaoil ; Cha tig màthair mo leanaibh Nochd a chadal ri m' thaobh."

Tharruing a' bhean-altruim na facail mu dheireadh a mach an dòigh a bha deanamh

BUAIREAS IS BRON AIR FEAR-AN-DUIN. 31

co-sheirm ri cronan cadalach an leanaibh, 's i air toirt thairis le caoineadh is meacanaich. Rinn so an sathadh na bu ghoirte do Dhùn- àluinn. Sheall e air na neòil dhubha bha snàmh gu socrach thar nan cnoc. Theann- aich e cromag a' bhata 'na dhorn, is ghuil e. " O, mo ghualadh, mo ghualadh ! A Mhor, a Mhor ! Na 'm b' e 'n diugh an de, a Mhor ! Mo ghualadh, mo ghualadh ! "

Ach lean an cumha bh' air a chur 'na bheul :

^^ Uist^ a leanaibh^ 's dean cadal ; Thoir fainear mar a thà : Gu 'm bheil do mhàthair fo 'n leacaig^ 'S mise creachte gu bràth."

Chaidh an t-saighead dhachaidh gus a' bheo. Dh' fhairich Dùn-àluinn an gath 'na thaobh, is bhruchd na deoir troimh shuilean an duine làidir, fhearail. '' Mo leanaban, mo leanaban ! nach tuig gu bràth gaol màthar. Mo leanaban, mo leanaban beag, neoichiontach ! "

Shnàgain e gu taobh na h-uinneig, is sheall e stigh. Bha sean Chatriona, 's an leanabh aice gu cùbhraidh r a h-uchd, a beul r' a cluais, 's i gabhail 's a' deanamh an orain mhuladaich so aig an aon am.

32 DUN-ALUINN.

Bha i 'na boireannach geur, deas-bhriath- rach. Dhùisg am bron 's am mulad a laigh air a h-uile duine 'san duthaich mar aon duine, na bha de spiorad na bàrdachd innte ; agus cha robh e 'na chàs leatha facail a chur ri cheile. Is beag a bha dhuil aice gu 'n robh Dùn-àluinn ag eisdeachd fhad 's a bha 'n cumha ga dhealbh. Is beag a bha fhios aice gu 'n robh a h-uile facal a' deanamh tuill 'na chridhe.

'' 'S gu 'm bheil a ciochan, mìne^ geala Sileadh bainne r' a taobh^ 'S i 'na sineadh air dèile^

*S a leanabh 'g eubhach ri m' thaobh.'*

Cha b' urrainn Dùn-àluinn a làrach a sheasamh na b' fhaide. Ghabh e stigh, is aodann air at le caoidh. Dh' fhalbh a h-uile moralachd a bh' ann le aon oiteig, mar dh'fhalbhas moll bho 'n fhasgnaig. Cha robh dìol-dèirce cho simplidh, iriseal ris nuair ghlac e Catriona 's a leanabh fein 'na dhà làimh fhoghaintich. Thug e greis mu 'n do bhruidhinn e. Ach, mu dheireadh, ars esan, is reachd garbh 'na mhuineal : '' A Chatriona, a Chatriona, nach ann orm a thàinig e ! Tha fios nach 'eil ann ach mo thoilltinneas. 'S a chreutair bhig, bhronaich, an d' thug thu thairis mu dheireadh ! 'S òg a chaidh

BUAIREAS IS BRON AIR FEAR-AN-DUIN. 33

do thearbadh, a ruin, a ruin bhig ! " agus e ga cniodachadh.

** Cha 'n 'eil duine air nach tig da latha," arsa sean Chatriona. " Biodh agaibhse foighidinn mhath. Cha deach eallach a chur air duine riamh nach d' fhuair druim g' a ghiùlan. Tha 'm beag 's am mor feumail air achmhasan 's air garbh chrathadh. Tha 'n t-iochdaran 's an t-uachdaran air an aona orhad. Gheibh sinn uile tilleadh san t-saocrhal so, ged nach fhaigh sinn idir ar toilltinneas ; is ma ni sinn feum deth, 's gu 'n till sinn air ar sligheannan ana-ceart, truaillidh, reasg- ach, nach ann againn nach 'eil an t-aobhar gearain."

B' eolach Catriona air Dùn-àluinn. B' eol- ach i air a dhroch ghnàthan. 'S iomadh uair a leio- a' bhaintio^hearn chaomh nach bu mhaireann, a h-inntinn rithe ; is iomadh uair a fhuair i briathran a thug misneach dith. Ach gedaleig Dùn-àluinn mòrail, uaibhreach e fein rithe air an am chudthromach so, agus ged a theirinn e nuas an irisleachd a bha comh-shinte r' a suidheachadh fein, cha do dhi-chuimhnich i nach b' e Dùn-àluinn a bh' ann. Cha do dhi-chuimhnich i 'n cuan mor a bha eatorra, mar uachdaran morail Ian de fhuil uasail, agus lochdaran bochd a bha

34 DUN-ALUINN.

i fèin 's a sliochd riamh a' tighinn beò am mèinn teaghlach Dhùin-àluinn. Cha do dhi-chuimhnich : ach bha i geur, gleusda, a' gabhail cothruim air an am thaitneach, a chum a deagh chomhairle a thoirt d' a seana mhaighstir, na 'n deanadh i feum is cha bu lugha na fheum, gu dearbh.

*' Mor, Mor!'' theireadh esan, 's e seall- tainn 'san urlar. '' Saoil an robh mi math gu leoir dhith, Chatriona ? "

Chrom Catriona a ceann, 's i turaman an leanaibh. 'S gann nach d' thàinig fiamh gàire oirre leis a' cheist neonaich. Bha Dùn-àluinn gu dur-fheitheamh, 's a shuilean 's a bhilean air chrith a' feitheamh r a freagairt. Bu mhath a bha dh' fhios aige ciod e freagairt a choisinn e, s a bu choir da fhaotainn. Air an am so bha e air a leòn ; agus bha Catriona tuigseach gu leòir gu m b' e olla chur air an lot a b' fhèarr air an am. Cha robh an Dun- àluinn ach fuil is feòil mar dhuin' eile ; agus mar dhuin' eile bha e feumail agus ro-fheum- ail air iochd is truas a leigeadh fhaicinn da nuair bha e air uilinn le trioblaid.

''A Dhùin-àluinn, le 'r cead, cha n eil aonta aig neach fo 'n ghrein air a bheatha. Thig am gach aoin againn. Cha chum cumhachd air an t-saoghal so air ais e. Ma

BUAIREAS IS BRON AIR FEAR-AN-DUIN. 35

ofheibh Sinn rabhadh, dèanamaid feum deth. Dèanamaid bull mhath de 'n latha th' againn. Cha bhuin na chaidh seachad duinn. Na bheil romhainn cha leinn. Agus, mar thubh- airt mi cheana, dèanamaid buil mhath de 'n am a th' air a bhuileachadh oirnn. Sin mo chomhairle-sa. Sin mo bheachd-sa, Dhuin- alumn.

" 'S math a thubhairt thu, Chatriona. Tha sin fior ; " 's e leagadh a làimh air a guala, 's e beothachadh beagan ris. Rug e air na facail mar bheireas fear 'ga bhàthadh air badan feamainn, ged a b' e thoirt leis do 'n ghrunnd a dhèanadh e.

Chualas tartar. ThàinÌQ; o-noo; do 'n dorus ; agus CO thàinig a steach ach Cailean Og agus Màiri. Ghabh iad athadh le cheile nuair chunnaic iad c6 bha rompa. 'S gann nach do sheas cridhe Màiri 'na com nuair chunn- aic i Dùn-àluinn 'na shuidhe an ceann an teinidh. Ach ghleidh i oirre fein. Bha fios aice, cuideachd, nach robh an cordadh a b' fhèarr eadar e fein s a mhac air a tàill- eamh, cho math ris nach robh iad a' tarruing gu ro-cheart còmhla a thaobh iomadh rud eile. Ach air an am so bha seorsa bogach- aidh air Dùn-àluinn, is dh'eirich e 'na sheas- amh is chuir e fàilte chàirdeil orra.

36 DUN-ALUINN.

** Tha mi tuigsinn fàth bhur turuis ; ach cha robh duil agam gu n tigeadh sibh cho anmoch," arsa Catriona.

** Cha d' rinn sinn ach taghal san dol seachad," arsa Cailean ; '' ach thig Màiri am màireach a dh' iarraidh na caileig."

Bha Dùn-àluinn is suil thall 's a bhos aige eadar an fheadhainn a bha bruidhinn.

*' Ciod è tha 'n so ? '' ars esan.

**Tha: iarrtas deireannach mo mhàthar," arsa Cailean.

** Ciod è sin ? " arsa Dùn-àluinn.

** Mòr bheag a thoirt do Mhàiri g' a togail gus an tig an t-àm 'sam bi iad le cheile an Caisteal Dhùin-àluinn," arsa Cailean.

Cha do fhreagair Dùn-àluinn ; ach cha do chuir e droch ghnuis 'sam bith air. Bha e mar gu 'm biodh ann ceithir-bhliadhnach de each beo, bras, a biodh an deidh a striochd- adh am bogalaich. Bha e anabarrach leagte ri rud sam bith ; ach cha robh math moran earbsa chur ann. Lùghdaicheadh an t-eall- ach ri ùine, is bha air a chùl an euchdag a bha e 'n comas fùdar is luaidhe a chalcadh an àite a' bhroin. Fhad 's a bha an gad bog, 's ann a b' fhasa shniomh. Nuair dh'fhuar- aicheadh e, bhiodh e cho righinn 's a bha e

BUAIREAS IS BRON AIR FEAR-AN-DUIN. 37

riamh. B' e 'n dràsd an t-àm. Cha robh fios ciod è bheireadh ùine glè bheag mu 'n cuairt. Dh' fheumteadh leis an sin Mor bheag a chur air imrich gun dàil.

''Cha 'n 'eil eagal ormsa nach toir Màiri an aire do 'n leanabh ; ach 's e bha 'm bheachd a toirt dachaidh," arsa Dùn-àluinn.

" Bithidh i 'san deagh dhachaidh an dràsd," arsa Cailean ; *'is tha gu leoir dhith air uachdar Dhùin-àluinn."

*'Cha 'n 'eil curam do 'n leanabh," arsa Catriona. " Bu mhor am beud droch fhaire fhaicinn aice ; is ged nach iarrainn-sa deal- achadh am feasda rithe, tha ceart ceart daonnan, is tha e ceart iarrtas a màthar a dhèanamh."

Sathadh fada thall eile do Dhùn-àluinn. Sgaoil iad, is air an rathad dachaidh thubh- airt Màiri : '' Nis, a Chailein, chord t' athair na b' fhèarr an nochd rium ; ach, tha mi far an robh mi. Xi mi mar dh'earb do mhàthair chaomh rium ; ach an còrr "

''An corr? De 'n rud ? " arsa Cailean.

" Direach mar thubhairt mi daonnan, a ghaoil : fhad s a bhios t' athair beò na 'm b' e bha 'n àite do mhàthar ! Nach olc mi ? " agus sheall i air gu blàth, neoichiontach, gaolach, miogshuileach.

38 DUN-ALUINN.

Dh' ialaidh a ghàirdean mu 'n cuairt air a muineal is phòg e i.

** Cha 'n 'eil feum sam bith anns na smaoin- tean faoine sin. Cha 'n fhèarr feòil na feòil ; is cha 'n fhèarr fuil na fuil. Tha 'n uaisle mar ghleidhear i ; is tha 'n neach a tha ion- raic, ionnsuichte, stuama, measail mu chliu, beusach 'na ghiùlan, onoireach 'na chleachd- adh, cho uasal ris na h-uaislean mar their- teadh. Sin an uaisle cheart, a Mhàiri ; is cha 'n i an te tha fo chomaraich comunn nam flath, is nach fhiach mur a bi i air a spuaiceadh le stùr is sal is lion an damhain- alluidh, mar gu 'm biodh seana bhuideal fiona. Seann teaghlach : seann teaghlach ! Mo chreach ! "

'* Nach coma," arsa Màiri ; '''s ann riutha thatar a' sealltainn. Sean fhreumh ; sean fhuil ; tighinn mhath."

''Seadh. Tighinn mhath," arsa Cailean, ^'math, an caitheamh-beatha, 's an gniomh, 's an creideamh, 's an creideas."

CAILEAN OG IS MAIRI. 39

CAIBIDEIL IV.

CAILEAN ÒG IS MAIRI.

Bha Màiri Nic Griogair na h-inghin cho loinneil, shuairce, 's a bha eadar da cheann Siorramachd Earra-Ghaidheal. 'S e bana- mhaighstir sgoil a bh' innte ; agus bha i mu dhà bhliadhna an Dùn-àluinn aig an am so. B' ann a mhuinntir Shiorramachd Pheairt i. Bha a màthair 'na banntraich ; is bho nach robh duine teaghlach ann ach Màiri fèin, thug i a màthair leatha gu Dùn-àluinn. Bha iad le cheile cho toilichte 's a bha 'n latha cho fada ; is ged a bha tlachd mor aig Màiri de Chailean og Dhùin-àluinn, cha robh miann 'sam bith oirre posadh an cabhaig. Bha i glic, suidhichte, ciallach. Bha i beachdail, leirsinneach, geur-inntinneach, faicilleach ; is bha i faicinn cnap-starraidh no dhà an aghaidh posaidh aig an am.

Bha Cailean air bhior. Agus bha Mairi, le bhi 'ga ghabhail cho foighidneach, shoc- rach, ga fhàgail na bu fhrionasaiche. Bha e mar gu 'm biodh buaidh shonruichte aig

40 DUN-ALUINN.

nàdur na dithis air a cheile ; no, math dh' fhaoidteadhjbuaidh shònruichte aiggiùlan an dara h-aoin air nàdur an aoin eile ; is cha 'n eil e eu-coltach nach fhaodadh Màiri tighinn an coinneamh Chailein ceum na b' fhaide mur a biodh i 'ga fhaotainn cho fior fhrionasach. Tha sin uile nàdurra. Ach, air an làimh eile, thug a deagh nàdur stèidh- eil, agus eadhon a' bhuaidh a bh' aig a gaol air Cailean, cothrom dhith air sealladh na b' fhèarr fhaotainn air an t-slighe air an robh i dol, agus a h-uile car cam is cnap- starraidh a bh' air an rathad fhaicinn le sùil shocraich, chiallaich. Chunnaic i nach robh an t-àm ann. Bha fhios aice gu 'n robh oighre Dhùin-àluinn an airidh air bana- chompanach a b' fhèarr na i fein ; agus gu 'n robh athair a' cur dubh-chùil rithe mar bhana-chliamhainn ; is leis an sin, gu 'm fhèarr an fhoighidinn thràth a ghabhail, agus gheibheadh i furtachd anmoch.

Cha robh Cailean og a' faicinn troimhe so cho math ; is bha e air udal gu 'n tigeadh rudeiginn 'san rathad a chuireadh Màiri a dhith air, air fad. Cha robh e ach air fiar bliadhna thar fhichead. Cha robh riamh aige r' a Ion a chosnadh no smaointinn air. Mar a dh' eirich do gach aon de sheorsa a

CAILEAN OG IS MAIRI. 41

rugadh le spàin airgid 'na bheul, cha robh sgil ariQfe air an t-saoo^hal no air a dhoilgheasan. Cha robh de churam air ach a mhiannan fein a shàsachadh ; agus is minic a tha sin fèin 'na chùram is 'na thrioblaid do 'n cheann aotrom gun stàth. Bha moran de ghliocas a mhàthar an Cailean og ; agus ged a bha sin a' toirt a' chudtruim as na bh' ann de Chailean Mor, air uairean 's e Cailean Mor a bhiodh gu h-àrd. Bha aon rud ann : gu 'n robh e blàth-chridheach, seirceil, faireachail, ceart 'na dhoigh 's 'na bheachd.

An deidh dha dol a laighe an oidhche ud, bha moran a' tighinn fodha. Os cionn gach ni bha bàs a mhàthar, a thiodhlaiceadh an latha ud fein. Cha robh Màiri s e fein a' tighinn air a cheile thaobh a' phosaidh ; agus ged a bha e faicinn gur h-i bha ceart, 's o^u 'n robh i air a stiuradh le a gliocas

o o

ceanalta fein, cha robh e buidheach dhith nach robh i, mar gu 'm biodh, toileach tighinn 'na choinneamh, ged a b' ann gu deuch- ainnean is cruadal fein. Dhearbhadh so dha, gun teagamh, a gaol air-san ; ach cha dearbh- adh e 'n gliocas a bu choir a bhi am mnaoi a ghabhadh os làimh ceum a thoirt gun fhios c' àite 'n robh i cur a coise.

Sin an suidheachadh 'san robh iad le cheile. 4

42 DUN-ALUINN.

Bhiodh iad iomadh latha am mèinn athar-san ; is na 'm bu duine e sam faoidteadh earbsa a chur as, bu rud eile e. Ach cha b' e. Cha robh fios ciod è a dhèanadh e an tionndadh na boise ; is b' e an gliocas do 'n chàraid òig sealltainn rompa, agus foighidinn a ghabhail. Is iomadh nighean òg nach leigeadh fhaicinn gliocas is roimh-fhaicinn mar so anns a' cheart suidheachadh, agus, an goraiche na h-oige, leis nach bu ruith ach leum an tairgse a ghabhail air sgàth direach ainmeachas aon uair an uaireadair de bhanas-tighe an caisteal mor far-thollach, far-uinneagach, brèagha Dhùin-àluinn. 'S iomadh ; ach cha b' ann diubh Màiri Nic Griogair.

Cha robh Cailean ach ga aoirneagan fein 'san leabaidh mar gu 'm biodh bodachan- sàmhaich. Dh' eirich e 'sa mhaduinn gun mhoran de fhois na h-oidhche ; ach nuair chunnaic e Màiri feadh an latha, chuir a briathran craicionn a b' fhèarr air.

Bha e nis a' tighinn dh'ionnsuidh an àma de 'n bhliadhna'sam feumadh Cailean tilleadh do 'n oil-thigh. Bha ràidhe an fhoghair air dol seachad, is dh' fhàg e aig Cailean cuimh- neachan gle ghoirt. Thug e leis do Ghlascho e ; ach nuair fhuair e am measg a shean chompanach as gach cèarn de 'n rloghachd,

CAILEAN OG IS MAIRI. 43

thòisich an t-eallach air togail deth. Cha b' e dreuchd a bha Cailean ag ionnsachadh. Bha moran eile coltach ris nach b' e cnuasachd a bha 'nam beachd, ach a mhàin ainmeachas a bhi 'nan oileanaich mar chloinn dhaoin- uaisle. Bha moran diubh so 'san am ud, a' rànaich 's ag ùpraid a sios 's a suas Sràid Aird Ghlascho, far an robh an sean oil-thigh ainmeil.

Ged bha Cailean og Dhùin-àluinn glè aotrom, bha nàdur cnuasachd is sgrùdaidh ann, agus bha e gabhail tlachd ro mhoir am bhi sgrùdadh bàrdachd na Grèige 's na Roimhe, 's gan coimeas ri bàrdachd nan Gaidheal, air nach robh ach cuideachd bhròn- ach fior eolach, 's a bha gu faiteach, ach gu fonnmhor, fo bhlàth an lios nam bard, ged nach robh i a' tarruing aire morain oirre. Aonaranach 's mar a bha i, lag 's mar a bha i, gun luchd-leanmhuinn 's mar a bha i, a freumhan mar a bha iad, sgaoilteach, daing- eann, anns an aon oiseann is truaighe, is bochduinne, s is leathoiriche air an t-saoghal uile gu leir, sheasadh i 'n làrach, aghaidh ri aghaidh, ri bàrdachd air bith d' a gnè.

'S minic a sgrudadh Cailean an Iliad's an y^neid, 's a chuireadh e taobh ri taobh iad fein is Oisean. 'S minic a smaoinich e ma

44 DUN-ALUINN.

bha 'n Roimhe 's a' Ghreig air thoiseach air a' Ghaidhealtachd bhig, bhochd, an ealaidh- ean, is anns gach seorsa càlachaidh, gu 'n robh na Gaidheil, anns a' chuibhrinn thim a bha comh-shinte ri cuibhrinn tim Homer is Virgil, na b' uaisle 'nan nàdur, na bu bhàigheala r' a cheile, na bu thruacanta ri 'n nàimhdean, na bu sheirceala ris an anfhann na na Greugraich no na Romanaich. 'Nan aiulan ri mnathan bha iad fad air thoiseach. Cha robh na Romanaich a' toirt urram bhan do 'm ban-deathan; ach bha na Gaidheil a' toirt urram bhan-deathan d' an cuid bhan, ged a bha e duilich a smaointinn gu 'n robh cuid a rinn air an cuid bhan mar a rinn ^neas air Dido.

Bha inntinn dhomhain, bhreathnachail aig Cailean, ged a bhiodh e, air uairean, air a bhuaireadh gu aotromas is streup nuair ghluaiseadh ni-eiginn sònruichte na h-oilean- aich gu aramach, a mhilleadh 's a stialladh air feadh prìomh-shràidean a' bhaile.

Cha robh uair seach a cheile a gheibheadh inntinn aotromachadh nach b' ann nuair a thigeadh litir thoilichte bho Mhàiri le naidheachdan na dùthcha, agus gu sònruichte m* a phiuthair bhig, anns an robh tiachd mor aige. 'S iomadh uair a gheibheadh e sgeul

CAILEAN OG IS MAIRI. 45

a chuireadh dorran air, cuideachd, nuair chluinneadh e buidheann an deidh buidhne de shiuagh ceutach na dùthcha a bhi 'gam fogar thar a' chuain a dheanamh àite do chaoraich an toiseach 's a rithis do fheidh. Cha b' e h-uile mac uachdaran fearainn a bha cho fosgailteach, tùrail, neo-fhèineil ri oighre Dhùin-àluinn an am an fhograidh 's an fhuadaich. 'S ann gu mhath fein, la eiglnn, a bhiodh ''an t-ath-leasachadh " ; ach cha robh a chridhe 'na sgroib ; is thionndaidh e gu dubhlanach air athair is air a' bhàillidh a thaobh na h-obair dheistinnich a bha dol air a h-aohaidh air an oio^hreachd.

Latha b' fhaide mach na 'n la ud, chrean Cailean og air a chomh-fhaireachdainnean ris an t-sluagh ; ach tha 'n corr de sin ri tighinn. Is minic a thachradh e air cuid de thuath athar air faontradh air sràidean cruaidh Ghlascho. Fhad 's a ruigeadh a phoca air, dheanadh e fuasgladh orra. Cha do chaomh- ain e riamh a dhragh no uine a shealltainn air son àitean cosnaidh dhaibh aig càirdean 'sa bhaile mhor, ris an rachadh a dheagh fhacal gu math fada. Dhaibh-san a roghnaich- eadh falbh le 'n teaghlaichean do thirean cein, bheireadh e a bheannachd is leigeadh e ris f haireachdainnean am blàths s an coibhneas.

46 DUN-ALUINN.

An còrr cha b' urrainn da a dhèanamh aig an am. Ach bha e 'n dochas gu m biodh de chumhachd aige la eiginn na chuireadh stad air an obalr ghràineil a bha g itheadh na Gaidhealtachd mar an luibhre bhasail.

Cha robh uair a rachadh e dhachaidh nach robh atharrachadh r a fhaicinn : an sluagh air an sguabadh a baile an sud is a baile an so ; is far an robh, eadhon an de, sluagh lionmhor a' toirt am beathachaidh as an fhonn a leasaich iad fein le saothair an làmh, s a thug iad gu rian 's gu feum, bho riasg is bho roinnich, gus an robh blàth a' bhuntàta is diasan a' choirce a' gliostradh sa ghrein an àite an fhraoich bhadanaich s na luachrach fheusagaich, cha 'n eil an diugh ach tobhtaichean falamh is achaidhean lom.

Cha do sheas an dicheall dad daibh. Bha 'n eucoir a' riaghladh le làimh làidir, is ceartas a! sgreuchail 's s! tuireadh air mullach gach cnuic. Dh'fhàg na h-àrmuinn an duthaich, is thuinich an lag is an t-anfhann aig a' chladach a thoirt an teachd-an-tir as a' chuan mhor. An sin rinn iad tigheadas mar nach b' olc, agus le fàbhar Chailein, a bha daonnan air an cùl, fhuair iad cleiteagan anns an robh iad a' togail beagan buntata is arbhair.

EACHANN A' PHACA. 47

CAIBIDEIL V.

EACHANN A' PHACA.

Mar a dhiricheas an t-iubhar nuair thig an t-sreang- dheth, dhirich Dùn-àluinn nuair shruth an trioblaid bhàrr a ghuaillean. Dh' fhalbh am bròn deth cho deas 's a thilgeas neach eallach dheth. Eadhon an seachdain no dhà, bha e mar an gobhlan- gfaoithe air foirinn a' chaisteil aor altachadh a so-iathan s 'o^a chriathradh fein mu 'n toir- eadh e 'n iteag.

'S iomadh breunag air an do thachair e, a h-uile ceum gu n d' thug e ; ach thachair e air te an Lunnainn a chuir an dubh-chapuill air fad air. Agus thachair Dùn-àluinn rithe ann a h-aon de thighean-cluich a' bhaile. 'S iomadh fear a chuir i sgleo air a shùilean. Cha deach an aodach boireannaich te bu speisealta s a b' inniche. Bha a cneas mar an sneachdadh geal, 's a gruaidhean dearg mar chaorann. Bha i cho direach ri luachair, 's cho deas sgiobalta chuimir ri earba na beinne. Mhiannaicheadh an snaidheadair a

48 DUN-ALUINN.

cumadh mar shamhladh da ghilb ; is bha da shùil dhuinn na ceann cleiteach a mhealladh fear treun. Mheall i iomadh fear. Phòs duin-uasal i ; ach cha 'n fhanadh i air, is theich e. Thàrlaidh i mac og iaria oirre a rithis, agus phòs iad. An deidh sin leag i a suil air Dùn-àluinn. Chuir i tuaineal 'na cheann, mar a chuireas an neas an ceann an eòin, agus laigh e aig a casan, pòsda 's mar a bha iad le cheile.

Bhiodh i fein 's an duine aice gu trie air bhòrdaibh mora an Caisteal Dhùin-àluinn, agus b' e na mhothaich a' bhaintighearn cheanalta air na turusan sin a dh' fhoghainn dith air fad. Chunnaic i nach robh anns a' Bhan-fhrangaich ach ubhal dhearg na gaoid 's a' bhuairidh ; drùiseag, bhlàth- chridheach ma b' fhior, bheulach, mheallach, chunnartach a bha sgaoileadh a lin bhradaich anns gach lios a b' fhèarr, 's i fein mar an damhan-alluidh 'na suidhe 'na mheadhon, 'na cùis-bhuairidh do gach fear a leigeadh ruith dha fein.

Shuidhich i a lion an Dùn-àluinn nuair fhuair i an caisteal falamh. Nuair nach biodh fear Dhùin-àluinn an Lunnainn, bhiodh a' bhan-chleasaiche 's a fear an Dùn-àluinn. Bu chùis-bhruidhne iad do 'n dùthaich.

EACHANN A' PHACA. 49

Bha Cailean oof air a o^hreadadh, o-ed nach robh math dha bheul fhosgladh. 'S iomadh uair a leigeadh e inntinn ri Màiri nuair bhiodh iad comhla.

" Cha 'n eil doigh air faotainn cuidhte 's i ach mise phosadh agus thusa ghabhail stiur- adh an tighe, Mhàiri/'

" Cha dean e feum ; cha dean e feum, a Chailein," arsa Màiri. " Is coir gu 'm bheil deagh bharail agad air an sin cheana. Na biodh smaointinn agad gu m faighinn-sa no thusa greimeachas de 'n t-seòrsa sin, ged tha cùisean mar tha iad."

''Cha 'n 'eil fhios agam c' ar son," arsa Cailean. " Nach beag tha m' athair aig an tigh uair air bith."

*' Is beag; is beag; ach cha gheill gach uair da cheile. Na creid thusa gu 'm bi Dùn-àluinn gun bhean-tighe, ma ghabhas e dèanamh de 'n te ud. Tha siiil an uilc 'na ceann. Tha n fhras a' dèanamh, a Chailein. Tha mise cheana a' cluinntinn a fuaraidh as^tis 'ora faicinn a' dèanamh 'san iarmailt."

*' Cha 'n 'eil mi 'gad thuigsinn, a Mhàiri. 'S ann a tha i ag iarraidh ormsa daonnan posadh. Cha 'n urrainn mi sin a chur oirre, co-dhiùbh," arsa Cailean. ''Ach, thallamaid sgriob a sios do 'n chlachan."

50 DUN-ALUINN.

Bha 'n clachan direach mu mhile air falbh. B' e aon bhaile na duthcha e. Bha gach tàillear, s gach greusaiche, s gach marsanta a' fuireach ann. B' e buth Mhic Iain Bhig aon bhuth a' bhaile. B* e, cuideachd, aon àite ceilidh a' bhaile a latha 's a dh' oidhche. Bha e Ian nuair a chaidh Cailean is Màiri a steach, 's iad a' tarruing as Eachann a' phaca.

** Tha sinn a' gearan do Eachann an so, a thaobh mar a tha m fear Gallda an deidh a' ghaoth a thoirt as na siiiil aige," arsa Mac Iain Bhig.

**An spliadhaire spàgach/' ars Eachann. '* Gheibh mise mo latha fein fathast air. Cha phàigh an obair ud da. Stadadh sibhse."

'' An d'fhalbh thu dachaidh fathast, Each- ainn," arsa Màiri.

'' Cha d' fhalbh," ars Eachann. '' Ach tha mi falbh a nis," s e deasachadh air a' phaca. '' Tha 'm fear so cho trom a' falbh 's a bha e tighinn. Ma thachras am fear Gallda orm air an rathad, bheir mi 'n ceann as an amhaich aige. Cha d' fhuair mi sion bhuam san tigh mhor, a Mhaighstir Cailean, bho na thàinig an t-eun-sith ud an rathad."

** An è am marsanta Gallda, no a' bhean- uasal?'' arsa Mac Iain Bhig, agus na bha stigh a' triotan ghàireachdaich.

EACH ANN A' PHACA. 51

**A' bhean-uasal ! *' ars Eachann air a shocair fein. '*'S i direach a' bhean-uasal, ma s i bean-uasal a th' agad oirre, a Mhic Iain Bhig."

Ghàir na bha stigh leis an eud a bh' aig Eachann ris an fhear Ghallda.

** Reic thusa air pris riaghailtich, is gheibh thu margadh cho math ri daoine eile," arsa Mac Iain Bhig.

*' An è pris riaghailteach a th' ann a bhi reic air challdachd, a Mhic Iain Bhig?" Am bheil thu fein a' reic air challdachd, a Bhig Iain Mhic ? Cia mar thigeadh tu beò, Iain Mhic Bhig ? " arsa Eachann, s e cur nam facal cas-mu-seach leis a' chabhaig, gus an robh na bha stigh gu bhi marbh leis a' ghàir- eachdaich.

**U!'' arsa Mac Iain Bhig; **cha'n eil duine 'sam bith a' reic air challdachd ma s urrainn da a sheachnadh ; ach a dh' aindeoin sin, cha ruig sinn a leas ar bàthar a shailleadh tuillidh s a' choir."

*' Co tha ga shailleadh, a ghliug.'^" ars Eachann, 's e gabhail froinidh, s gun sin duilich a chur air. '' Cha b' ann de na h-eòin thu fein, a ghaisgich, mur a togadh tu sop ; is cha 'n fhaca mi riamh gu 'm bu tu a' cheud

52 DUN-ALUINN.

fhear 'san duthaich a reiceadh cearc anns an latha fhliuch. Seadh ! ^'

Ghàir Màiri is Cailean cho math ris a' chòrr nuair chuala iad an urchair a thug Eachann do Mhac Iain Bhig.

'* Nach fhaod thu breith air lainih orm ? " arsa Mac Iain Bhig, s e sineadh a làimhe do Eachann. *' Cha bhiodh do phaca-sa cho trom an deidh do shiubhail mur a biodh tu gleidheadh deagh chùram do na cearcan a fhliuch am marsanta Gallda ort. Ho-ho-ho ! " arsa Mac Iain Bhig, 's e bualadh a dhà bhois air a cheile.

'*'S dona leam g-g-gu 'n toirinn mo chuid seachad a nasgaidh. Ch-ch-cha chuireadh tusa uchd is m-m-maothan ort, mar a ni thu air cùl eadar-chlàir, na 'm biodh tu reic na bu shaoire na bha thu c-c-ceannach, o chionn fichead bliadhna/'

'* Tha mise a' reic mar tha mo choimhear- snaich agus mo sheòrsa ; ach cha 'n eil thusa. Cha 'n eil tigh 'san duthaich a gheibh thu do shròn a sheideadh ann o na thainig am mars- anta Gallda. Ciod a their thu ris an sin ? "

Cha robh Mac Iain Bhig ach a sàr-tharr- uing as Eachann, 's e 'na dhuine a bhiodh daoine tarruing as, co-dhiiibh. Nuair a bhiodh each ri feala-dhà, bhiodh esan ri fior dha-

EACHAXN A' PHACA. 53

rireadh ; agus fhad 's a bhiodh an deò ann, cha souireadh e orus am biodh am facal mu dheireadh aige.

Co-dhiubh, thilg e am paca 'n cul a chinn, sgrog e a bhoineid air, 's am mach ghabh e, 's a dhosan a' crathadh mu bhathais mar gu 'm biodh tarbh. Thionndaidh e 'san dorus, agus ars esan : '' Oidhche mhath leibh uile, ma ; na bheil agamsa, phàigh mi air a shon ; ach cha n fhaod e bhi nach ann a mharbh am marsanta Gallda fear-pac eile mu 'n urrainn da leithid de chunnradh a thoirt seachad : agus 's ann air a tha fior choltas an t-slaightire. Cha mhor ri cliii na Ban- fhrangaich gu 'm biodh uiread malairt eatorra. An trail! ! "

Ghair a' chuideachd a rithis leis cho dùr- achdach 's a bha Eachann.

'' 'S ann a tha choltas a' toirt am chuimhne fear a bheireadh seachdain anns an uaigh. An spàgaire crùbach, crotach."

Am mach ghabh Eachann 'na throtan, nuair thubhairt e sud, seach gu 'm faigheadh Mac Iain Bhig an corr a ràdh.

'* Bi falbh, bi falbh ; beiridh Seònaid ort an nochd, co-dhiubh," ghlaodh e as a dheidh.

Bha sglèat a dhith Eachainn, agus bha e creidsinn gu mor am buidsichean. Bha e

54 DUN-ALUINN.

cur roimhe gu 'n robh buidheann diubh as a dheidh fein ; agus b' i Seònaid a bu bhan- cheannard orra. B' annamh uair a rachadh Eachann a steach do thigh 'san oidhche, nach seasadh e greis ri cùl cathrach a' gabhail rann, ga sheunadh fein bho na buidsichean. Air uairean, thilgeadh na balaich Ian an dùirn de chlachan beaga air mullach an tighe na 'm bu thigh sglèat e. Leumadh Eachann air a dhà bhonn, agus ghlaodhadh e, 's e sealltainn am mullach an tighe : '' So ! Tha iad so air tilleadh a rithis. Gaoth gun direadh orra ! " Rachadh e 'n sin troimh 'n uirgheall a rithis, agus na balaich a' sgiamhail air an taobh am muigh.

THACHAIR AN DA BHONN ODHAR. 55

CAIBIDEIL VI.

THACHAIR AN DA BHONN ODHAR AIR A CHEILE.

Air an rathad dachaidh, agus oidhche bhòidh- each, chiùin ann, 's iad air achlaisean a cheile, bha Cailean is Màiri a' bruidhinn thall s a bhos ; agus arsa Màiri : '' Cha 'n eil ionghn- adh orm, cuideachd, mar a tha Eachann bochd a' bruidhinn mu phrisean an fhir Ghallda. Cha 'n eil sion 'na phaca nach 'eil e a' toirt seachad air a leth-luach. Am fac thu 'n currac a cheannaich mi do Mhoir bhig? Cha robh e ach leth-chrun ; agus cha cheannaicheadh deich tasdain am baile Ghlas- cho e."

** Dh' fhaoidteadh gu 'n do spùinn e buth, no gu 'n do mharbh e fear-siubhail eile, mar tha Eachann ag ràdh. Co 'd aig tha fios ? Ha-ha-hà ! " arsa Cailean, 's gun e gabhail umhail do phrisean no do bhathar nam marsantan-siubhail.

**Tha mi 'g ràdh riut gu 'm bheil e neònach," arsa Màiri, s i toirt crathaidh air gàirdean Chailein. *' Ciod è 'n sgil a th' aig

S6 DUN-ALUINN.

fir ? Tha trògain mhòr eadar e fein 's an te riomhach 'sa chaisteaL"

** Cha 'n e na bheil i ceannach bhuaidh, ma tà," arsa Cailean. "An da, tha Peigi shearbh- anta 'g ràdh, nuair thig e 'n rathad, gu 'n toir i steach da seomar e, agus nach 'eil sion 'sa phaca nach tionndaidh e mach dith. Nach b' e 'n da latha e do Chaisteal Dhùin-àluinn, a ghràidh, a ghràidh ! "

*' Tha oidhche mhath ann ! " arsa guth.

** Tha, oidhche ghasda. An tu tha 'n sud, Eoghain ? " arsa Cailean.

**'S mi. Am bheil sibh brath tighinn air cheilidh ? "

'' Nach ann bu choir duit ar cur dachaidh, ged a bhitheamaid air cheilidh ! " arsa Màiri, 's i fein is Cailean a' tionndadh a dhol a steach.

B' e Eoghan a' chiobair fear de thuath Dhùin-àluinn. Bha 'n tigh direach taobh an rathaid ; agus bhiodh tathaich mhor air. Cha robh teaghlach 'san dùthaich air fad cho coir ri teaghlach Eoghain. Bha bean an tighe fialaidh, suilbhearra ; agus cha robh i riamh gun '' trinnsear ime " agus '' leab-fhalamh " aice.

''Thigibh a nios ! Thigibh a nios ! " ars ise, nuair chunnaic i Cailean is Màiri.

Bha iad a' bruidhinn thall 's a bhos mu n

THACHAIR AN DA BHONN ODHAR. 57

cuairt an teine nuair chual iad tartaraich a' tighinn dh' ionnsuidh an doruis ; agus co nochd a stigh ach Eachann, 's e draghadh a' phaca eadar na h-ursannan.

** Air do shocair! Air do shocair, Eachainn, mu 'n toir thu 'n tigh mu 'r cinn ! " arsa fear an tighe. ** Ciod è air thalamh tha 'n so? Feumaidh gu n do thachair Seònaid an nochd ort, co-dhiubh, Eachainn ! "

''An da, gu dearbh ; feumaidh gu 'n do thachair rudeiginn air ! " arsa bean an tighe.

'' Cha 'n 'eil fhios a'm nach do thachair am fear Gallda air," arsa Cailean.

Chuir Eachann a dhà shùil bhioraich troimh Chailean, agus, mur a b' e Cailean fein a bh' ann, bha fhreagairt aige dhà.

''C'àite'n robh thu bho na chaidh thu seachad an so? Bu choir duit a bhi thar na beinne an dràsd," arsa bean an tighe. ''Am fac thu dad, Eachainn ? Innis a nis, bho nach eil a stigh ach sinn fein."

Ciod è sam bith am faireagan a ghabh Eachann, bha aogasg an uamhais air, agus a h-uile ròin a bh' air a cheann nan seasamh direach.

" Cha 'n fhaca mi dad ; ach smaoinich mi, bho na bha i cho anmoch, gu m b' fhèarr dhomh tilleadh," ars Eachann.

5

58 DUN-ALUINN.

*'Nis," arsa bean an tighe, *'cha dean e feum, Eachainn. Innis ciod è chunnaic thu."

** Cha 'n fhaca dad ; slon ; " ars Eachann, s e sealltainn am mullach an tighe, 's a' clap- ail a ghluinean le làmhan.

'* Chunnaic thu rudeiginn, a nis. Cha do thill thu riamh gun reusan air choireiginn. Ciod è chunnaic thu, nis? Innis e/'

** Ho-ho ! Nach eibhinn bean an tighe ! " ars Eachann.

** Ciod è chunnaic thu, nis, Eachainn?'' arsa bean an tighe gu socrach, agus cho Ian da-rireadh 's gu 'm b' eiginn do Eachann, mu dheireadh, tighinn am mach leis.

** An da, bhan-ghoistidh choir, direach bho na sginnisg sibh asam e, chunnaic mi Eoghan so an so ! an duin' agaibh fein/*

''Seadh!" arsa bean an tighe, 's i seall- tainn mu 'n cuairt air each, 's a' cromadh a nunn ri Eachann.

*' So agaibh direach fhad s a ghiorrad mar bha. Nuair bha mi dol seachad an loch, agus direach mu choinneamh an Ruadh- phuirt, ciod è chunnaic mi eadar mi 's leus a' tighinn tarsuinn an loch ach bàta ràmh. Ciod è, ma tà, smaoinich mi, ach gu 'm b' e prosnan de bhalaich a' bhaile bh' ann 2! dean- amh aramach air na feidh 'san dorcha ; agus

THACHAIR AN DA BHONN ODHAR. 59

's e rinn mi crùban an torn seilich làmh ris an aite 'n tigeadh am bàta steach. Thàinig i direach fo m' shròin ; agus co b' ionghnadh leam fhaicinn a sgath an ràimh thoisich, agus a' leum am mach gu ghlùinean 'san uisge, ach fear an tighe so "

*'0 Mhoire, Mhoire ! ciod è tha thu 'g ràdh ? " arsa bean an tighe, 's i ga direadh fein 's a' bualadh a làmhan air a glùinean, 's a da shùil 'nan seasamh 'na ceann.

" Bha fear Dhùin-àluinn 'na shuidhe an deireadh a' bhàta, agus na gillean air fad 'sa chuideachd."

'' Tha rudeiginn ann," arsa fear an tighe.

*' Cha 'n 'eil mi gealtach," ars Eachann ; ''ach chaidh mi air chrith, agus thàinig fallus fuar tromham, nuair chunnnaic mi iad a' tog- ail cuirp am mach as a' bhàta."

'' O ! O ! " arsa na bha stigh, agus iad a' sealltainn an aodainn a cheile.

''Ciod è air thalamh tha so a' ciallach- adh ? " arsa Màiri, s i sealltainn air Cailean.

"Tha dreag cuideiginn ann," arsa fear an tighe.

" A chiall, a chiall ! " arsa bean an tighe.

Chaidh na guthan am measg a cheile ; is bha Eachann a' sealltainn bho h-aon gu h-aon gus an stadadh iad.

$0 DUN-ALUINN.

*'Chaidh an corp a chur *na shineadh air fàradh, agus lean mi 'n giulan gus an d' fhàg e mo shealladh cùl a' bhruthaich. Bha Diin- àluinn a' coiseachd dlùth 'na dheidh, 's a cheum gu math trom/'

Ged a rachadh core ann a h-aon 'sam bith de na bha stigh, cha tigeadh deur fala as. Chuir iad an sealladh daithte a dh' aon taobh.

Dh' atharraich Màiri daithean is dh' fhàs bilean a beòil gorm ; ach cha do chuir e Cailean fein a nunn no nail. 'S ann a thòisich e air feala-dha, a dh' aotromachadh air each, agus air a ràdh gu 'n do shaoil e gu 'm b' e 'm marsanta Gallda a thachair air Eachann 's a chuir eagal air.

'' An cuaran sgrèataidh, na 'n tachradh e ormsa mu sud am meadhon monaidh, 'san oidhche, dheanainn cleas na circe air," ars Eachann am fior dha-rireadh.

Cha robh e duilich do Eachann colg a thogail air nuair mhaoidhteadh am marsanta Gallda air.

An teis-meadhon an t-seanachais co a nochd a stigh ach am marsanta Gallda fein ; is cha robh duine stigh nach do ghàir nuair a thach- air an da bhonn odhar cho tubaisteach.

Bha barrachd càirdeis eadar biast-dubh agus abhag na bha eadar Eachann s a

THACHAIR AN DA BHONN ODHAR. 6i

choimhirp. Bha bhlàth 'sa bhuil. Mu 'n gann a thàinig iad an gaoith a cheile thòisich Eachann air crnusdail.

** Thig an t-olc ri iomradh ; agus 's ann ort a tha a dheagh aogasg, 'ille/' ars Eachann.

Bha sin air an fhear Ghallda : dreach a bha oillteil, mar gu m biodh e air a lathadh le fuachd.

" Leiofibh an duine bochd dh' ionnsuidh an teinidh/' arsa fear an tighe.

'* An dìol-dèirce truagh ! " arsa Màiri, le fior thruacantas.

Bha Eachann 'na shuidhe taobh an teinidh 's e dol a lasadh na pioba, is suil nuagach aiofe air an fhear Ghallda.

'' Diol-deirce ! " ars esan, air a shocair. '' Cha 'n eil air an dearo^ mhèirleach ach na leisgeulan. Chunnaic mise e tighinn troimh'n mhonadh an latha roimhe, is cha 'n 'eil fear san dùthaich a bheireadh fiaradh as, a' leum nan digr s nam boglaichean. Ach a choma- luath s a mhothaich e dhomhsa, chuir e cuag 'na chois agus druinnean air a dhruim coltach ris an each chrubach aio; Seumas IMor ; ao;us cha robh ceum aig an t-slaightire an trian- na-braise."

Am fad 's a bha Eachann a' bruidhinn, bha e cumail eibhleig anns a' phiob leis

62 DUN-ALUINN.

a' chlobha, s e bleodhadh 's a' seideadh na h-eibhleig s a' cur dheth aig an aon am. Bha e mar gu 'm biodh farmad air ris an fhear Ghallda, a chionn each a bhi cho coibhneil ris, 's e cho uireasbhach.

Chuidich bean an tighe dh' ionnsuidh an teinidh e ; ach thàinig tuisleadh air mu chloich-an-teintein, agus thuit e nunn air muin Eachainn.

'' Bheil thu faicinn ciod è tha thu an deidh a dheanamh a nis ? " ars Eachann, 's e putadh an fhir Ghallda bhuaith le chasan gus an do thuit e 'na chuail air an ùrlar.

'* Eirich, a leirist ; eirich ! '' ars Eachann, 's am fear Gallda a' rànaich.

Chaidh an eibhleag a bh' aig Eachann a SÌOS cul 'amhaich, is na mnathan s! feuch- ainn ri fuasgladh thoirt da.

Chaidh a losgadh gu h-olc mu 'n d' fhuair iad an teine a thoirt air falbh ; agus cha robh ach tòiseachadh air an truaghan a leigheas mar a b' fhèarr a b' urrainn daibh.

'' An dearbha," arsa bean an tighe ; ''thèid mis' an urras gu 'n d' fhuair an duine bochd na dh' fhoghnas da an da latha so."

** Cha 'n 'eil cùram do 'n chealgair," ars Eachann, 's e 'na shuidhe mu 'choinneamh, a' cumail paipeir laiste ris a' phiob. "Is math

THACHAIR AN DA BHONN ODHAR. 63

learn aige aon dad a fhuair e. Cumaidh sud am paca dubh bhàrr a dhroma an da latha so. Ha-ha-hà ! " ars Eachann, 's e togail a chasan 's a làmhan còmhla 's a' sealltainn rathad an fhir Ghallda.

''Tut, tut! Mo nàire ort fein, Eachainn, a bhi cho beag faireachduinn do d' chomh- chreutair. 'S e cleachdadh nan Gaidheal daonnan a bhi coibhneil ri coigrich."

'''S è; agus ged is è fein,'* ars Eachann, *'nach e sin a rinn tràillean diubh, agus a dh' f hag gu h-iosal iad : a bhi toirt meas air coigrich thar an cuideachd fein."

Rinneas deas deoch de bhainne teth do n fhear Ghallda ; is, nuair bha e ga h-ol, cha bu lugha rinn Eachann de chàineadh.

''Cumaibh ris i. Cumaibh ris i. Cumaibh deoch bhlàth ris. Seallaibh ; seallaibh ! *S ann a tha e mar gu 'm biodh ann laogh anns am biodh a' chrith."

Cha robh duine stigh nach robh call a lùths a' gàireachdaich leis cho dùbhlanach 's a bha Eachann a' dol ri càineadh an truaghain dhuine.

''So, so! Saoil nach bi greis mu 'n teid am paca bradach a suas," theireadh esan. ** An cuagaire spàgach ! Na 'n robh fhios a'm ciod è Bheurla th' air 'peircle briste,'

64 DUN-ALUINN.

dh' abrainn ris e. ' Trupens, trupens/ B' e sin a' chànain. ' Trupens ' air tri sgillinn."

Cha robh duine fo chromadh an tighe nach gabhadh ceangal le snàthainn, s iad ag eisdeachd ri Eachann a' càineadh an fhir Ghallda.

Cha robh fhios ciod è dheanteadh riutha an oidhche ud an tigh Eoghain. Bha Each- ann mar bu trice a' dèanamh a dhachaidh san uaimh mhoir taobh a' chladaich air taobh- cùil a' bhaile. 'S e *'Uaimh-nam-farbhaIlach" a theirteadh rithe, a chionn gu 'm biodh a h-uile coigreach a thigeadh do 'n cheann duthcha a' fuireach innte. Cha robh Eachann ach gann uair air bith gun chompanach ; agus gle thric bhiodh aon leth-dusan s! cur suas innte aig am. Cha robh àite-còmhnaidh cumanta 'san dùthaich san am ud cho comh- fhurtachail, bhlàth, sheasgair ri Uaimh-nam- farbhallach ; agus anns na seann linntean, is iomadh càraid a thog an teaghlaichean innte gus am faigheadh iad tigheadas a b' fhèarr a chur suas dhaibh fein. Cha robh a dorus a bheag na bu mhotha na dorus tighe ; agus bha i fada farsuinn 'na broinn. Bha deagh urlar dòrnag innte, agus luidhear nàdurra bha dol am mach am bearradh 'na gheodha mor, domhain. Bha 'n dorus ach gann an oir na

THACHAIR AX DA BHONN ODHAR. 65

tuinne, 's air a dhion bho chathadh na fairge le stac de 'n chreig. Am mach o gu 'n robh Uaimh-nam-farbhallach duilich a tholrt am mach 'san dorcha, cha robh àite-còmhnaidh 'san duthaich bu sheasgaire na i. Agus air cho fiadhaich 's gu 'm biodh an stoirm, cha robh i 'n cunnart a rusgaidh fhad s a sheasadh na cnuic.

B' e so dachaidh Eachann a' phaca.

Air an oidhche so, chaidh leabaidh an t-aon a dhèanamh dha fein 's do 'n fhear Ghallda an ceann an t-aon de 'n t-sabhul ; agus an uair a thàinig am dol mu thàmh, thòisich an iorghuill aig Eachann a rithis.

**An è mise ! " ars esan. *'An è gu 'n caidlinn-sa fo dhruim an aon tighe ris a' mheanndran chealgach sin ! 'S mise nach earbadh m' amhach ri onoir an t-slaightire ! "

*' Ud, Eachainn, an duine bochd, uireas- bhach. Ciod è tha thu a' smaointinn a dhèanadh e ? " arsa bean an tighe, 's i pluch- adh a stigh na gàireachdaich, 's am fear Gallda gu crom, truagh 'na shuidhe taobh an teinidh, uilinn air a ghluinean, 's a cheann eadar a dha bhois.

** An e sin ! " ars Eachann. ** Na h-earb- aibh leam e. Leòra ! Dhèanainn cleas Shamsoin air na FiHostaich air : an sabhul

66 DUN-ALUINN.

a leagadh mu chlaigeann," is e maoidheadh a dhùirn ris an fhear Ghallda.

** Eirich thusa mach comhla ris, Eachainn. 'S ann a chumas e na buidsichean uait. Thig mu 'n so, 'ille," arsa bean an tighe ris an fhear Ghallda.

'' Faodaidh mi sin ; ach bidh mo leabaidh an cul a' ghàraidh an nochd. Tha fios aig Eachann ciod è tha e dèanamh," ars esan, 's e togail a phaca 'na achlais.

Dh' eirich am fear Gallda, cuideachd ; is nuair a bha Eachann am mach an dorus, sheas e is thug e suil 'na dheidh air.

'* So, so ! Seallaibh a nis e. Nach ann aige tha 'n tighinn eiginneach ! Cha chuir esan seachad an oidhche nochd an sabhul fuar, frogach."

Mu 'n do leig Eachann na facail as a bheul, bu sud a thuit am fear Gallda 's am paca 'nan aon ghlag air an urlar. Thòisich e air rocail 's air casdaich 's air crathadh a chasan 's a làmhan, is a dhà shùil air tionnd- adh 'na cheann.

'*So!" ars Eachann. ''So! Nach math a ni e danns a' chlaidheimh air a dhruim direach ! Hui-hui ! Hi-hi ! Suas i, 'ille.

' Gille Calum^ da pheighinn, Gille Calum, bonn-a-sè/ "

THACHAIR AN DA BHONN ODHAR. 67

ars Eachann, 's e gàireachdaich, 's a' cannt- aireachd, s a' gearradh ghailleag, 's a' danns- adh 'sail dorus.

'' Marbhphaisg ort fhein, Eachainn! A* dol air t' aghaidh air an doigh sin, 's tu faicinn suidheachadh an duine bhochd," arsa bean an tighe, 's i fein 's na bha stigh mu 'n cuairt air an fhear Ghallda.

An ceann tacain, thàinig e mu 'n cuairt ; agus cha robh ach seid a dhèanamh dhà taobh an teinidh anns a' bhlàths.

''So/' ars Eachann, ''bithidh agamsa an sabhul domh fein, ged nach 'eil e cho seasgair ri taobh an teinidh. Oidhche mhath leibh, a chuideachd ; tha fios gu 'm bheil giamhannan annamsa, mi fein, ged nach e 'n seors' ud. Cha 'n 'eil dad air an t-slaiorhtire."

o

Dh' fhalbh Eachann, 's e bronagail roimhe gus an deach e stigh dorus an t-sabhuil.

Air dol am mach a dhol dachaidh do Mhàiri is do Chailean, bha gàireachdaich chridheil aca riutha fein air Eachann 's air an fhear Ghallda.

''Cha 'n 'eil mi creidsinn idir 'san fhear Ghallda," arsa Màiri.

"Ma 's da-rireadh e," arsa Cailean, " 's e culaidh-thruais a th' anns an dìol-dèirce ; ach

68 DUN-ALUINN.

ma 's ann a' gabhail air a tha e, 's e cleasaiche barraichte th' ann."

*' Cha do phàigh a thratan ro mhath dha an nochd/' arsa Màiri.

" Cha do phàigh/' arsa Cailean. *' Dh'fhàg Eachann comharra 'na chuideachd a bheir e leis do 'n uaigh. Cinnidh ainfheòil cùl amhaich an deidh sud, a bhios cho mor ri m' bhois. Ho-ho-ho ! Ach cha choir domh bhi gàireachdaich."

Ach cha b' urrainn do h-aon de 'n dithis cumail o ghàireachdaich, a' cuimhneachadh air cho dùbhlanach 's a bhreab Eachann am fear Gallda bhuaith, 's e cumail na h-eibhleig ris a' phiob, 's gu 'n mhir truais aige dha.

** Cha mhor nach do thuit mi." Agus ghàir Màiri.

'* Cha robh fhios a'm fein ciod è theirinn. E cur an fhir Ghallda bhuaithe mar gu 'm biodh an cù." Agus ghàir an dithis comhla air na cleasaichean a thachair riutha cho tubaisteach.

Nuair ràinig iad an tigh-sgoil, chaidh a h-uile car aithris is ailis do mhàthair Màiri ; agus ghair an comunn gus an do dhùisg iad Mor Bheag anns an t-seòmar.

MORT 'SA BHEINN-SHEILG. 69

CAIBIDEIL VII.

MORT 'SA BHEINN-SHEILG.

An ceann mios, no uime sin, an deidh an t-seallaidh a chunnaic Eachann, dh' eirich breamas am mach 'sa choimhearsnachd, a chuir ach gann stad air anail gach duine san dùthaich.

Bha muinntir an tigh mhoir an latha so, mar a b' àbhaist, 'sa bheinn a' sealgaireachd a' choilich dhuibh, na h-easaige, 's na ruadh- chirce, a bha cho Ronmhor air oighreachd Dhùin-àluinn. Co-dhiùbh b' ann le tuiteamas, mar a dh' fhaodadh a bhi, no le comhairle shuidhichte, mar a bha moran am beachd, no ciod-e-mar, mar a bha e 'na cheist leis a h-uile neach, chaidh an duine aig a' Bhan- fhrangaich a mharbhadh le urchair.

Cha robh 'sa mhonadh an la ud ach e fein is fear Dhùin-àluinn is triùir ghillean. Dh' eirich an tuiteamas so am mach mu mheadhon latha, nuair bha 'n t-seilg greis 'na stad, 's a' chuideachd a' gabhail greim bidh. Chualas an urchair ; ach co loisg i

70 DUN-ALUINN.

cha robh fios no crois. Bha n triuir ghillean aig an am 'nan suidhe leotha fein am fasgadh nan craobh 's iad a' biadhadh nan con. Cha robh an cuideachd an t-Sasunnaich ach Dùn- àluinn a mhàin, agus, gu nàdurra, leagadh amharus trom air. Cha do thachair driodart de 'n t-seorsa so riamh roimhe an Dun- àluinn ; agus cha robh duine fad mhiltean air gach taobh de 'n loch air nach do chuir e glong agus oillt.

Bha 'n sluagh eolach air a cheile fad na sgireachd. Bha 'n t-aon a bu bhochda 's a b' irisliche riamh, a stri ris an aon bu bheart- aiche 's a b' fhèarr dheth, a chum cliù is deagh bheusan a shinnsearachd a leantainn, agus an cumail uile gu leir foirfe, glan gun smal. Bha e dèanamh stri, mar an ceudna, ri an liubhairt sios da shliochd, mar dhlleab cubhraidh gun mheang, mar a shineadh a nuas dha fein i bho na linntean a dh'fhalbh o chian, le athchuinge dhurachdaich a cumail gun smal fhad s a bhiodh i fo chomraidh-san.

Sin gnè a' Ghaidheil ; agus be gnè muinntir Dhùin-àluinn e; agus gnè nan coimhearsnach mu 'n cuairt air fad. Bha iad ionraic, glan, teisteil 'nan caitheamh-beatha, a' stri r' a cheile air son cliù is meas is deagh bheus, gun sgil air an truailleachd, no air

MORT 'SA BHEINN-SHEILG. 71

a* mhosaiche, a bha gle bhitheanta air an taisbeanadh am measg moran de na h-uais- lean, aofus air an orairsinneachadh nuair a dh' eireadh rud 'sam bith am mach a aite 'sa choimhearsnachd.

Mar bheithir a speur gun smal, thàinig an driodart a thachair am beinn na seilg air muinntir Dhùin-àluinn. B' e bu chuspair anns gach aite san tachradh còmhlan air a cheile. Cha robh neach a bheireadh a bharail gu follaiseach ; ach bha bharail fein aig gach neach.

** Nach fhad o na thuirt mise riut-sa, Chailein," arsa Màiri, ''nach robh a' Bhan- fhrangach 'na sùgradh. Tha rudeiginn nach 'eil ceart a' dol air aghaidh 'sa chaisteal, agus is mor m' amharus gu 'n robh an tuiteamas so, ciod è 'sam bith mar a thachair e, air a dheagh dhealbh o chionn iomadh latha. Bha 'n truaghan amaideach ud anns an rathad. Cuimhnich thusa mar thubhairt do mhàthair chaomh riut air leabaidh a bàis : * Thoir an aire dhuit fein/ Cuimhnich, a Chailein. Cuimhnich is thoir an aire dhuit fein. Cha bhi dad an rathad nam biastan ud nach sguab iad air falbh. Cuimhnich."

'* Is math tha mi a' faicinn ciod è tha dol," arsa Cailean. *' Cha 'n 'eil ach an aon rud

72 DUN-ALUINN.

gam chumail gun an duthaich fhàgail : thusa, Mhàiri, agus Mor bheag mo phiuthar/'

^' Cha 'n 'eil cùram dhuinne ; ach seall thusa ort fein. Cha fhreagair an còrr an dràsd. Feumaidh sin feitheamh ris an am cheart. Cha n 'eil dad a' dol dhinn. Is fhasa iomram leis an t-sruth na 'na aghaidh. Gabhamaid gu socrach e, agus, an cùrsa nàduir, thig sinn gu acarsaid shàbhailte, lath-eiginn. "

Bha Màiri a' tighinn am mach leis na facail mar gu 'm biodh i bualadh tarruing an sud *s an so air a ceann. Bha Cailean d cur meas mhoir air a tuigse, air a comhairlean, 's air doimhneachd a cinn, agus bha e g aomadh gus a bhi leagte r' a briathran. Na 'n diiiltadh athair pung a bha roimhe, a chur mu choinneamh, bha inntinn suidh- ichte air an ath cheum a bheireadh e.

Air feasgar an latha air an do thachair an driodart ud a chuir a leithid de sglèamas air gach duine, bha Eachann a' phaca agus dithis eile de luchd-siubhail gan garadh fein gu seasgair mu choinneamh teinidh mhoir bhrèagha an Uaimh-nam-farbhallach. Bha *m feasgar fàileanta, fuar, s iad a' gabhail ris a' bhlàths air fad, 's a' deasbud 's a' sgrùd- adh na driodairt bhochd a thachair ; agus an

MORT *SA BHEINN-SHEILG. 73

grolamas grànda dhaoine a bha leantainn an uachdarain.

** Fhaicibh ! Is ann r' an linn a thàinig am marsanta Gallda fein, an tanasg truagh," ars Eachann.

*' Gu dearbh, s ann ; agus tha iad ag ràdh gu 'm bheil a' bhean-uasal gle bhàigheil ris, cuideachd. Cha 'n 'eil uair a theid e rathad a' chaisteil nach òrduich i sios do 'n t-seomar e ; agus tha i daonnan a' ceannach bhuaith," arsa fear de na bodaich.

'' Sin rud nach dean i riumsa, a' bhean- uasal no a' bhan-tràill, 's e theirinn rithe ged tha mi mhuinntir na h-oighreachd," ars Eachann.

'*Cha 'n ann de na h-eoin thusa, ged tha. Tha daonnan barrachd meas air eun fuadaich, aorus OTQ sonruichte a reir na o-aoithe a sheid do 'n diithaich e," arsa fear eile de na bodaich.

''Ciod è bhochdainne an spàgail a tha n sud ? " ars Eachann, 's an triuir fhear a' cur mùgrain orra is so^àil le 'n làmhan air an sùilean, 's a sealltainn rathad an doruis.

Co thàinig a spàgail a steach ach am marsanta Gallda !

**0, chuideachd ; a chuideachd ! Ciod è tha 'n so ? " ars Eachann. ** 'S ann a shaoil mi gu 'm b' e gèadh, 's a cas briste bha san

6

74 DUN-ALUINN.

laprachan, leis an trathail a bh' air am measg nan clach."

Leag am fear Gallda dheth am paca, is shlaod se e fein dh' ionnsuidh an teinidh, gun chuireadh, gun iarraidh.

Cha robh Gàidhlig aige ; ach bha Beurla gu leoir aig fear de na bodaich. Dh' innis am fear Gallda, an guth piochanach, truagh, gu 'n robh roimhe dol gu taobh thall na duthcha ; ach leis e bhi cho anmoch, is e cho uireasbhach 'na choiseachd, gu 'm b' fheudar da dèanamh mar rinn e uair no dhà roimhe : tighinn a chur seachad na h-oidhche 'san uaimh.

'' Bha e 'n ceàrdaich a' ghobhainn roimhe, tha mise tuigsinn ; ach 's ann an uair nach bithinn-sa innte," ars Eachann.

*' U ! Bithidh sinn uairean air teinteanan coimheach air fad," ars an da bhodach eile a beoil a cheile.

Anns a' bhruidhinn a bh' aca, thuit am fear Gallda eadar iad 's an teirie, mar a rinn e roimhe an tigh Eoghain a' chiobair. Thòisich e air crathadh a chas 's a làmh gus an do spread e h-uile srad a bh' air a' chagailt feadh an ùrlair. Leis an oillt a ghabh na bodaich, am mach an dorus a thug iad, 's an dara fear a' tilgeadh an fhir eile as an rathad air.

MORT 'SA BHEINN-SHEILG. 75

''A mhic chridhe ! Tha sud uamhasach. 'S i 'n tuiteamach a th' air," arsa fear de na bodaich.

*'An robh cobhar mu bhus ? " arsa fear eile dhiubh.

'* Falbh thus' agus seall," ars Eachann.

*' 'S ann learn nach toil dol 'na choir no 'na fhaisg," ars an treas fear. '' Tha duine theid a choir na feadhnach ud, buailteach air an tuiteamaich e fein, tha iad ag ràdh."

** Tha mi faicinn gur fèarr sguab na adag dheth," ars Eachann ; " ach, eadar dhà shean- chas, ciod è mu m' phaca-sa ? Tha sibhse ceart gu leoir. Tha ar cuid de 'n t-saoghal air ar dromannan."

** Nach fèarr sealltainn a stigh feuch ciod- e-mar tha dol da? " arsa fear de na bodaich,

Chaidh an triùir air an socair dh' ionnsuidh dorus na h-uamha. Bha h-uile fear a' dèan- amh uiread storabain 's a b' urrainn da, am measg nan clachan le chasan, a' gabhail air gu 'n robh e 'g iarraidh bhi air thoiseach, ach daonnan a' tuisleachadh thall 's a bhos, a thoirt uine do fhear-eiginn eile dol roimhe, 's iad air fad air an oillteachadh. Nuair ràinig iad dorus na h-uamha, cha robh iad ach a' sealltainn thairis air guaillean a cheile, seachad air an ursainn.

76 DUN-ALUINN.

*' Tha e an sud fathast," arsa fear.

*' Tha e socrach, co-dhiùbh," arsa fear eile.

'* Ma tha, cha 'n 'eil e sàmhach," ars Each- ann. '*'S aim a tha e ag aothanaich mar gu 'm biodh ann mart a bhiodh an deidh lionadh oirre fein am polaig bhuntàta. Nach cluinn sibh e, fheara."

*' Tha e cunnartach gu 'n teid e ri theinidh an sud," arsa fear de na bodaich.

'' Ri theinidh ! " ars Eachann, s e sineadh amhaich seachad air each a dh' fhaotainn seallaidh a b' fhèarr. *' Cha 'n 'eil fhios ciod è bha dol ri theinidh. Ged a bhiodh an riocal grànnd ud an àtha cheilpeir cha dean- adh e ach fas dearg, mar gu 'm biodh ann bobhta de iarann ; an tràill."

Co-dhiùbh, shnàgain Eachann a steach gus an d' fhuair e greim air a phaca. Ghabh iad, an sin, comhairle cheile feuch c' àite 'n cuireadh iad seachad an oidhche, gun an corr dragh a chur air an uaimh mhoir.

Bha uaimh eile faisg a làimh anns a' chlad- ach tholgach. Chruinnich iad connadh gu math eigneach anns an dorcha ; agus ged nach robh a choltas orra bhi ro chomhfhurt- achail san àrdraich fhuair, fhuaraidh, far an robh fraighneadh ris na balachan sgorrach,

MORT 'SA BHEINN-SHEILG. 77

agus boinne-taior aior an t-snidhe air an urlar gharbh, chlachach, fhuair iad fraon nach b' olc idir, ri linn na h-eiginn.

Cadal cha robh iad s! faotainn, 'nan leth- shineadh air na sonna chlachan.

''An da, tha diiil a'm," ars Eachann, *'gu 'n teid sinn a shealltainn ciod-e-mar tha dol do 'n chliathranach a dh' fhàg sinn ga ghreidheadh ris an teinidh. Thallaibh, fheara ! "

Ràinig iad dorus na h-uamha moire gu foilidh. Ach bha mo laochan an deidh teine ùr fhadadh, s e 'na shuidhe ga gharadh fein gu socrach, toilichte coltas.

''A dhearg chealgair! A shlaightire gun nàire ! Fhuaras am mach do thratan brad- ach, mu dheireadh. Cha bu lugha riamh na mo bharail ort, a mhèirlich, agus thig direach am mach a so," ars Eachann, 's e deanamh ultaich de n fhear Ghallda, mar gu 'm biodh aige ann leanabh, agus ga thogail am mach gus an do thilg e measg nan clachan e, 's e sgreuchail 's a' sgreadadh mar gu 'm biodh cearc air am beirteadh. Thilgeadh am paca mach as a dheidh, is cha robh aige ach bhi sporradhuil feadh nan doirneag gus an d' thug e mach an uaimh a dh' fhàg each, le

78 DUN-ALUINN.

bhi stiùradh air a' bhoillsge sholuis a bha tighinn bhuaipe.

Chuireadh an oidhche seachad gun an corr dhriodartan, is anns a' mhaduinn ghabh gach fear a rathad fein.

CO MHARBH SEUMAS WELDON? 79

CAIBIDEIL VIII.

CO MHARBH SEUMAS WELDON?

Bha 'n duthaich uile fo phràmh an deidh an tuiteamais a thachair an la roimhe sud. Bha e 'm beul gach fir is mnatha anns gach àite an tachradh iad. Ciod-e-mar thachair e? Am bu tuiteamas da-rireadh e ? Co ris an luaidhear e ? Am b' e Dùn-àluinn ? Am b' i bean an duine fein ? An robh an ni uamhasach air a dhealbh ; is an robh cuid- eiginn eile cùl laimhe ?

B' iad so na ceistean a bha tighinn am bàrr ; ach b' iad ceistean ris an robh daoine glice a' crathadh an cinn gun am freagradh.

Thàinior an luchd-lagrha a lonbhar-aora. Rinneadh garbh rannsachadh. Cheasnaich- eadh gach aon bha mu 'n cuairt na làraich ; ach cha d' fhuaireadh fianuis thaisbeanach an acrhaidh duine. Chuala an triuir orhillean

o o

an urchair. Leum iad air am bonn 'sa mhionaid. Bha Dùn-àluinn ao- 61 dibhe a sruthan mu thri fichead ceum air falbh. Chunnaic na gillean a' tighinn 'na ruith e

8o DUN-ALUINN.

dh' ionnsuidh an duine. Bha e 'n uair sin mu dhà fhichead slat bhuaith. Bha na gunnachan ri taic creige mu fhichead slat do 'n fhear a chaidh a mharbhadh, agus air an taobh dheth air an robh Dùn-àluinn. Cha n fhacas duine eile mu 'n cuairt, ged a dh' f haodadh neach a bhi am measg nam preas. 'S gann a bha uine aig Dùn-àluinn an urchair a losgadh, ruith sgonn air ais, s a bhi 'san laraich 'san robh e, nuair chunn- aic na gillean e. Bha a' Bhan-fhrangach am mach a' chuid bu mhotha de 'n latha, agus anns an am air an d' eirich am breamas am mach ; ach bha i dealbhadaireachd, a reir coltais, caigeann mhiltean air falbh. Cha d' ionndrainneadh duine 'sam bith eile as a' choimhearsnachd. Bha amharus trom aig gach duine 'san dùthaich air fear Dhuin- àluinn. Bha amharus, cuideachd, air mnaoi an duine fein a' Bhan-fhrangach ach cha robh fianuis 'nan aghaidh. Ruraich is ranns- aich is cheasnaich an luchd-lagha ; ach eadar gach tuasgladh,'s gach eunach,'s gach forrach a rinn iad, bha fòtus anns an fhianuis.

B' i, leis an sin, a' cheist do-fhuasglaidh a bha 'm broilleach gach fir is mnatha 'san sgireachd : *' Co mharbh Seumas Weldon ? " Na b' fhaide na sin cha deach a' chùis. Bha

CO MHARBH SEUMAS WELDON ? 8i

Dùn-àluinn 'na dhuine cumhachdach 'san tin Mar a bha a h-uile fear d' a sheorsa 'san am, bha caraid aige 'sa chùirt ; agus, mar an ceudna, bonn 'na sporan. Gheibheadh, an uair ud, an t-uachdaran as gu reamhar, garbh far nach fhaigheadh an t-iochdaran as ach gu cumhann, caol ; agus leis an sin, chaidh an ni a phluchadh seachad gu maol, marbh. Chaidh ; ach bha 'm beachd fein aig an t-sluaorh. Cha robh iad an teagamh nach

o o

deach foill a chluich. An deidh beagan uine, dhaingnicheadh na beachdan so 'nan cridh- eachan.

An deidh bàs a fir, thug a' bhean-uasal Lunnainn oirre. Cha b' f hada gus an do lean Dùn-àluinn i ; agus mu 'n deach an t-ath earrach gu math 'na thigh, thàinig an dithis dachaidh, guala air ghuala, 's iad pòsda : Fear Dhùin-àluinn agus Bean Dhùin-àluinn.

Cha robh duine air nach robh sglèamas. Ghabh Cailean og gu mor gu cridhe e. Cha robh fios aige ciod è an àirde as an cuireadh an ath oiteag, is cha robh e ach air ais 's air aghaidh gu Màiri, a leigeil inntinn rithe agus a ghabhail a deagh chomhairle.

** Am bheil cuimhne agad an oidhche bha sinn a' tighinn còmhla as a' chlachan ? " arsa Màiri ri Cailean.

82 DUN-ALUINN.

«

'*Tha," arsa Cailean.

*' Agus nach d' thubhairt mise riut gu 'n robh mi faicinn na froise dèanamh ? "

^* Thubhairt."

'* Agus nach d' thàinig m' fhàisneachd air a cois ? " arsa Màiri.

*' Thàinig, ma s e na thachair a bha thu ciallachadh."

'*'Se; agus creid thusa mise, Chailein, gu 'm bheil do na te ud sa bheairt, is nach d' thug i fathast an urchair mu dheireadh do 'n iteachan. 'S math a chunnaic do mhàthair chaomh so. Gabh thusa a comhairle is cum do dhà shùil fosgailte."

*'Gun teagamh, a Mhàiri. Ach ciod è tha thu g iarraidh orm a dhèanamh ? An è 'n dùthaich fhàgail ? " arsa Cailean.

*' Dìreach sin ; gus an tig an t-àite gu d' làimh fèin/' arsa Màiri.

'* Tha thu cur iongantais orm. Am bheil thu fas sgith dhiom ? An do chuir na thach- air a'm theaghlach grain ort rium ? Am bheil thu 'n diiil cùl a thoirt rium ? An è sin an doigh air faotainn cuidhte 's mi ? An è, Mhàiri ? An è ? Innis. Innis gu grad," arsa Cailean bochd, 's e 'n dara h-uair a' fàsgadh a dhòrn s an uair eile a' cniodachadh 's a* clapail Màiri 's ga tarruing a steach r' a uchd.

CO MHARBH SEUMAS WELDON ? 83

''A Chailein, a ghaoil ! " arsa Màiri, 's a da laimh mhin air gach guala de a leannan, agrus a da shiiil bhoidheach a' sealltainn gru durachdach 'na aodann. ** Biodh gliocas a'd cheann. Eisd, agus glac foighidinn. Ciod a dh' iarr eadhon do mhàthair ort ? "

'' Thusa a phòsadh," arsa Cailean, is e 'ga ceapadh.

'' Seadh ! Ach cuin ? Tha thu 'n toiseach ris an aire thoirt duit fein, g-un mise bhi anns an rathad, cho math riutsa. Tha mise ag innseadh dhuit nach bi cnap-starraidh an aghaidh na te ud," arsa Màiri gu socrach, ciùin, glic.

*' Ciod -e- mar bhiodhmaid 'na rathad?" arsa Cailean.

*' Nach robh a fear anns an rathad orra ? '' arsa Màiri. "Tha fios aice mu 'n cuairt oirnne ; agus mur a sgaoil sinn fein, sgaraidh ise sinn."

** Cuiridh mi chuige iad le chèile,co-dhiùbh, feuch an tuig mi ciod è tha 'nam beachd," arsa Cailean.

Dh' fhàg a' charaid òg a bha n gaol cho mor air a cheile, beannachd aig a cheile.

Bha Cailean 'na shuidhe 'na sheomar a' smaointinn 's a' cnuasachd, 's a làmh fo leth-cheann, nuair co thàinig a steach gu

84 DUN-ALUINN.

sìobhalta, suairce, banail, ach a mhuime. Shuidh i air cathair làmh ris, agus a' cur a làimhe gu blàth, coibhneil air a ghlùin, chaidh i steach an seanchas ris, an doigh a thug air Cailean bochd a bheachd atharrachadh oirre car tacain.

**Tha thusa nis, a ruin," arsa ise, ''aig aois thùrail duine. Chaill thu do mhàthair nuair bha thu aig inbhe nach diochuimhnich thu i ; agus, gu nàdurra, bithidh mise leat an toiseach mar mheall fuar sneachd."

Thug na briathran so tiomadh air Cailean.

'' Tha mi n àite do mhàthar. Cha Uon mi a h-àite ann ad chridhe-sa ; ach co their gu h-olc rium ma bheir mi na h-oidhirpean gu ceart, dleasnach, a chum s nach fairich thusa no do phiuthar call ur màthar."

Bha Cailean ag eisdeachd, 's na deòir 'na shùilean, 's e smaointinn nach b' urrainn boireannach a bhi na bu bhlàithe s na bu tlusala na a' mhuime so a bh' air a coimeas ris an uaigh fhuair an-iochdmhoir.

Ach lean ise oirre.

*' Nis, a ruin, dean thusa dachaidh dhuit fein 'sa mhionaid. Cha 'n 'eil an sin ach ceum nàdurra, agus, le ceartas, tha coir agad air a dhèanamh ged nach tachradh so idir. Cha 'n 'eil na 's grinne na do leannan ; agus

CO MHARBH SEUMAS WELDON ? 85

dean bean do thighe dhith gun dàil. Bheir t' athair duit fear de na bailtean a tha e 'n deidh a reiteachadh ; ach gus an tig an latha, an ciirsa naduir, anns am bi thu 'nad fhear Dhùin-àluinn an latha sin anns an teid mise, ma s mi bhios air deireadh air t' athair, do thigh tursach na banntraich."

Nuair bha Cailean leis fein, 's e sràid- imeachd air an ùrlar, 's a dhà shùil 'san làr, bha e g ràdh ris fein nach b' urrainn bana- charaid tachairt ris a b' fhèarr na mhuime.

*'Tha, tha/' theireadh e ris fein, le toil- inntinn gu 'n toireadh i athair mu n cuairt air a thaobh ; ''tha'm beachd cèarr againn oirre air fad. Boireannach gasda. Boireann- ach tiirail. Boireannach tuigseach. Tha 'm beachd cèarr againn oirre. Tha : cha n eil teagamh ann."

Agus 's ann a bha aithreachas air a bhi cur eucoir 'sam bith as a leth. Ach thàinig eile ; is cha b' fhada chuige.

Thug e sràid am mach. Chunnaic a mhuime e, s i sràidimeachd 'na seòmar fein. Bha i figheadh an Hn anns an rachadh Cail- ean, 's i 'n deidh an laghan a thoirt as a' cheud sreath mhogul.

'' Ha-ha," ars ise, s i sràidimeachd feadh an urlair, is ciorb de shròl rìomhach 'na làimh

86 DUN-ALUINN.

chlì, 's i siarsalachadh na te eile mar gu 'm biodh i air ùrlar tigh-cleas, is na ceudan ga feitheamh 's 'ga h-eisdeachd. '' Ha-ha, 'ille mhaith ! Cha bhi thusa tighinn a'm rathad-sa na 's mo na each. Is mise nis bean laghail Dhùin-àluinn, is leigidh mi fhaicinn, air mo shocair, agus gu sàmhach, gur mi. Ha-ha ! Gheibh thusa cead do choise. Thoir do Mhàiri ruadh Nic Griogair leat, ma thogras tu ; ach cha bhi sibh mu 'm choinneamh-sa. Cha bhi; no cha mhise Mariette Wolfe hm Nic Colgain Ha-ha. Nic Colgain, gu dearbh ! Baintighearn Dhùin-àluinn. Ha- ha ! Ach ni mise Dun-dorainn de do Nic Griogair ruaidh, agus do thuilleadh 's i, mu 'm fairtlich orm. Ise! Is esan ! Gu dearbh!"

** Ho-ho ! Mo chaileag ! Mo bheanag ! Mo dhèideag ! Am bheil thusa 'n so leat fein ? " arsa Dùn-àluinn, 's e tighinn a steach s a' cur a dhà làimh mu 'n cuairt oirre, 's e ga pògadh 's ga sliogadh. '* Shaoil mi gu 'n robh Cailean leat."

'' Bhà," ars ise gu blàth, mìogach s i sliogadh aodainn le a basan mine, geala, 's i sineadh a suas a beòil chuige g a phogadh ; '* bhà ; ach tha e 'n deidh dol am mach. Bha mi direach a' toirt comhairle màthar air," is

CO MHARBH SEUMAS WELDON ? 87

fad na h-uine a beul r'a bheul ga phògadh o-u oraolach.

'' Seadh !" ars esan s e ga plùchadh ris.

** Bha mi 'g^ ràdh ris ou 'm bu choir da a bhan - chompanach a thaghadh a nead a b' fhèarr na 'n nead a tha e taghal."

''Seadh! Is ciod è tha da-rireadh 'na bheachd ? "

*'Tha 'na beachd an rud a bha na bheachd o chionn bhliadhnachan : Nic Griooair thoirt dachaidh. Dh' fheuch mi a thoirt as; ach as cha tig e. Nach bochd an gnothuch gu 'm biodh caileag- chumanta tighinn a thoirt sHochd do Dhùn-àluinn. Feumar, feumar, feumar stad a chur air gun dol a thoirt dimeas air fuil àird, uasail, uaibhrich siol Cholgain," 's i bualadh a làimhe air a ghuala a leigeadh fhaicinn, ma b' fhior, cho durachdach s a bha i a chumail a suas cliii an teao-hlaich anns an deach i an dòigh cho salach 's a bha i fein 'na gluasad 's 'na caitheamh-beatha ; is cha b' fhèarr Dùn-àluinn fèin.

*' Leig thusa eadar mise 's e," ars esan, 's e toirt ceuman daingeann feadh an iirlair, aodann air tòiceadh, 's e sgailceadh a làmh.

Dh' oibrich am fiidar a chalc a' bhan-

88 DUN-ALUINN.

eucorach 'na dhroch chlaigeann, far an robh eucoir is gràinealachd gu leòir mar a bhà.

** Leig thusa eadar mise 's e, is cha chreid mise nach fuaraich e cho luath 's a theasaich e. Am peasan leibideach nach eil fhios aige ciod è ceann a tha fodha dheth. i\ch bheir mise gu mothachadh e. Bheir mise gu mothachadh e cho cinnteach 's is e ' Cailean ' is ainm da. Leigfidh mise fhaicinn da o^us nach gabh coin no coimhich ris, no 's ann gu 'n call."

Sheas e 'n sin is sheall e 'san da shuil bhradaich oirre, 's a bhilean duinte, daing- eann air a cheile.

*' Cha 'n 'eil ann ach gaotharan, is feumar a smachdachadh," ars ise.

*' Mar thubhairt mi cheana : leig thusa eadar mise 's e."

Nuair bha i leatha fein 'san t-seomar an deidh do Dhùn-àluinn dol am mach, 's i chuir fiamh gàire an uilc oirre fein.

'' ' Leig thusa eadar mise 's e,' 's e bhios ann," ars ise rithe fein. '' Fhuair mise do 'n tràigh, agus ni mi maorach, ciod è 'sam bith ciod è 'n rotach a bhios orm a' tighinn aisde. Biodh sin air Dùn-àluinn. Ho-ho-hò ! Tha ghuaillean leathann gu leòir. Ho-ho-hò ! "

CO MHARBH SEUMAS WELDON ? 89

Cleas an damhain-alluidh, fhuair i 'n lion fhigheadh, is cha robh aice nis ach suidhe'na theis-meadhon gus an tigeadh Cailean truagh lath-eiginn a' sranndail le sodan mu 'n cuairt, nuair thigeadh e a ghabhail comhairle athar mu n phosadh a bha 'na bheachd.

Thàinig e sin.

90 DUN-ALUINN.

CAIBIDEIL IX.

CAILEAN ÒG 'GA FHÒGRADH.

Beagan làithean an deidh sud, chunnaic Cailean Màiri a rithis. Dh' innis e dhith cho fàbharach 's a bha 'mhuime dha, is gu 'n robh e cinnteach nach biodh athair 'na aghaidh. Bha h-uile ni air a shocrachadh, is cha robh càs tuillidh ann. Bha mhuime cho coibhneil. Bha i calg - dhireach an aghaidh mar a shaoil e. Bha e air a dhall- adh cho mor leis a' chumhachd nàdurra bh' aig a' Bhan-fhrangaich 's gur gann a chreid- eadh Màiri gu 'm b' e Cailean a bh' ann idir, mur a biodh s gu 'm b' aithne dhith cho math e. Bha a' Bhan-fhrangach comasach. Bha buaidh mhi-nàdurra air a teangaidh shleamhainn, mhilis, is aig a h-aodann reidh, suairce, banail, neoichiontach coltas, gun ghò, gun chron.

Ach, ma mheall i each, cha do mheall i Màiri Nic Griogair thuigseach, thurail. Dh' eisd i ri Cailean gus an do chuir e mach na bh' aige r' a ràdh. Mur an d' aontaich i

CAILEAN OG 'GA FHOGRADH. 91

leis, cha do chuir i idir dad 'na aghaidh. Thuig i a' chùis an làrach nam bonn, agus dh' fheumadh i, mar dheagh sheanalair air a chur an cùil chumhainn, gun fhios da, leis an nàmhaid, ceum a thoirt air a h-ais le seolt- achd, gus am faigheadh i fàth air buaidh a bhi aig gliocas a beoil is neart a h-argumaid, air Cailean, anns a' chraicionn san robh e d' a mhuime bho na chunnaic i roimhe e.

''A Chailein," ars ise, **cò is motha durachd dhuit, mise, no do mhuime? Am bheil durachd do mhuime duit na 's motha na durachd do mhàthar ? Ciod è b' aobhar do 'n eallach a chuir do mhàthair do 'n uir ? Ciod Ì a chomhairle thug i ort mu 'n do dhuin i suil ? Cuimhnich, a Chailein ! Leig do chomhairle ri t' athair ; ach cha 'n fhaigh thu ach an diult air a' chnaig. Na biodh eagal ort gu 'm faigh mise no thusa fathamas an Dùn-àluinn. Tha tuillidh an amharc na te ud ; is cha bhi thusa m' a coinneamh. Creid no na creid."

Cha 'n 'eil teagamh nach d' thug na briath- ran durachdach so atharrachadh air Cailean. Bha brelthneachadh math aice. Cha robh aobhar aice esan a dh' fhalbh as an rathad, ach air a shon fein. Bha e nàdurra gu leoir, na 'm biodh a h-uile rud ceart 'na àite, gu 'n

92 DUN-ALUINN.

robh mòran r' a bhuidhinn le a fhuireach ; agus a h-uile dad r' a chall le a fhalbh. Bha ise a' faicinn na cùise na bu shoilleire na esan. Bha 'chridhe an geall oirre cho mor 's nach robh e faicinn ciod e 'n reusan athair no mhuime bhi 'na aghaidh, is e fo dhruim a thio^he fein. Nach b' e fein an t-oighre laghail ? Nach robh Ian choir aige air dèan- amh mar a rinn athraichean ? Nach robh an t-àm dha pòsadh ? Cha b' e ceum amaid- each a bh' ann ; agus ged a b' è, nach b' i 'n amaideachd ghlic i !

Sin na smaointean a bha 'n cridhe Chailein ; is na b' fhaide na sin cha robh e faicinn. Ach fhuair e shuilean fhosgladh. Rud a bha ceart gu leoir da, chuir e roimhe a bharail a thoirt far na cùise, agus a bheachd fein a leantainn gus a' cheum a b' fhaide mach.

Bha fios aige gu 'm bu duine breun ceann- laidir athair. Bha fios aige an deidh 's gu leir, nach robh 'na mhuime ach grodalach nam ban. Ach leis cho coibhneil 's a bhruidhneadh i ris, is leis cho blath, sheirceil 's a bhuineadh i ris anns gach doigh, bho na rinn 'athair bean Dhùin-àluinn dìth, chuir i sgleò cho mor air a shuilean 's nach fhaiceadh e idir a' ghràinealachd anns am b' aithne dha 'n toiseach i. Bha i, mar an ceudna,

CAILEAN OG 'GA FHOGRADH. 93

air taobh a cheum a bha e toirt, a reir a h-aideachaidh fein ; agus cha robh e idir a' faicinn ach rathad reidh roimhe.

Mu dheireadh, bhruidhinn e ri 'athair. Chuir comhairle Màiri cho mor air earalas e s gu 'n robh e deas, uidheamaichte aon taobh g an tigeadh e. Chum sin a suas e, e thigh- inn cam no direach ; is cha bhiodh e air a mhealladh co-dhiubh dheanadh e Spain no mhilleadh e deagh adharc.

'* Nic Griogair, gu dearbh ! " ars athair. *'Gu 'n luaidhteadh fuil shuarach Chloinn Ghriogair ri fuil uasail, uaibhrich Chloinn- Cholgain ! Gu 'n tigeadh siol nam fograch 's nam fear-cuirn an luib mo theaohlaich-sa ! Seadh ; siol nan ruagalach a shàth coin mhora Mhont-rois am jfiaclan sgorrach nimheach 'nan easg^aidean ruisote ! Na cluinneam e ! Na cluinneam e ! "

Leis an sin, thug e nuas a dhòrn throm, dhuinte air a' bhord le leithid de sgailc 's gu 'n do leum na bh' air oirlich a suas. Bha e air at le feirg, agus na cuislean taobh a chinn air tocadh cho o^arbh ri chorraior.

Bha Cailean e fein air fas teth. Am priobadh, chunnaic e troimh chomhairlean Màiri. Am priobadh chunnaic e troimh fhoill na ruaille bu mhuime da. Chunnaic e ciod è

94 DUN-ALUINN.

bha 'nan amharc le cheile. Chunnaic e gu *m feumadh e *' 'n aire thoirt da fein," mar a dh' earailich a mhàthair air leabaidh bais: ach chuir e roimhe mu 'm fàgadh e 'n duth- aich gu 'n cuireadh e toit de na h-itean asda le cheile.

'^Ruagalaich ! Fir-chuirn!" ars esan. ''Ma bha iad 'nan ruagalaich 's 'nam fir-chuirn, bu mhotha chuir e r' an cliii na thug bhuaithe. An àite an cuid a ghleidheadh le teomachd is le seòltachd a' mhadaidh ruaidh, 's le sodal mosach a' choin, ghleidh iad e cho fad 's a ghleidheadh iad e, gu fearail, duineil, gleusda * le coir a' chlaidheimh.' An diugh, tha iad falamh ; ach an diugh tha iad onoireach, cliuiteach am beachd an t-sluaigh is an eachd- raidh na dùthcha. Co na 's iomraitiche na iad ? Na Griogaraich ; na GrioQ-araich ! "

'' Seadh ! Mar ruagalaich a thogadh màl dubh gu h-eucorach bharr an coimhearsnach, 's a phòcaicheadh gu sanntach, mosach e!" 's e fein a' plùchadh a làimhe gu socrach sios 'na phòca.

'' Bu mhath agus bu ghleusda bha iad 'ga chosnadh, nuair bha iad 'nan gàradh-dìon d' an coimhearsnach ; agus bu gheal am màl- dubh e seach am màl-dubh a tha 'n coimpir- ean a' togail an diugh gu h-ana-ceart."

CAILEAN OG 'GA FHOGRADH. 95

*' Direach sin, a laprachain ; direach sin. Tha mise faicinn, 'ille, gu 'm bheil thusa air do dheagh oileanachadh an sgoil sluagh-iuil a' Mhinisteir Mhoir. Ach ni mise ortsa, mar a ni mi air-san : ceann an rathaid am mach as an sgireachd a leigeadh fhaicinn duibh le cheile ; agus sibh fein a bhi rùrach a' chinn eile gus am faigh sibh e. Thus', a bhead- again gun cheann, gun chasan, gun ean- chainn ! Nach math an airidh thu air oighreachd g a riaghladh ! Thusa a choim- easadh iochdarain losal ri uachdarain uasal na duthcha ! "

" Tha 'n uaisle mar a chumar i ; agus faicibh iochdaran iosal agus uachdaran uasal rùisgte 'san loch ud shios, agus co dh' aithn- icheas eadar an t- uachdaran 's an t-iochd- aran ? " arsa Cailean.

''Co dh' aithnicheas eatorra ?" arsa Dun- àluinn.

'* Seadh ! " arsa Cailean.

'* Co 's fhèarr a dh' abrar ? '' ars 'athair.

**An t-uachdaran, gun teagamh," arsa Cailean, '' nuair chuireas e air aodach. Cha 'n fhèarr am beairteach seach am bochd. Cha *n fhèarr duine seach duine. Ach an fheadhainn a fhuair greim air fearann 's air fonn, nuair a bha neart a' dol thar ceart,

96 DUN-ALUINN.

rinn iad lagh leis an gleidheadh iad e. An fheadhainn aig an robh rud san am le tuit- eamas, ghleidh an lagh sin dhaibh e gus an so. Ciod è is fèarr iad na 'n dream bho 'n d' thug iad e, ged tha iad falamh an diugh. Uaislean gu dearbh ! Ciod è tha 'n sin ach cleachdainn duine ri duine, 's an aon tighinn aca : an cleachdainn a rinn an seang do 'n t-sàsaiche nuair ruith ùine. Uaislean, gu dearbh ! Uaislean ! "

*' Seadh ! uaislean/' arsa Dùn-àluinn. ** Cha dean a h-uile duine uachdaran na 's mo na ni h-uile duine seanalair."

'' Cha do rugadh duine riamh 'na sheanal- air ; ach tha na h-uachdarain 's na h-uaislean air am breith air fad ! Ged a bhiodh sibhse 'nar seanalair, cha dèanadh sin seanalair dhiomsa ; " arsa Cailean, le fiamh gàire a ràinig an smior chailleach aig 'athair breun, neo-mhacanta, neo-mheasail.

'' Direach sin," ars esan, 's e pasgadh a dhà làimh air 'uchd ; ''direach sin. Agus, air a' mhodh cheudna, ged tha mise 'nam uachdaran, cha dean sin uachdaran dhiotsa ; agus cha mhotha na sin a bhios tu 'nad uachdaran air sion fo mo sheilbh-sa, ri d' bheò, ri d' bheo. Sud an dorus. Fag

CAILEAN OG 'GA FHOGRADH. 97

m' fhianuis. Mach as mo thigh ; agus ri d* bheò na faiceam do shùil. Mach ! Mach ! Mach ! "

Leis na facail sin choc e chorrag ris an dorus, is chum e cocte i, 's a bhilean teann air a cheile, gus an deach Cailean am mach.

98 DUN-ALUINN.

CAIBIDEIL X.

CAILEAN AIR CHOMHACH.

Bha 'n Bhan-fhrangach a' farchluais taobh am mach an doruis, is chual i h-uile facal de n iorghuill a bha eadar Cailean is athair.

Nuair chaidh Cailean Mor a steach do 'n t-seòmar far an robh i, thoisich i air miodal, s air briodal ris 'na doigh chealgaich, mheallta, bhradaich fein.

** Tha thu air do chur mu 'n cuairt, a ruin. Cha d' fhuair am peasan a smachdachadh aig glùn, agus cha n eil a sheòrsa furasda a smachdachadh aig uilinn."

'* Nach smachdaich ! " ars esan. '' Nach smachdaich ! Cha leig mise thairis orm e na 's mo na leigeas mi an giolcam-dobhram is motha thachair riamh orm."

'' B' e sud an duine ghleidheadh a suas deagh chliu is fuil uasal rioghail nan àrmunn meanmnach bho 'n d' thàinig e."

** Ach creinidh e air an sin ; agus creinidh e air na beachdan saobh-chreideach a thaobh uachdranais is fior-uaisle tha m Ministear

CAILEAN AIR CHOxMHACH. 99

Mor misgeach an deidh a stalcadh 'na cheann gun eanchainn. Fhuair e taobh na locrach de 'n chòmhla agus gleidheadh se e ; air-neo cha mhise fear a th' ann."

Bha Dim-aluinn a' spaidsearachd air an urlar s a' toirt sad chruaidh da chasan air a h-uile ceum, a dhaingneachadh nam facal.

" Cha seilbhich e oighreachd Dhùin-àluinn, ma dh' fhaodas mise, agus neach 'sam bith a ghabhas roimhe, cha tog e smuid air Ian sluasaid de ùir a bhuineas domhsa."

Bha a bhean air a h-eibhneachadh thar tomhais. Bha 'n t-srian aice an ceann a' bhurraidh agus stiuireadh si e an taobh a thogradh i, 's a teangadh na pluic a' mag- adh air.

Thachair an da bhonn odhar air a cheile, ag*us bha iad a' cordadh ou math.

'' Fhuair mise mo dhùrachd a nis, agus, ma dh' fhaodas mi, gleidhidh mi i. Cha bhi bana-mhaighstir ann ach mise. Ma bhitheas mi 'n deidh m' fhir Ha-ha-hà! M' fhir! agus cha bhi oighre ann ach mo shliochd, ma tha sliochd an dan domh chi mise an oighreachd air a glanadh gus nach bi fiamh no giamh orm gu 'm bi Cailean Og anns an rathad orm. Chi. Chuir mi romham e. Is mise bean Dhùin-àluinn. Ha-hà."

loo DUN-ALUINN.

B' iad so a smaointean. B' e so a dùrachd. Am fad so fhuair i leatha e.

Nuair a dh'fhàg Cailean an caisteal, bho 'n do bhreab, ach gann, athair am mach e, thug e air, lom is direach, gu Màiri. B' i n aon chùl-taic a bh' aige nis, bho na chaill e mhàthair. B'ann rithe daonnan a leigeadh e chomhairle. B' ann bhuaipe daonnan a gheibheadh e comhairle chuireadh misneach ann, anns an daoras 'san robh e ri linn na h-ùpraid 's an tionndadh bun os cionn a bha *na dhachaidh an dachaidh sin a bha nis air fas cho fuar chumhann da s nach robh àite aige 'san oiseann bu lugha s a bu shuar- aiche dhith.

**Cha 'n 'eil mi mir air mo mhealladh. 'S ann a bhithinn air mo mhealladh gu mor na' m b' è 'n t-atharrach a thachair," arsa Màiri. *' Is fada bho na thubhairt mi riut gu 'n robh an teine 'ga fhadadh ; is cha ghabhadh e cur annad gus am fac thu nis e le do dhà shùil fèin. Agus tha mi gle thoil- ichte. Feumaidh tu an dùthaich a thoirt greis mu d' cheann; oir gu cinnteach, a Chail- ein, tha eagal orm nach bi do bheatha sàbh- ailte."

**Tha mi 'ga fhaicinn sin a nis, cho soil- leir ri grein a' mheadhon-latha shamhraidh.

CAILEAX AIR CHOMHACH. loi

Ciod è sam bith mar a thachair Seumas Weldon bochd amaideach r' a bhàs s e sin CO 'sam bith a mharbh e 's e 'n fhoill a chaidh a chluich chaidh a mhort ach diolaidh an ciontach air a shon lath-eiginn, ciod è 'sam bith cho fad air falbh 's a tha e. Bha e 'san rathad. Tha mise 'san rathad, cuideachd ; ach ni mi feum de 'n fhaire-mhonaidh a fhuair mi. An nochd fein bithidh mi air ceann an rathaid. Ach ciod è mu d' dheighinn-sa ; agus mu dheighinn IMoir Bhig, gus an till mise a rithis, ma tha e an dan domh ? "

**Cha 'n 'eil am Moir Bhig ach an leanabh. Leanaidh mise rithe fhad 's a dh' fhàgar aoram i ; ach tha a' cheud choir aio- a h-athair oirre. Cha 'n 'eil cùram dhomhsa na 's mo. Tha mo shean mhàthair agam ri sealltainn as a deidh, agus feumaidh mi bhi faicilleach; agus a' cheud fhosgladh a gheibh mi, fagaidh mi so. Tha a' bhiodag annamsa cho math s a tha i annad fein."

*'Cha 'n 'eil teagam^h ann/' arsa Cailean, *'ach ciod è 'sam bith taobh air an toir thu t' aghaidh, lean ri mo phiuthair."

*' Na cuireadh sin curam ort," arsa Màiri. **Far am bi mise 's mo mhàthair, bithidh ise; no 's è 's gu 'n teid a toirt bhuam le cluip. Cha chuirinn earbsa anns an te ud na

I02 DUN-ALUINN.

b* fhaide na thilginn i. Tha i cunnartach 'san duthaich."

Air an oidhche ud fein, dh' fhàg Cailean tir a dhùthchais, Shuidh e fein is Màiri taobh an teinidh a' bruidhinn air a h-uile doigh a b' fhèarr a ghabhadh rathad ùr a reiteachadh troimh 'n fhasaich anns an do chuireadh iad le cheile le iobartan na dreige a thàinig cho tubaisteach anns an t-slighe orra le cheile.

Nuair thoisich an speur air fas glas os cionn Beinn Bhuidhe, agus a' mhaduinn air dèanamh gu boidheach thog Cailean air. Shin se e fein thar a pheathar, agus srannd aice an cadal sàmhach socrach, neoichiontach de àmhghairean an t-saoghail, agus phòg se i gus an do fhliuch e a fait le dheoir. Dh'fhàg e beannachd aig Màiri is aig a màthair, is tharruing se e fein air falbh bho 'n aon làraich a bu ghoirte air an do sheas e riamh, ach taobh leabaidh-bais a mhàthar.

Astar beag air aghaidh taobh an rathaid bha 'n cladh, anns an do thiodhlaiceadh a shinnsearachd fad iomadh linn. 'Sa cheart uir so bha mhàthair a' cnàmh. Chaidh e steach. Sheas e 'sa chomhar-thràth aig ceann na h-uaighe, 's a bhoineid 'na dhà làimh. Bha sàmhchair uile mu 'n cuairt comh-reidh ri

CAILEAN AIR CHOMHACH. 103

sàmhchair na h-uaighe fein. Shin Cailean e fein air uaigh a mhàthar, is shil a dheoir 'air a' phloc ghorm. Spion se e fein air falbh, agus an uair a fhuair e air ceann an rathaid a rithis, dh' fhairich e mar gu^m faigheadh a chridhe goirt aotromachadh. Bha e toil- ichte gu 'n d* fhuair e seachad an da rud ud a bha cur eallaich air ri linn e bhi air fhògradh bho dhachaidh, lorn, falamh : dealachadh ri Màiri, a leannan, agus ri Moir Bhig, a phiuthar, agus taghal 'sa chladh a chum sealladh aon uair eile de uaigh a mhàthar.

Cha 'n 'eil am 'sam bith is motha dhruigh- eas suidheachadh de 'n t-seorsa so air neach a bhitheas a' fàgail a dhachaidh 's a dhùthcha, na am briseadh fàire, nuair tha 'n saoghal uile an clos na suain, gun smuairean, gun smaoin air ainneart, no càs, no trioblaidean an fhàsaich so. Dhruioheadh e air neach 'sam bith. Dhruigh e air Cailean Og Dhùin- àluinn. Bu dùth dha gu 'n druigheadh.

.Ach ma dh' fhalbh e, bha beannachd 'na chois. Bha speis aig an t-sluagh dha. Bha na dh' fhàgadh de thuath air an oighreachd a' cur earbsa as, agus a' tighinn beò an dòchas gu 'm faigheadh iad fois is clos na 'm biodh e 'n dan da, lath-eiginn, suidhe mar uachdaran an caisteal Dhùin-àluinn. Thuit an dud 's an

I04 DUN-ALUINN.

dad nuair dh' fhalbh e, agus cha b' e falbh ach a chur air falbh, mar a dh' eirich do mhoran aca fein.

Bha 'n oighreachd air dol fas a chion sluaigh. Bailtean mora farsuinn, s gun r' a fhaicinn annta ach ciobairean. Mar a chaidh a ràdh cheana, bha na dh' fhuirich de 'n t-sluagh air tuineachadh ri cladach, a' tighinn beò air dhòigh èiginn eadar iasgach is ait- each, air uachdar chreag, is mòrlanachd do 'n uachdaran air seachd sgillinn 'san latha, agus clach de mhin Innseanaich oidhche Shath- uirne nuair stadadh iad. Ri uine dh' eirich am pàigheadh- latha caigeann sgillinn, is bhiodh na truaghain 'gan cunntas fein beart- ach na 'n tigeadh an latha 'sam faigheadh iad tasdan. Cha robh feum a bhi gearan. Cha robh e furasda tighinn as eadar bàillidh uaibhreach, dioghaltach agus uachdaran gun fhathamas, gun seirc, gun iochd, gun trocair, ach an sluagh a shiogaladh gus an sgillinn a b' fhaide mach.

Cha robh ach an aon duine 'san sgireachd a ghabhadh an taobh ; agus b'" e sin am Ministear Mor, mar theireadh iad ris : Dòmhnull Stiùbhart, ministear na sgireachd. Ach bha e fein air cloich an turramain. Bha 'm ministear gun chùram mnatha no

CAILEAN AIR CHOMHACH. 105

teaghlaich, agus anns na bliadhnachan mu dheireadh a bha e 'n seilbh na sgireachd, thug se e fein a suas gu buileach do 'n deoch làidir.

Air uairean b' e bu cheann-teagaisg dha *sa chùbaid an t-asdar a bha eadar a thigh fein agus tigh-osda a' chlachain. Air uairean eile is minic a chunnacas e an àite uaigneach sa mhonadh, air a rathad dhachaidh as a' chlachan, 's an daorach air, 's gun air ach a' bhriogais. Bhiodh am bata air stobadh sa ghrunnd 's a chòta is ad air, is esan a' dannsadh mu choinneamh, 's a' maoidheadh, s a' sèarsalachadh a dhorn 's aor iarraidh air tiorhinn air ag-haidh 's nach fhàpadh e oirleach ann. Air uairean, 's e Dùn-àluinn a bhiodh ann, 's air uairean eile, uachdaran air choir- eiginn eile. Bha e fein fo chomaraich nan uachdaran ; ach ged a bha, cha robh aige orra. Bha e de theaghlach measail, 'na dhuine ionnsaichte, agus duineil, foghainteach, neo-eisimeileach, gun eagal, gun ghiorraig, gun sgàth, ciod è 'sam bith an taobh a thig- eadh e.

Ach bha a' bhiodag ann. Cha b' ann air son na deoch a mhàin ; ach air son gu 'm biodh de ladarnas ann 's gu 'n toireadh e achmhasan do na h-uachdarain mheasail, no

8

io6 DUN-ALUINN.

gu m faigheadh e coire 'sam bith dhaibh. Thug e, gu sònruichte, oilbheum do Dhùn- àluinn ; is chuir Dùn-àluinn roimhe dloladh a thoirt am mach. Thug e ciiis a' mhinisteir air beulaibh na cleire ; ach, ged a thug, cha do mheataich sud am ministear dad.

Cha robh àite an suidheadh no an seasadh e, nach b' e dì-làrachadh na duthcha bu chuspair da. Leudaicheadh e air còirichean an t-sluaigh air an fhearann, agus an t-seolt- achd leis an deach na h-uachdarain an seilbh, 's mar a fhuair am fear bu mhotha ceilg is seoltachd an roinn bu mhotha de 'n duthaich, agus mar a rinn iad an sluagh 'nan tràillean le laghannan a fhreagairt orra fein, 's gan daingneachadh fein an seilbh 's an ùghdarras leis an robh comas aca fòirneart a dheanamh air an iochdarain.

Rinn iad sin. Rinn Dùn-àluinn a' chuid bu mhotha dheth, is cha b' ann da bu dual. Cha robh craobh-ghineil an Albainn cho foirfe stoc is geugan ris a' chraoibh as an do shiolaich e. Is annamh craobh air nach meath geug uair-eiginn. B' e Dùn-àluinn laoghan na craoibhe de 'm buineadh e. B' e, cuideachd, an aona gheug a chrion 's a shearg *s a ghrod, Ian mhosgain is fhineag is chnuimh. Cha b' ionann e 's na h-àrmuinn eile bha

CAILEAX AIR CHOMHACH. 107

roimhe 's 'na deidh, aig an robh meas air an t-sluagh a bha 'nam mèinn, a bha iochd- mhor, coibhneil, tlusail riutha, a ghleidheadh daonnan mu n cuairt orra iad, agus a chitheadh ceartas aca an coir 's an eucoir.

Chadeach Dùn-àluinn riutha. Dh'innseadh am Ministear •Nlor sin cho math ris a' chorr, gus an duraiceadh Dùn-àluinn òl air an uisge a dh' aon bhalgam.

Bha fadal air gus an tachradh am ministear air.

io8 DUN-ALUINN.

CAIBIDEIL XL

BRIONGLAID AN TIGH A' CHLACHAIN.

Thachair am Ministear Mor is Dùn-àluinn air faidhir a' chlachain, far am biodh an dùthaich air fad, beag is mor, sean is òg, àrd is iosal, cruinn cearta còmhla, na 'n gabhadh e idir dèanamh. Bha Dùn-àluinn ann mar bu dual. Bha e fein, agus aon leth-dusan de uachdarain bheaga na dùthcha mu n cuairt, 'nan suidhe ag òl 's ag iomairt an seòmar àrd an tigh-òsda ; agus am bàillidhean s an gillean-ruith uile mu 'n cuairt orra mar gu 'm biodh drobh abhagan ; agus a h-uile fear is sgeòc air ag eisdeachd ciod è bhiodh a mhaighstir fein ag ràdh.

Chualas bururus is ceum trom a nios an staighir ; agus dh' fhosgail an dorus 's a leig a thaic ris an ursainn, agus gleodhag mhath air, ach am Ministear Mor.

'* So, so," arsa Dùn-àluinn ; *'sin agaibh a nis an seann sionnach mor fein a tha dol feadh an t-sluaigh a' searmonachadh an còir- ichean air an fhearann. An còirichean ! A chuideachd ! "

BRIONGLAID AN TIGH A' CHLACHAIN. 109

*'Seadh," ars am ministear, 's e gabhail a steach. ''Tha thusa n so, a sheann dreòlain. Is fhada air astar a chluinntear do bhururus. Tha e am muigh agam ged a bheirinn an ceann as an amhaich agad fein, agus aig do dhà isean deug ! Coirichean an fhearainn, gu dearbh ! 'S iad coirichean nam briuthas bu mhiann leatsa. Thusa, a phoit- dhubh, anns am bheil g^Iuo- a' chaochain a h-uile ceum a bheir thu, a bhrùid ! "

Loisg sud Dùn-àluinn gu h-olc. Bha Ian a chuid sheòl aige fein ; agus le uiread de chàirdean a bhi mu 'n cuairt air, bha e air a ghreadadh mur a toireadh e pàigheadh mu chlàr do 'n mhinistear, na 'n dèanadh droch theangadh gheur, sgaiteach e.

'' Cha 'n e 'n dreòlan, ach an deagh lann," ars esan, 's e g eirigh 'na sheasamh 's a sgailceadh a' bhùird.

'^ Cloinn Cholgain nan lann geura ; Na fir cheannsgalach^ threubhach."

'' B' i 'n t-srathair an àite na diollaid, Stiùbhartaich bhog, bhuidhe na h-Apunn, an coimeas riutha."

Ghàir a' chuideachd a thoirt misnich do Dhùn-àluinn, nuair chual iad sud. **Stiùbhartaich bhog, bhuidhe na h-Apunn!"

no DUN-ALUINN.

ars am ministear. ** Agus thusa gad choimeas fein ris na fir cheannsgalach, threubhach a thàinig romhad ! Thusa, gu dearbh ! Bheir- eadh na rinn thu cheana de bheistealachd s de thrusdaireachd, air pàirt diubh tionndadh 'nan uaighean an I Chalum Chille. Cha bheag an nàire do na daoine cliuiteach o 'n d' thàinig thu, do leithid de bhrùid gun toinisg a bhi air ainmeachadh orra, a thruaill, s a bhlianach bhog, bhronnach, mhosach."

Bha 'n dithis 'nan seasamh mu choinneamh a cheile, fear air gach taobh de 'n bhòrd, a' cur dhiùbh gu garbh. Bha e 'm beachd an dàrna fir sathadh a dhunach a thoirt do n fhear eile a' cheud uair a choinnicheadh iad : agus b* i so an uair.

'' Cuimhnich co ris a tha thu bruidhinn," arsa Dùn-àluinn gu h-uaibhreach, 's e air chrith air a chasan leis an eagal 's leis an fheirg comhla.

** Cha 'n 'eil e cho furasda do dhi- chuimhneachadh. Chuir do ghniomharan truaillidh, salach, comharradh cluaise ort nach di-chuimhnich an t-àl so no 'n t-àl a thig 'nan deidh. Thusa, a sgumalair gun mheas, a thilg do chlosach thruaillidh, shalach air fàradh lobhta druth-lann nan gaorsach, gus an do lean pàirt diubh ri d' fheòil mar

BRIONGLAID AN TIGH A' CHLACHAIN. iii

leanas cartan donn. Thusa a' bruidhinn gu dalma mu dhaoine measail, a thuirc-nimhe nan tore ! "

" Ciod è th' agad ri ràdh rium ? " arsa Dùn-àluinn.

'* Ciod è nach eil aig a h-uile neach ri ràdh riut ? Na biodh dùil agad gu 'n cuir do lomhainn abhagan eagal ormsa. Cha robh mi 'n àite riamh nach seasainn mi fein. Cha 'n è sin duitse, a logaid ! "

Cha robh seasamh a chas leth-mionaid aig Dùn-àluinn do sgaiteachd a' mhinisteir, agus dhùraiceadh e a làimhseachadh, ach bha 'n t-eagal air. Bha 'n t-eaoal air roimh 'n mhinistear fein; agus bha 'n t- eagal air roimh 'n t-sluagh. Bha 'n duthaich uile air taobh a' mhinisteir ; agus bha a' mhor-chuid diubh an lathair sa chlachan an la ud. Bha e air a loso^adh na bha e fulanor bho 'n

o o

mhinistear. Cha d' fhuair àrdan is uabhar a leithid sud riamh de leagail ; is bha e air a ghreadadh gus a' chridhe, a chuid abhagan bhi cluinntinn e faotainn a leithid de thàir ; agus a leigeadh fhaicinn nach robh e uile gu leir gun seors air choireiginn de chnaimh droma ann, dhubhlaich e air a' mhinistear gu dubhlanach, ach a reir a ghniiis ghil, gu h-eigneach, critheanach.

112 DUN-ALUINN.

'*An cluinn thu ? " ars esan, leis a h-uile foirmealachd a bh' ann.

*'An cluinn sibh?'' ars am ministear. *' C ait 'eil am modh ? ''

** Direach, an cluinn thu thu thusa. Cha toill thu 'n corn Mur a bhi do chota, bheirinn-sa aon sgailc ort a chumadh do bheul sàmhach car greis.''

Bha fios aige gle mhath nach robh a' chuid bu lugha aige de 'n mhinistear ; agus ged a rinn e maoidheadh air, bha e an dòchas ged a bha 'm ministear cho teth, nach leigeadh se e fein seachad uile gu leir cho mor 's gu 'n gabhadh e aig fhacal e. Ach nuair chunnaic e gu 'n robh e air chùl a naidheachd, dh' eirich a h-uile ròin a bh' air a cheann 'nan seasamh leis an uamhas a ghabh e.

"Mo chota!" ars am ministear, s e cur dheth a chota dhuibh 's 'ga thilgeil tarsuinn air CÙ1 cathrach. ''Mo chota! ma s e mo chota tha tighinn eadar thu 's mi, sud agad e ! Fan thusa an sin, a mhinisteir, gus an toir Dòmhnull Mor Stiùbhart sgleog air Dùn- àluinn."

A null ghabh am ministear ; ach leum na bha stigh a dhol anns an eadraiginn, a' glaodhaich : *' O ! gnothuch nàrach ! " ** Bithidh so ainmeil ! " '' Na dèanaibh ; na

BRIONGLAID AN TIGH A' CHLACHAIN. 113

dèanaibh, a mhinisteir." ''Air ghaol an fhortain, na cuiribh a leithid de thàmailt oirbh fein 's gu 'n tàirneadh sibh bhur làmh an tigh a' chlachain." '' Mo nàire ; mo nàire!" '* Cuimhnichibh gur h-e Dùn-àluinn a th' ann ! "

'* Dùn-àluinn ! " ars am ministear, 's e g iarraidh chuioe. '' Ciod è Dùn-àluinn seach am fear is suaraiche 'san sgireachd a mhas- laich e. Dùn-àluinn, gu dearbh ! Ma 's esan Dùn-àluinn, is mise ministear na sgireachd a lorn Dùn-àluinn. Ma bha 'n oighreachd 'na Dùn-àluinn roimhe, rinn esan Dùn-bhàir- linn an diugh dhith. An luid dhrùiseach, shalach. Ma theid mise 'na charaibh, cuiridh mi n darna peirceal air a' pheirceal eile aig Dùn-àluinn a' chinn-mhaide."

Chualas an ubraid feadh an tighe. Cha b' fhada gus an deach an fhuaim feadh a' bhaile ; is cha robh fear a bh' air an fhaidhir nach do chruinnich mu 'n cuairt an tigh-osda, a dhol a sheasamh a' mhinisteir, air an robh meas mor aca, ged a mhill a làmh dheas fein e. Thoisich iad air bruchdadh a steach air gach dorus is gach uinneig, gus, mu dheireadh, nach fhaigheadh duine mach no steach, 's iad a' glaodhaich s a' raoicich.

" Seasaibh am ministear, fheara tha stigh.

1 14 DUN-ALUINN.

Tilgibh Dùn-àluinn a nuas troimh 'n uinneig aird, agus gheibh e gus nach gabh na coin comunn ris ! " chluinnteadh thall 's a bhos feadh an t-sluaigh.

Chuala Dùn-àluinn an ubraid 's an rànaich a bha muigh. Bha m ministear, is e sgailc- eadh a dhùirn air a' bhòrd, is Dùn-àluinn 'na sheasamh air cul a' bhàillidh, s e dèanamh dìchill air cumail ris, 's a' maoidheadh a dhiiirn thar guala a' bhàillidh, 's a' gabhail air gu 'n robh mhiann a bhi 'm bad a' mhinis- teir, agus eagal a bheatha air gu 'n leigeadh am bàillidh seachad air e. Cha robh facal aige do 'n mhinistear ; ach bha e mar gu 'm biodh e feuchainn ri cuimhneachadh air a h-uile facal sgaiteach, geur, chaireach a chual e riamh ; ach, a dh' aindeoin gach pliichadh a dhèanadh e air fein, cha robh moran diubh 3! tighinn an lathair.

Mu dheireadh, co phliich e fein dh' ionn- suidh an doruis ach fear an tigh-òsda. B' e fear de abhagan an uachdarain a bh' ann, agus, anns a' mhionaid, dhùbhlaich e air a' mhinistear.

*' Ciod è is ciall da so ? " ars esan. ** Thoir an aire nach i chubaid mhor agad fein a th' agad anns a' bhord agamsa idir."

Leis an so, thug e sùil air Dùn-àluinn,

BRIONGLAID AN TIGH A' CHLACHAIN. 115

feuch an tuigeadh e ciod-e-mar a chord sud ris.

B' e so an sgailceadh," ars esan. ** Cha 'n fhaigh an damhan-alluidh fois fo 'n bhord agamsa ged bhiodh e ann, na 's mo na gheibh e 'sa chubaid fein," s e toirt sùl eile air Dùn- àluinn, is fiamh a' ghàir air.

Ghàir na bha stigh, cuideachd ; ach ma ghàir, raoic na bha muigh, gus an do shaoil fear an tigh-osda gu 'm biodh e air a tharr- uing an comhair mullach a chinn a sios an staighir.

Bha a bhean 'na seasamh air a chùlaibh, is chluinnteadh a guth biorach, sgreadanach, a' sgreuchail ris na daoine fuireach air an ais.

Ach thionndaidh am ministear air fear an tigh-osda gu garbh, salach :

" Ciod è tha thusa g ràdh, a luamha mhosaich ? Mur am faigh an damhan-alluidh fois anns a' chubaid, gheibh e fois gu leoir am bocsa nam bochd bho do sheorsa-sa. Thusa dol a sheasamh Dhùin-àluinn a'm aghaidh-sa ! Thusa dol a sheasamh màthair- ghuir an lionnachaidh, a phian an sgireachd, agus a dhi-làraich an dùthaich air fad, gus nach bi anns an eaglais ach suidheachain fhalamh, ma leanas an ruith air an ruaig/'

** Nach eil sibh coma, ma ghleidheas sibh

ii6 DUN-ALUINN.

gliob agus stipean ! '' arsa fear an tigh-òsda, s e gàireachdaich.

** Ghleidh mi 'n gliob gus an so ; ach, mo thruaighe ! is tusa fhuair a' chuid bu mhotha de 'n stipean ! '' ars am ministear.

** Ma s è, thug e dhuibh rud air a shon/' arsa bean fear an tigh-osda an guth àrd, caol, biorach, 's i a' seasamh air a corra-biod, 's a' bruidhinn thar guala a fir.

**Ciod è tha n cruaidh-ghuirean aig Eoghan Mac Theàrlaich ag ràdh ? " ars am ministear. '* Fhuair mi rud air a shon. Cuid is duilghe dhòmhsa gu n d' fhuair, agus tuillidh 's a choir. Fhad 's a lean sin bha meas air a' mhinistear. Ach tha coltas tighinn gu crich air, is tha crioch air meas a' mhinist- eir, cuideachd agadsa ach cha 'n eil aig an duthaich."

*' Ho-re ! " ghlaodh na bha muigh s a stigh de shluagh dileas a' mhinisteir.

*' Ho-re ! Plùichibh a steach ! Bristibh am balla-tarsuinn ! Seasaibh am ministear ! lallaibh Dùn-àluinn 's a choin bheaga ! Steach sibh ; steach sibh ! ''

Aig an so chaidh fàradh a chur suas agus an uinneag a chur sios 'na mile sgealb. A steach orra bhrùchd na fir 'nan leth-dusain. Phlùich an fheadhainn a bh' air an staighir

BRIONGLAID AN TIGH A' CHLACHAIN. 117

a steach, cuideachd. Thog iad fear an tigh- osda 's a bhean thar an cinn gus an d' fhàg siad iad 'nan sineadh air an ùrlar ìosal, is bean an tighe glaodhaich : '' O, mo churrac ! Mo chir chrom ! Mo chneapan ! M' aodach ; m' aodach ! O ! O ! Och, och, mo cheann, mo cheann ! "

ii8 DUN-ALUINN.

CAIBIDEIL XII.

THUGAR lONNSUIDH AIR AN DUN.

Bha 'n seòmar air a lionadh gus nach fhaigh- eadh duine ach gann tionndadh ann. Bha leth-dusan làmh am broilleach Dhùin-àluinn, is uiread eile a' toirt fuasgladh dha. Ach a h-uile fear a rachadh anns an eadraiginn, bha e air a shadadh ris an ùrlar. Bha 'm ministear 'na sheasamh air a' bhòrd, 's e glaodhaich : ** Leigibh leis, a chàirdean. Foghnaidh mi fein da. Na deanaibh dad air ! Socair ; socair ! Fois ; fois ! a dhaoine mo chridhe ! "

** As a cheile e ! lallaibh e ! " chluinnteadh gu farumach as gach sgornan a bha stigh. Chaidh Dùn-àluinn 's am bàillldh a shlaodadh am mach as an t-seomar an comhair an cinn. Fhuair iad a sios an staighir, is iad mar gu 'm biodh da chirc air an spionadh ; agus cho luath 's a b' urrainn daibh, chuir iad na buinn orra dhachaidh.

Sheas am ministear air a' bhord far an robh e. Chunnaic e gu 'n robh an sluagh

THUGAR lONNSUIDH AIR AN DUN. 119

air an togail, agus mur an deanadh e inn- leachd air an cumail mu n cuairt air, gu m faodadh an tuasaid criochnachadh le fuil.

Bha 'n seomar dùmhlaichte de dhaoine Ian dibhe, is iad a' glaodhaich gus an d' thàinig reachd am muineal cuid diubh : *'Oraid, a mhinisteir ! Oraid, a mhinisteir ! Oraid i "

Sheas am ministear far an robh e, gun ad, gun chòta, 's a làmhan an ceannaibh a leis, aofus ars esan : "A chàirdean, cha 'n 'eil ionorhnadh orm sibh a bhi air bhoil. Tha sibh air ur sàrachadh ; tha sibh air ur beub- anachadh ; tha sibh air ur deagh Hodairt gu dearbh. Tha cheart bhuaidh aig sealladh de Dhùn-àluinn, 's de lomhainn abhagan, air duine 'san am so 's a tha aig breid dearg air tarbh. Tha 'n t-àm tog-ail am mach. Co thuo; an lom-sgriob air an duthaich ach Dùn- aluinn ? Co rinn fàsaichean de na glinn ? Esan a rinn e. Co dh' fhogair aona mhac a chleibh as an duthaich mar gu 'm biodh cù, a chionn gu n robh e gabhail ur pàirt-sa ? Esan a rinn e : Dùn-àluinn, sgudal salach uir uachdarain an domhain uile. Dùn-àluinn, a bhris cridhe na h-euchdaio- bu bhean da, Dùn-àluinn, a ghlac 'na bhroilleach mosach, mar a bhean-phosda, lobhar salach nan drùth- lann is isle ! "

120 DUN-ALUINN.

'' Biodhmaid 'na bhad," ghlaodh s! chuid- eachd am feirg lasanaich, air am fadadh le droch uisge-beatha a' chlachain.

" Biodhmaid na bhad ! "

'' Ruigeamaid caisteal Dhuin-aluinn."

" Stiallamaid na bheil na bhroinn."

Sgaoil am ministear am mach a dhà làimh 's e fad na h-uine a' glaodhaich : *' Bithibh sàmhach. Bithibh tosdach. Eisdibh; eisdibh. Thugaibh dhomh cead bruidhinn. Eisdibh!''

Nuair a shiolaich iad a sios, lean am ministear: '*A chàirdean, cha 'n àite so a labhairt air fòirneart an t-sluaigh 's air aingidheachd nan uachdaran ; ach tha mhiann orm, an ùine ghoirid, oraid a thoirt seachad air còirichean an t-sluaigh air an fhearann agus air eucoir nan uachdaran."

*' Sin sibh, a mhinisteir. Sibh fein an eudail ! " ghlaodh fear.

'' So an t-àm ; so an t-àm ! " ghlaodh fear eile.

** Air ur n-athais," ars am ministear. *' Cha 'n e so an t-àm, no 'n t-àite ; ach bithidh mise cho mhath ri m' fhacal ; is gheibh sinn an t-am s an t-àite.''

*' Ho-re ! " ghlaodh a' chuideachd, s iad a' crathadh an curraicean.

" Ho-re! Oirbh ur cota, mhinisteir."

THUGAR lONNSUIDH AIR AN DUN. 121

*'An seilear oirnn. An seilear oirnn ! Ho-re ! "

A SÌOS an staighir ghabh a chuideachd a' roladh a cheile mar gu 'm biodh allt le uchd aonaich. Bhris iad a steach do 'n t-seilear ; s am mionaid bha buideal uisge- bheatha air a chuibhleadh am mach agus goc air a chàradh 'na cheann. Bha bean an tighe a' gliucais mar gu 'm biodh cearc-ghuir ann, 's i guidhe air a' mhinistear a leisgeul a ghabhail, seasamh air a cul agus a cuid a thèarmunn bho shluagh air lomhainn. Rinn am ministear coir a dhicheall sin a dhèanamh, gun ise ga iarraidh idir air ; ach bha cheart cho math a bhi bruidhinn ris a! ghaoith.

" Slàinte ! Slàinte ! " leum am mach a ceud beul le mothar a leag sg-iathan de 'n aol de 'n bhalla.

"Air slàinte a' mhinisteir ; agus gu ma h-iomadh latha fada chuireas e seachad fathast an sgireachd Chill - ma - Leacain. Slàinte mhòr fhad aige."

*' Bàs gun sagart do Dhùn-àluinn 's do gach uachdaran eucoireach."

*' Air an amhuil cheudna do na bàillidhean."

"Ho-re! As daibh ; as daibh. Na mèirlich ! "

122 DUN-ALUINN.

Chaidh am buideal a thraoghadh gu sgob- anta ; agus an sin am mach thog iad gu caisteal mor Dhùin-àluinn.

Chrath bean an tigh-òsda a da làimh OS cionn a cinn is thug i buidheachas do 'n fhortan gu 'n d' fhalbh iad.

Ràinig iad an caisteal 'nan aon bhuidhinn. Bha 'm ministear a' falbh rompa an comhair a' chùil, a dhà làimh sgaoilte, s e guidheadh s ag impidh orra tilleadh. Tilleadh, cha dèanadh iad.

Ràinig iad an caisteal, a' buirich 's a' donn- alaich mar gu 'm biodh madaidh - alluidh fhiadhaich an fhàsaich.

'' Mach Dùn-àluinn, a nis," ghlaodh iad. *' Mach an so gliusarach mor nam baos- thigh ! "

Cha d' thug duine feairt. Cha robh dorus nach robh diiinte, glaiste. An sud 's an so chiteadh aodann troimh uinneig, a' sealltainn ciod è bha dol. Mu dheireadh thall, chaidh an dorus mor a phluchadh a stigh, is cha robh oiseann de chaisteal Dhùin-àluinn nach robhteadh 'ga rannsachadh. Ach mir de Dhùn-àluinn fèin, no de bhean-an-tighe, cha robh ri fhaicinn an cùil no an cuilidh. Feadh an tighe cha chluinnteadh ach glaodhaich is rànaich is sguinn de òrain, le nuallanaich

THUGAR lONNSUlDH AIR AN DUN. 123

a chuireadh oillt air Dùn-àluinn, na m biodh e 'n aite farchluais.

Thugas an cidsean orra.

An so bha na searbhantan cruinn còmhla ; ach am priobadh nan sul, an te nach d' fhuair frog, fhuair i fruchag ; is cha do sheas an làrach ach a' bhan-chocaire mhàin. Bha ise *na seasamh air meadhon an ùrlair, a muilich- innean truste os cionn nan uilnean, 's i cur dhith, s a' siarsalachadh sluasaid na luathainn.

" Mach a so, sibh, anns a' mhionaid, a h-uile truill agaibh, no cha *n 'eil fear a bheir ceum air aghaidh nach sgoilt mi chlaigeann leis an t-sluasaid ! Mach sibh air an spiol ! Mach sibh ! " Agus chuir i 'n t-sluasaid mu n cuairt a cinn gus an do thog i stoirm feadh an tighe.

Bha choltas air na seòid gu 'm faigheadh iad an ^opadh s an teannadh na 'n rachadh iad na b' fhaide ; ach cha do chuir maoidhean na ban-chòcaire mhòir maille orra.

** Teann ! Teann ! Teann ! " ghlaodh aon dusan comhla.

*' Fuirich air t' ais, a bhramalaich mhos- aich, no theid dubhan mor na feoia a stobadh 'nad charbad àrd, s do rosadh mu choinn- eamh do theinidh fein. Thusa, a thotarach !"

** Ciod è tha thu ag^ ràdh ? " fhreao^air

124 DUN-ALUINN.

a' bhan-chòcaire, gun eagal, gun ghiorraig, ged a bha i faicinn druaib na dibhe air na daoine. " Cuireadh a' bhaoraisg is motha agaibh bàrr a chorraig ormsa, agus sud ! sud! sud ! mar a ni mi air," 's i sorailceadh na sluasaid gus an do chuir i sgealb a oisinn a' bhuird mhoir.

'' Leag do shluasaid," arsa fear.

*' Leag do bhata," ars a' bhan-chòcaire.

'' Bhuaipe 'n t-sluasaid! Bhuaipe 'n t-sluas- aid ! " ghlaodh na fir air fad.

*' Bhuait an t-sluasaid air a' mhionaid, a mhuc-bhleoghainn nan dùnan!" ars a' cheud fhear a rithis, 's e siarsalachadh bata mhoir, challtuinn os cionn a cinn.

'' Bhuait thusa 'm bata, a langa ghlagach na broinn-fhalaimh;" 's i tarruing na sluasaid gus an d' thug i fein 's am bata gliong air a cheile.

Ged a bha na fir cho burrghlasach 's a bha iad, cha b' urrainn do chuid diubh gun ghàire dhèanamh leis cho olc 's a loisg a' bhan- chòcaire air fear a' bhata, agus, cuideachd, leis cho math 's a fhreagair an coimeas air. Bha choltas gu 'n tigeadh a' chaonnag gu buillean bu chruaidhe ; ach phlùich am min- istear e fein a steach troimh 'n t-sluagh a dhol 'san eadraiginn.

THUGAR lONNSUIDH AIR AN DUN. 125

** Ho-ho ! " ars a' bhan-chocaire ; " tha 'm ministear mor fein an so, cuideachd."

**Tha do theangadh-sa air shiubhal anns an dòigh bu choir dhith, a nighean Alasdair Bhàin ; agus cha 'n ionghnadh leam. Ciod è bhiodh 'sa chii nach biodh rud 'sa chuilean deth," ars am ministear. '' Ach, co-dhiùbh, cha 'n ann a chumail seanachais ri d' leithid- sa de thuraid aineolaich gun tùr, a thàinig mise 'n so."

A' tionndadh ris an t-sluagh, thubhairt e :

*'ThaIIamaid a nis dachaidh, a chàirdean. Cha 'n ann ris na mnathan so tha ur gnoth- uch idir, ach ri Dùn-àluinn ; agus cha 'n 'eil fhios CO 'n earn anns an do shlaod se e fein idir. Cha 'n 'eil e coltach gu 'm faic sibh an còrr an nochd dheth ; agus tha e gle choltach gu 'n d' fhuair e gu leoir de fhios an eagail cheana, nuair a thug e 'm baile mu cheann mor, stalcach, 's a dh' fhàg e 'n caisteal fo 'r mèinn-sa. Tuigidh an fein a chionta, agus is math a thuig Dùn-àluinn e. Cha bhi direadh ris aig a sheòrsa gu bràth, ach tèarn- adh leis nach bi mall no màineach. Thallaibh a nis dachaidh air fad. Seasaidh mise air ur cùl cho fad 's a dh' fhanas putan am aodach is cha 'n fhada sin."

** Ochan ; ochan ! " bhrùchd am mach as

126 DUN-ALUINN.

a' chuideachd air fad ; agus shil deòir cuid diubh.

**Ach cha chuir sin bruaillean orm fhad 's a gheibh mi leabaidh an Uaimh-nam-fara- bhallach comhla ri Eachann a' phaca agus Bodach nan duilleag. Cha mho chuireas pein-dlighe na duthcha eagal orm fhad 's a gheibh mi ceartas agus cothrom na Feinne."

** Gheibh sibh ceartas ! "

** Cha 'n 'eil cùram duibh ! ''

*' Gleidhidh sinn fein sibh ! "

** Ho-re ! Ho-re!" chluinnteadh a fichead sgòrnan tioram, reasgach.

Dh' fhalbh iad an sin a sios an rathad bho 'n chaisteal, 's iad a' glaodhaich 's ag oran ; agus shealladh iad as an deidh a' maoidheadh an dorn.

Bha a' bhan-chòcaire mòr san dorus a cheart cho cridheil riutha fein, 's i cur sluas- aid na luathainn mu 'n cuairt a cinn.

'*Teichibh, a shiiomairean ! Teichibh ; teichibh ! " ghlaodhadh i, 's i cur roimpe gu 'n do chuir i ruaig orra leatha fein.

An dràsd s a rithis thigeadh te de na searbhantan a fròig an sud 's an so anns a' choillidh. Shuas am mullach a' mhonaidh bha Dùn-àluinn fein 's a bhean, 's an dithis

THUGAR lONNSUIDH AIR AN DUN. 127

air chrith cho luath ri duilleig air craoibh, a* sealltainn bho chùl creige ciod è bha dol.

B' e 'n da làtha do Dhùn-àluinn uaibhreach, reasgach, e. Ach leòn e fein an sluagh foghainteach gus an d' eirich am fuil, 's an d' thug iad ionnsuidh air, ged bha na cuilg air chrith 'nam broilHchean, is gath-bholg Dhùin-àluinn fathast Ian de ghaithean sgait- each, puinnseanta. Ach fhuair e, mu dheir- eadh, sgràilleadh a chuir sgreang an eagail 'na ghniiis, is a dh' fhàg giùgach e iomadh latha. Chunnaic e air a cheann thall nach obadh an sluagh duibh-leum a thoirt an craos fosgailte, fiaclach an leoghainn is buirbe.

128 DUN-ALUINN.

CAIBIDEIL XIII.

AN SLUAGH AIR AN UILINN.

''CiOD è a ni thu riutha nis, a dhuine ? " arsa bean Dhùin-àluinn, nuair a thill iad a stigh as an garaidh measg nan cnoc, is air faotainn an tighe mar gu 'm biodh e air tighinn air cladach an deidh stoirm. '* Ciod è a ni thu riutha ? Seall do chaisteal riomhach. Cha 'n fheum thu ionga no fiacaill a leigeil asta gus an dean thu dioladh orra a thaobh so. ladsan, do thuath mhiomhail, ladarna fein ! ladsan, na cuileanan lapach, loireineach, a' tighinn gu dalma a streap ri miolchu morail, measail Dhùin-àluinn ! An cluinn thu mi ? Cha 'n fheum thu duine fhàgail air lie no làraich dhiubh, no teine gun smàladh a bhi air an oighreachd. Diol- adh ; dioladh ; dioladh ! a thaobh so : aon rud air am feum thu dicheall a dhèanamh an da latha so."

'* Air do shocair, a ruin ! Gabh gu reidh e. Gheibh sinn troimh 'n chàs anns an do chuir am ministear mor sinn,'*' arsa Dùn-àluinn, 's e sràidimeachd feadh an t-seomair, 's a bhasan fo chrios an fheilidh, mar bu ghnàth

AN SLUAGH AIR AN UILINN. 129

leis nuair bhiodh ceist chudtromach aige r' a cnuasachd, agus snaim chruaidh r'a fuasgladh. Bha 'n da chuid an drasd aige.

*' Gabh gu reidh e, a ghaoil. Gheibh sinn rathad ; ach cha 'n e sin e. Cha 'n 'eil thusa tuigsinn nàdur a' Ghaidheil. Seall an loch mor ud shios. Tha cheart cho math dhuit feuchainn ri muir-làn bras an reothairt làidir a chumail air ais le slataig chaoil. Tha cho math dhuit feuchainn ris an loch a thaomadh le slige maoraich 's a bhi feuchainn ris a h-uile Ian slige thilgeadh thar nam beann gorma ud thall an aghaidh sgairt-ghaoith tuath, is feuchainn ris a' Ghaidheal a chumail fodha no cheannsachadh nuair thogar e. Faodaidh tu a liodairt ; ach cha chuir thu as da. Faodaidh tu a leagail 's a chumail fodha ; ach gu bràth cha toir thu a chàil bhuaithe ; is eiridh e uaireiginn eile, ga chrathadh fein, 's e cho mear 's a bha e riamh Fuilingidh e moran an sàmhchair, agus le foighidinn ; ach thoir an aire : cha 'n e sàmhchair na simplidh- eachd a th' an sàmhchair a' Ghaidheil fo 'n chuing, ach sàmhchair na h-aibhne far an doimhne i. Nuair a bhriseas e mach s a thilgeas e 'n fhoighidinn air an dara taobh, 's an seòrsa simplidheachd so air an taobh eile, 's a dhùisgeas e am feirg, 's a thoisicheas

130 DUN-ALUINN.

e air cladhach am mach ceartais da fèin, tha cho dan is aghaidh thoirt da ? "

*' Is leis an sin, ma tà, nach 'eil ar beatha is ar cuid 'nan làimh, 's an geall na 's fhiach iad ! Ciod a nis a ghabhas deanamh o 'n thogteadh iad ? "

'' Gabhaidh. Gabhaidh. Feuchaidh sinn dòigh eile," arsa Dùn-àluinn air a shocair fein. *' Cha ghabh an Gaidheal stiuradh le smachd, no cumail fo làimh le bhi feuchainn eagal a chur air. Tha e cho uaibhreach 's a tha cho iriseal. Tha e cho uasal 's a tha cho bochd. Tha e cho faireachail s a tha cho breun. Tha e cho coibhneil, sheirceil, bhlàth- chridheach ri nàmh air uilinn 's a tha cho garg, fhuilteach, neo-sgàthach ri nàmh air a chasan. Ma tha doigh air a thoirt gu rathad, 's ann troimh chridhe mhàin. Ni aon fhacal blàth, coibhneil, gràdhach, bleideil an fheum- naich, an uair an uaireadair, rud a dh' fhairt- licheadh air an arm dhearg le 'n sleaghan biorach is le 'n claidhmhnean rùisgte. Sin agad nàdur a' Ghàidheil. Bheir mi nis oidhirpean air am faireachdainnean. Bithidh mi coibhneil riutha. Ardaichidh mi tuarasdal an luchd-obair. Cuiridh mi stad air an ruagadh. Lùbaidh mi mi-fein sios daibh ; is mar sin ruigidh mi oiseann blàth 'nan cridheachan. Tuigidh bean, bean eile, agus

AN SLUAGH AIR AN UILINN. 131

tuioridh Gaidheal Gaidheal. Tha iad dileas d' an cinn-fheadhna ; s a dh' aindeoin mar shàraichteadh iad, tha meas aca air euchdan nan sonn o 'n d' thàinig mise, na suinn threun, neo-sgàthach a lean an athraichean do iom- adh blàr fuilteach. Sin agad na Gaidheil. Sin agad an fhuil ghlan tha 'm chuislean-sa. Sin agad i ; agus sin an doigh anns am feuch mi ris a' ghaoith a thoirt a siuil a mhinisteir mhoir, agus air an sluagh a tharruing orm a rithis."

Ach bha e air chul a naidheachd. Bha 'n sluagrh air eiriorh 'na ao;haidh. Bha iad iomadh latha roimhe sud bruich a chum eirigh. Cha robh gan dith ach ceannard g am brosnachadh 's g' an stiùradh ; agus fhuair iad e. Fhuair iad am ministear mor coir, ach mi-fhortanach.

An deidh aramach na h-oidhche ud, cha robh teintean eadar da cheann na sgireachd aig nach robh a' cheist air a cliath-llodairt a latha 's a dh' oidhche. Bha iad an geall air a' chuid a b' fhèarr a dhèanamh de 'n chuid bu mhiosa, agus an casan fhorcadh an aghaidh riaghladh Dhùin-àluinn air fearann an athraichean-san cho math r' a athraichean fein. Bha iad air an dusgadh as an t-suain 'san robh iad, agus chuir an dusgadh sin clach an craos ain-tighearnais feadh na Gaidhealt-

132 DUN-ALUINN.

achd air fad. Thug e 'n gath a beul nath- rach-nimhe an fhograidh, agus chaidh stad obann a chur air an ruagadh. Cha b' uilear da. Beagan làithean an deidh na h-ùbraid a chaidh ainmeachadh cheana, cha robh duine a bhiodh am fradharc cèard-thigh A' Choire, nach fhaiceadh grunnan dhaoine 'nan seas- amh aig an dorus. Fad da latha cha robh neach a rachadh a suas no a nuas an rathad mor, nach rachadh a nunn a leughadh rud- eiginn ; s an sin chiteadh 'nan seasamh iad a' deasbud r' a cheile ciod è bh' ann ? So na bh' ann : fuagradh a chuir am ministear mor a suas ; agus b' e so e :

FEART. DI-LARACHADH NA DUTHCHA.

BITHIDH

AN T-URRAMACH DOMHNULL STIUBHART a' labhairt air a' cheist chudtromaich so,

AGUS AIR

COIRICHEAN AN T-SLUAIGH AIR AN FHEARANN.

'San ACHADH-BHAN,

Aig Leth-uair an deidh Seachd,

DI-CEUDAIN SO TIGHINN.

Tha cuireadh aig gach neach a thogras a bhi 'n làthair, agus a bheachd a thoirt.

Thigeadh na h-Uachdarain !

Thigeadh na Bàillidhean ! !

Thigeadh na Coin Bheaga air fad ! ! !

AN SLUAGH AIR AN UILINN. 133

Thàiniof e gu aona-cheann mu dheireadh. Bha 'm bonnach beag ga ghreidheadh, is cha robh fios cuin a bhiodh e bruich. Chuir Dùn-àluinn s na h-uachdarain uile an cinn r' a cheile feuch ciod è a ghabhadh deanamh anns an ainneart a dh' eirich am mach.

Bha 'm ministear 'na dhuine foghlumte, fiosrach, agus gu math grunndail an scan eachdraidhean na rioghachd so agus riogh- achdan na h-Eòrpa air fad ; agus bha eagal air na h-uachdarain gu 'm fosgladh e sùilean an t-sluaigh, is gu 'n deanadh e tuillidh 's leirsinneach air gnothuichean coitcheann iad. Na 'n tachradh so, bha e cunnartach do na h-uachdarain-fearainn air fad, 's an tuath cheana, an seadh, an deidh iad fein a soreadachadh 'nan luirichean cograidh. Leis an sin, na 'n gabhadh e deanamh, dh' fheum- teadh cnag a chur anns a h-uile toll a dhean- adh am ministear mor, oidhche na coinnimh.

B' e 'n da latha e ! O chionn beagan ùine is gann a gheibheadh iad an srònan a sheid- eadh. An diugh bha iad a' cumail cadal na h-oidhche bho Dhùn-àluinn. Is gann a chireadh e cheann ; is bha aodann air seacadh, is pocan dubha fo na siiilean aige.

Thàinig feasgar na coinnimh. Chruinnich

134 DUN-ALUINN.

an dùthaich gus an Achadh-bhàn. B' e sud an ùbraid nach robh riamh roimhe 'san sgir- eachd mu 'n cheart ni. Cha robh rathad a bha tighinn dh' ionnsuidh an Achaidh-bhàin nach robh breac, dubh le daoine, sean is òg, 's iad a' deanamh gaoir-chatha bha toirt air mac-talla nan creag a bhi nuallanaich bhàrr sheachd beann. Chuala Dun-aluinn an fhuaim, agus chaidh bior 'na chridhe mar shaighead o bhogha sreangach. Bha na mnathan 's a' chlann 'nan seasamh 'sna dorsan a' togail an iolaich fein, 's a' crathadh brat- aichean iol-ghnèitheach os cionn an cinn.

Am meadhon pàirce 'n tigh-mhoir, bha n luchd-obair fein a* bualadh am bas 's ag eubhach mar gu 'm biodh iad cheana is dorsan na saorsa fosgailte dhaibh. Air mullach creige moire, beagan astair o 'n rathad, bha fear a' leum 's a' dannsadh 's a' cluich a làmh s a' glaodhaich : *' Fhuair sinn a' bhànag, mu dheireadh. Ho-re ! Ho-re ! Fhuair sinn a' bhanag, mu dheireadh."

** Gu 'm meal s gu 'n caith sibh i, ma ! " fhreagair aon de na bha dol seachad.

Bha 'n Achadh-bàn breac dubh le daoine. Cha robh gille-cas-fliuch aig uachdaran mu 'n cuairt nach robh 'n lathain Mar a h-aon s mar a dhà, bha ministear na Sgire Bige,

AN SLUAGH AIR AN UILINN. 135

a bha sa choimhearsnachd ris a' mhinistear mhor. Bha esan a' cumail a stigh air na h-uachdarain a cheart cho fada 's bha 'm ministear mor a' cumail am mach orra. Ach, ma bha, cha robh e air a thogail air bharr- aibh-bas, mar their iad, aig an t-sluagh, mar a bha 'm ministear men

Co-dhiubh, thoisich a' choinneamh. Sheas am ministear air creig" bhior an ceann an achaidh, agus liubhair e oraid nach cuala duine 'san eisdeachd riamh a leithid.

136 DUN-ALUINN.

CAIBIDEIL XIV.

AM MINISTEAR MOR A' CUR DHETH.

Am measg na thubhairt am ministear, ars esan :

** Buinidh am fearann do 'n Stait a mhàin. Tha beò-shlainte a* chinnidh-dhaonnda uile tighinn as ; is cha 'n 'eil e ceart no cothrom- ach gu 'm biodh a leithid de chumhachd s a leithid de ughdaras aig neach 'sam bith 's gu 'n toireadh e 'n spàin a beul a chomh- chreutair, le thilgeadh am mach a chuid fearainn, is as a dhachaidh, ged a b' ann am mach air a' chuan a rachadh e, a dhèan- amh àite do fheidh is do chaoraich."

*'Ho-rè! Suas i, mhinisteir! ghlaodh an sluagh.

'' A chàirdean," ars am ministear a rithis, *''s i ceist chudthromach a tha 'n so. Bheir mi dhuibh coimeas. Co thug cumhachd do Dhùn-àluinn thar na bheil aige de fhearann ? Co chuir an seilbh cho mor e air an fhonn, agus oirbhse tha ga àiteach o chionn linntean a tha cho fada air ais ri Ciaran Cas a' chuaille chnuacaich bho 'n d' thàinig e agus, math

AM MINISTEAR MOR A' CUR DHETH. 137

dh' fhaoidteadh, na 's fhaide ? Co thug a leithid de ùo-hdaras da thairis oirbhse is Qfu 'm faod e ur làimhseachadh mar thràillean dubha nan Innsean? Sin agaibh a' cheist : agus, do bhrigh gu 'm bheil feadhainn an làthair an so a thàinio^ a dh' aon obair a thoirt a' ghath as na their mise, agus a chur clach an craos an aobhair, freagraidh mi a' cheist, agus bheir mi na fiaclan sgorrach, puinns- eanta, a clab-so-rùdaidh abharan nan uachd- aran mu 'm fosgail iad am beul."

*' Ho-re ! Suas i ; suas i ! Gasda, mhinist- eir ! Is sibh tha còrdadh ruinn ! Suas i ! "

'' Nis, gabhaibh beachd,'' arsam ministear; ''tha coir dhlio-heach aio- o-ach neach air an fhearann. 'S ann leis an Stait a tha e ; agus 's iad an sluagh an Stait."

''Sin e! Sin e, direach ! " ghlaodh aon leth-cheud còmhla.

" A nis, tha coir aig Dùn-àluinn air fear- ann cho math ri duine eile ; ach cha 'n 'eil coir aige ach air uilearachd ; is cha n 'eil coir idir aige air cuid dhaoine eile."

" Ceart gu leoir ! Ceart gu leoir ! " ghlaodh an sluagh.

" Nis, gabhaibh beachd air an so. Anns na seann linntean, nuair a rachadh neart thar ceart, mar tha 'n diugh fein, bha daoine bha

10

I3S DUN-ALUINN.

gleusda, treun, geurchuiseach, agus seòlta, air an taghadh a dhol air ceann an t-sluaigh. B' iad sin na cinn-fheadhna. Nuair thoirt- eadh am mach fearann le faobhar a' chlaidh- eimh, bha h-uile fear a' faotainn a chuibhrinn fein ; is bha coir cho dligheach is cho laghail aig-e air, 's a bha aÌQr a' cheann-fheadhna air a chuid fein, gun mhàl, gun chain, orun fhiachan, ach seirbheis cooaidh nuair b' fheudar i. Sin agaibh mar a bha.''

''Ach bha so ann," ars esan. ''Thug an rìgh, no n crim, cinn-bheartas do n cheann- fheadhna thairis air fearann a chineil ; ao^us 's ann bhuaithe sin a dh' eirich an truaio^he air a' cheann mu dheireadh, le seòltachd is sniadaireachd is feallsachd nan ceann-feadhna is an àrd-riaghlaidh."

** Anns na seann Hnntean nuair phòsadh de n cuid nigrhean, bha aior na cinn-fheadhna ri suim shònruichte de airgead a thoirt do n righ. Ach cha 'n ann mar sin a rha chùis an diugh. Cha n ann. Thàinig iad gu seòlta, bradach, mu 'n cuairt oirbh. Rinn iad lagh- annan a fhreagairt orra fein, gus an do shruth cisean mar so, de 'n robh iadsan a mhàin buailteach, bhàrr an dromannan fein, mar a shruthas uisge bhàrr druim a' gheoidh ; agus laigh iad gu maol, marbh, socrach, air ur

AM MINISTEAR MOR A' CUR DHETH. 139

dromannan-sa, còmhla ri mal ceithir-fillte na h-eucorach. Sin agaibh a' chluich a chaidh a dhèanamh oirbh. Sin agaibh ur cinn- fheadhna. Sin agaibh ur n-uachdarain. Sin asraibh samhladh nan sar do 'n do dhoirt ur n-athraichean am mach fuil an cridheachan, aorus leis an do cheannaich iad am fearann

o

's am fonn as am bheil sibh an diugh gur fògradh mar thràillean."

" Cùl riutha ! Cùl riutha ! Ho-rè 1 Cum- aibh oirbh, a mhinisteir. Cumaibh oirbh ! Suas i ! "

Chluinnteadh an fhuaim astar air falbh, is na bha air taobh am muigh an Achaidh-bhàin a' freagairt na h-iollaich a bha stigh le gaoir chruaidh sgaiteach.

Ach lean am ministear air aghaidh :

" Tha sibh a' tagradh nan Sasunnach. Cha do rinn iad beud oirbh ; ach rinn ur cinn-fheadhna shuarach, shniadach fein e le foill is le eucoir. Cha 'n eil mi 'a- ràdh nach ann a Sasunn a thàinig^ an cralar eitidh a chao-ainn 's a shluig- s a chnàmh sibh ; ach b' iad ur cinn-fheadhna shanntach a thucr dhachaidh e. Mu n d' thubhairt Emerson e, an sgriobhadair mor Ameriocach ud, chaidh an duthaich so bun os cionn, 's an sluaorh a chreachadh 's a dhèanamh nan tràillean

140 DUN-ALUINN.

bho n la ud anns a bhliadhna ro66, 'san d' thàinig fichead mile mèirleach air tir do Shasunn as an Fhraing. Ciod è a bh' anns na Normanaich ach daoine borba, aineolach, do nach b' aithne an aodach a chur orra an coimeas ris na Sasunnaich a cheannsaich iad. Sin an treubh a thruaill ar duthaich 's a dh' atharraich ar cleachdainnean glan, fallan, foirfe. An deidh do na Normanaich bhi faisg air da cheud bliadhna anns an duthaich so, gan clreadh 's 'gan sliobadh fein, thoisich iad air diùcan 's air barain 's air ridirean 's air iarlachan a dhèanamh diubh fein. Chuir iad an sin suas tigh mor nam maithean an Lunnainn, agus bho 'n ionad sin riaghail iad an duthaich ; agus chum iad an casan air amhaichean an t-sluaigh, mar tha iad a' dèan- amh gus an latha 'n diugh."

*' Nuas na maithean ! "

*' Tha sin ùr dhuinn ! "

*' Na cealgairean ! Na cealgairean ! " ghlaodh an sluagh, a bha mean-eisdeachd na h-òraid.

'* A chàirdean/' ars am ministear ; ''their iad ruibh gu 'm bheil saors agaibh ; ach tha mise g ràdh gur tràillean sibh."

Thog so ochanaich feadh na cuideachd.

AM MINISTEAR MOR A' CUR DHETH. 141

'*Tha mi g ràdh ruibh, agus dearbhaidh mi e, gu 'm bheil còrr agus da fhichead muillean tràill taobh a steach còrsan Bhreat- uinn. Nis, thugaibh an aire : tha fearann na rioo-hachd so an seilbh eadar deich mile fichead ao-us da fhichead mile uachdaran. Tha, mar an ceudna, mu dhà fhichead muill- ean de shluagh 'san rioghachd ; agus a reir laorh shiobhalta na rioo-hachd tha comas ag^us cumhachd aig an deich mile fichead, no an da fhichead mile, uachdaran an o-as-so^uabaich a chur mu chiil an da fhichead muillean pearsa so, agus an sguabadh am mach do 'n chuan. Ciod è a tha 'n sin ach staid, agus fior staid, na tràillealachd ? "

Thug am ministear breab d' a chois air a' chreig an co-sheirm ris na facail. Dh' eubh iad, is ran iad, is chrath iad am boineidean OS cionn an cinn gus nach robh ciall stad aca ; agus abhagan nan uachdaran air chrith air an casan.

" Sin agaibh na diùcan. Sin agaibh na ridirean riomhach. Sin agaibh na h-iarlachan, 's na barain, s na h-uachdarain air fad ! "

''Ho-rè! Nuas na ridirean! Nuas na h-uachdarain ! Nuas na cealgairean ! Nuas iad ! Nuas iad ! " o["hlaodh an sluaorh.

142 DUN-ALUINN.

*' Tha sibh 'nur tràillean aca ; ach fo ainm dhaoine aig am bheil saorsa agus cead an coise. Coimeasaibh sibh fein ris an trail), agus chi sibh le ur suilean dall, doilleir fein, nach e mhàin gu 'm bheil an traill cas air chalpa ruibh, ach gu 'm bheil ceann garbh a' bhat' aige, agus an ceann caol agaibhse, agus cha ghleidh sibh ur greim."

** Ho, gasda, mhinisteir. Gasda ! Gasda ! '* ghlaodh na bh' ann a rithis.

'' Nuas leth-bhodach eile ! " ghlaodh fear de abhagran nan uachdaran.

*' Air falbh e ! Air falbh e ! Air falbh an comhair a chas e ! " ghlaodh da fhichead oganach smearail, is iad a' sealltainn an rathad as an d' thàinig an guth a bha toirt sathaidh do 'n mhinistear.

'' Air falbh air fad iad ! Air falbh na cuil- eanan ! " ghlaodh a' chuideachd, s a h-uile fear a' cur dheth, 's am ministear a' glaodh- aich sith a dhèanamh.

Ach cha dèanadh e feum. Chaidh breith air sgornan air an fhear a bhruidhinn, agus chaidh a thogail air falbh gun a chasan a bhuntainn do 'n talamh.

Nuair a shocraich iad, thòisich am ministear a rithis.

*'Nis, seallaibh air a' chuis mar so," 's e

AM MINISTEAR MOR A' CUR DHETH. 143

mar gu 'm biodh e sgriobhadh le chorraig air a bhois ; '*na 'm biodh fear an sin aig am biodh ceud no da cheud traill, agus gu 'n cuireadh e dh' oibreachadh a chuid fearainn iad, bha e 'n geall air na tràillean, 's air am mnathan, 's air an cloinn a bheathachadh 's a chomhdach. Ach, nuair a chitheadh e gu 'm pàigheadh am fearann na b' fhèarr le feidh no caoraich a chur air, chuireadh e na tràill- ean am mach air a' mhuir."

" Nis, cha 'n 'eil ur cor-sa na 's fèarr na sin, mur 'eil e na 's miosa. Tha cùram ur mnathan 's ur teaghlaichean oirbhse sibh-fein. Feumaidh sibh, aig an am cheudna, oibreach- adh bho mhoch gu dubh a cheart cho goirt ris na tràillean ; agus air a' cheann mu dheir- eadh, nuair a chi an t-uachdaran iomchuidh e, eiridh dhuibh direach mar a dh' eireadh do na tràillean ; agus dh' eirich e cheana do mhor-roinn na duthcha so : ur sguabadh am mach air a' mhuir. Ciod è a tha sibh na 's fèarr na tràillean aige sin ? "

** Cha 'n eil dad. Cha 'n 'eil mir!" ghlaodh an sluaorh.

**x-\m bheil sin ceart no cothromach .^"

** Cha 'n 'eil ; cha 'n 'eil ! " ghlaodh a' chuid- eachd.

*' Sin agaibh ur staid, ma tà. Sin agaibh

144 DUN-ALUINN.

ur suidheachadh. Cha n fhèarr sibh na na tràillean ! Fo chuing 's fo shàil Dhùin-àluinn dhuibh, bhuirb, bhrein, aineolaich ! ''

''Ho-rè! Suas i ! Suas i ! Ceart gu leoir, a mhinisteir."

'* Gasda ; gasda ! Suas a rithis i ! Suas i ! Suas i ! " ghlaodh a' chuideachd, gus nach mor nach do sgàin lad.

*' A chàirdean," ars am ministear a rithis, **bha Ghreig: agfus an Ròimh o shean anns a' cheart suidheachadh 'sam bheil Impireachd Mhor Bhreatuinn an diugh ; agus chuir maithean na Greige a' Ghreig do 'n ùir, agus chuir maithean na h-Eadailte an Roimh do 'n ùir leis a' cheart inneal a th' aig maith- ean Bhreatuinn 'nan duirn an diugh : uachd- aranas an fhearainn ; agus air a' cheart doigh tha maithean na duthcha so a' buntainn ris an t-sluagh an diugh : 'gam fogradh bhàrr an fhearainn.

** Mo thruaighe ; mo thruaighe ! " chluinn- teadh thall 's a bhos.

Bha 'm ministear gu math seòlta domhain e fein ; agus bha fios aige gu 'n tàirneadh e aire an t-sluaigh na b' fhèarr le bhi toirt daibh stiallan de shean eachdraidh na Greige 's na Roimhe, agus le bhi cleachdadh ainmean nach cual iad riamh, agus a bhiodh cur coltas

AM xMINISTEAR MOR A' CUR DHETH. 145

doimhneachd agus foghluim air an oraid. Bha fios aio'e o-u 'm biodh buaidh na bu

o o

mhotha aige so air a luchd-eisdeachd.

Ars esan a rithis :

'' Nuair a dh'eirich a' cheart seorsa truaighe so am mach anns a' Ghreig, chum Solon agus Lycurgus an dromannan gu fearail, duineil, gleusda ri sruth làidir na h-eucorach ; ach air a' cheann mu dheireadh, fhuair na maithean a' bhuaidh.

'* Sheas Licinius anns an Ròimh, mar an ceudna, an aghaidh na droch ghiollachd a bh' air a luchd-dùthcha fèin ; ach fhuair na maithean buaidh san Ròimh, mar an ceudna. Agus ciod è thachair? Thachair, air a' cheann mu dheireadh, gu 'n do chaill a' Ghreig agus an Ròimh an casan agus gu 'm bheil iad fathast air an glùinean."

Chord so gu h-anabarrach ris an t-sluagh ; agus smaoinich am ministear gu'm b' fhèairrd iad tuilHdh dheth.

**A chàirdean," ars esan, " tha 'n suidh- eachadh anns am bheil sibhse a' toirt a 'm chuimhne nam briathran geur, domhain, agus fior, a labhair Tiberius Gracchus ris na Ròmanaich o shean : ' A mhuinntir na Roimhe,' arsa Gracchus, 'their iad uachdar- ain an domhain ruibh ; ach cha n eil coir

146 DUN-ALUINN.

dhligheach agaibh air aon troigh de fhonn. Tha garaidhean aig na beathaichean fiadh- aich ; ach cha 'n 'eil aig flaithean na h-Eadailt ach uisge agus athar/

*' Nach math a fhreagras na ceart bhriath- ran sin oirbhse ! Nach math a fhreagras na briathran sin air flaithean na Gaidhealtachd ! Nach math a fhreagras iad air siol nan sonn a rùisg an claidheamhnan geala agus a dhearbh an cHii aig Ticonderoga, aig San Sebastian, aig Corùna, aig Bhatarlù, 's aig iomadh blàr fuilteach eile. Seadh ! Nach math a fhreagras sin air flaithean na Gaidh- ealtachd aig nach 'eil de choir air an dùthaich ach na dh' fheumas iad de 'n athar a tha os an cionn, agus de 'n uisge a tha ruith 'na glinn. Ma tha neach a làthair is urrainn cur an aghaidh aon dad a thubhairt mi, so an t-àm agus so an t-aite."

Aig an so, shuidh am ministear air cloich a bha deanamh aite cathrach, a' suathadh aodainn.

Thog a' chuideachd an guth. Rinn iad iollach àrd, chruaidh ; is fhreagair na cnuic 's na coilltean mu 'n cuairt an gain

AM MINISTEAR MOR A' CUR DHETH. 147 CAIBIDEIL XV.

AM MINISTEAR MOR A' CUR TUILLIDH DHETH.

Thainig an sin ministear na Sofire Bio-e air ao^haidh. Bha suil aio^e air a' mhinistear mhor, suil aio^e air a' bhàillidh a bha làmh ris, agus suil air an luchd-eisdeachd a bha tionndadh mu 'n cuairt a shealltainn air-san thar cinn a cheile.

'' Dh' eisd mi o-u foiorhidneach ri oraid Maio^hstir Stiubhart," ars esan, ''acrus bha toil agam bha miann orm bha toil bha toil "

'' Ciod è tha thu a' toirt oidhirp air a ràdh, a bhroinein. Thig am mach leis gun eagal, gun ghioraig. Cha n eirich beud an so dhuit," ars am ministear mor.

*' Ma 's ann a sheasamh nan uachdaran a thainig e 'n so, tha cho math dha a chasan thoirt leis," arsa fear, 's e bruidhinn am meadhon na cuideachd.

'' Air falbh e ! Air falbh e, air an spiol ! " dh' eubh aon leth-dusan eile, 's iad a' glaodh- aich comhla an sud s an so feadh na cuid- eachd.

'' Sàmhchair ! Sàmhchair ! "

148 DUN-ALUINN.

*^Air falbh e! Ho! Na faigheadh e eisdeachd ! Air falbh e ! Hur-r-r ! Cumaibh 'na thosd e ! Nach dalma e ! Air falbh ; air falbh e ! " chluinnteadh 'na aon ghaoir, mar gu m biodh coire air ghoil. Cha robh duine air an achadh nach robh aghaidh air ministear na Sgire Bige, agus esan sùil-mo-thruaighe aige air a' mhinistear mhor.

Sheas am ministear mor ; thog e suas a dhà làimh, is ghlaodh e : '' Bithibh sàmh- ach, a chàirdean. Sàmhach ! Sàmhach ! Uisdibh!"

Thug gach duine feairt air a' mhinistear mhor, agus dh' eisd iad gu sàmhach iriseal.

'' Tha Ian chead aig mo charaid a bheachd a thoirt air rud 'sam bith a chual e 'n so an nochd. Tha Ian chead aige, mar an ceudna, an t-uachdaran a sheasamh, bho na tha e gle choltach gu 'm bheil e 'na chù-chlapadh- chuileag aige. Siuthad a nis, a bhròinein. Gabh air t' aghaidh."

Thòisich ministear na Sgire Bige a rithis **am ministear caol," 's e bu trice gheibh- eadh e.

'' Bha toil agam aire na cuideachd a tharr- uing gu rud no dhà a thubhairt mo charaid, Maighstir Stiubhart, mu 'n fhearann, agus mu choir nan uachdaran bochda air."

AM MINISTEAR MOR A' CUR DHETH. 149

''Ha -ha -ha," ghlaodh na bha làthair. '' Bochd ! Bochd ! Nach iad a tha bochd ! Ni sinn iomlaid riutha ! "

Nuair a shiolaich e sios gu sàmhchair a rithis, lean am ministear caol, 's e air chrith air a chasan leis an eagal, agus am ministear mor air chrith air a chloich leis a' ghàireachd- aich.

'' A reir eachdraidh, tha Maighstir Stiubh- art gle chèarr. Tha Ian choir aig na h-uachdarain air an fhearann le coir dhlighich o 'n chrun. Tha fios againn gu 'n robh e daonnan 'na chleachdadh aig a' chriin, agus gu 'm bheil a' cheart chleachdadh ann an diugh fathast, a bhi toirt cuibhreannan fear- ainn, no suim airgid, do dhaoine gleusda a bha dileas do 'n chrun, 's a' dèanamh seirbhis da, le 'n cinn, le 'm pinn, 's le 'n claidheamh- nan. Tha fios againn, cuideachd, gu'n robh e 'na chleachdadh, 's gu 'm bheil e 'na chleachdadh gus an latha 'n diugh, a bhi cur urraim agus onoir air daoine de 'n t-seorsa sin, agus a bhi dèanamh diùcan is iarlachan is barain is ridirean diubh. A nis, bho na tha sin mar sin, nach math is nach onoireach coir an sil air, a dhèanamh ris no riutha mar a thogras iad."

** Is geur, sicir do sheanchas, a charaid ;

I50 DUN-ALUINN.

ach tha thu cèarr. Tha thu cèarr fad do dhroma, is cha ghoirid e/' ars am ministear mor.

Air na facail so chluinntinn, dh' fhàs a' chuideachd cho subhach 's a bha i tosdach, sprochdach am fad 's a bha 'm ministear caol a' labhairt. Shaoil iad nach biodh fosgladh a bheòil aig a' mhinistear mhor tuillidh ; a chionn b' e n seòrsa creud a chual iad aig a' mhinistear chaol, a chaidh a chalcadh 'nan claigeann fad am beatha.

Thog e 'm misneach nuair thòisich am ministear mor a rithis :

'' Cha 'n eil mise 'g ràdh nach 'eil coir aig na h-uachdarain air fearann cho math ri daoine eile ; ach cha 'n 'eil coir aca, mar a thubhairt mi, air cuid dhaoine eile, no bhi gabhail coir air mar a rinn iad, leis an fhoill, agus an sluagh d' am buineadh e, 's aig an robh feum mor air, agus a bha dèanamh feum mhoir dheth, a sguabadh air falbh gu iomall an domhain. Nach 'eil sin cèarr ? Faodaidh tu do thigh a dhèanamh na 's motha ; faod- aidh tu do bhàta a dhèanamh na 's motha ; agus faodaidh tu do ghàradh a dhèanamh na 's motha ; ach cha ghabh aon Ian sluasaid cur ri fearann Bhreatuinn, ach na bheil air, is cha 'n 'eil e ceart gu 'm biodh a leithid de

AM MINISTEAR xMOR A' CUR DHETH. 151

chumhachd aio- neach 'sam bith air aon Ian spàine de fhearann na duthcha, s gu 'n rachadh aige air a chomh-chreutair a chur dheth. A chàirdean, ciod è a chuireadh gu 'm biodh cumhachd aig uachdaran fearainn thairis air an tuath nach eil aig an righ fein ? Freagraibh sin. Ghlac iad fearann an t-sluaigh leis an fhoill. Ghlac iad fearann na h-eaglais leis an fhoill. Tha iad gan gleidheadh le cheile gus an latha 'n diugh leis an fhoill, agus a* dèanamh ris gach clod dheth, air an dion le 'n laghannan eucoireach fein, an rud a thogras iad fein, leis an fhoill. Foill ! Foill ! Foill bho thoiseach gu deir- eadh."

** Sin sibh, eudail, a mhinisteir," ghlaodh an sluagh. " Hui ! hui ! Suas i ! suas i ! "

*' A nis, a chàirdean, bho na dhuisg mo charaid an sud shios a' cheist "

*'Cha 'n e caraid, ach nàmhaid : nàmhaid an aobhair ! " chaidh a ghlaodhadh.

" Mar a thubhairt mi," ars am ministear, 's e leantainn, " cha 'n eil mise 'g ràdh nach 'eil neach a ni seirbhis mhath da dhùthaich, dligheach air duais agus urram agus onoir. Cha 'n 'eil idir. Is fada bhuam e. Ach tha mi 'n aghaidh so. Tha mi 'n aghaidh neach 'sam bith a dh' fhaotainn tuillidh 's a choir ;

152 DUN-ALUINN.

tuillidh is fheumalachd. Cha 'n 'eil mi faicinn nach leoir do neach 'sam bith duals riaghailt- each a chuidicheas leis a theaghlach a thogail gu inbhe a reir an t-suidheachaidh anns an do chuir a ghleusdachd fein e-fein, agus an dèanamh uigheamaichte a dhol am mach a thoirt sgarbh a creagan daibh fein. Ach tha mi 'n aghaidh mi-riaghailt agus creachadh sluagh na dùthcha le duaisean ana-cearta, ana-cuibheasach, agus mi-riaghailteach a bhi air an toirt do neach '*sam bith air dhoigh 's nach leig a h-aon d' a shiolaidh leas làmh no cas aghluasad gu bràth tuillidh, ach ag eirigh, 's a' laighe, 's ag itheadh, 's ag òl, 's a' struidh- eadh 's a' cosg am beatha anns a h-uile seòrsa beistealachd, gun mhath, gun fheum daibh fein, no d' an cuideachd, no do 'n stait."

"Sin e; sin e!" thàinig le sunnd a meadhon na cuideachd.

'' Cha 'n 'eil mi 'n aghaidh duine 'sam bith a bhi air a dhèanamh 'na dhiuc, no 'na ridire, ma choisinn e sin air a dhuthaich le bhuadhan 's le ghleusdachd 's le threine fein ; ach tha mi air son gu 'm bàsaicheadh an ridireachd leis fein ; no gu 'm biodh ' diuc ' diùchaidh an latha rachadh e 'n uaigh, an àite an comharra urramach so a bhi air a shineadh a nuas d'a shliochd fad linntean, agus am mac

AM MINISTEAR MOR A' CUR DHETH. 153

is sine anns gach teaghlach, mar thig iad, a' cosg 's a' caitheamh urraim agus onoir nach do choisinn e, agus, math dh' fhaoid- teadh, air nach airidh e. Cha 'n eil mi air taobh neach 'sam bith a bhi giiilan comharra-cluaise de 'n t-seòrsa so mur do choisinn e fein e ; agus, còmhla ris an sin, a bhi faotainn cead suidhe an Tigh Mor nam Maithean a riaghladh na dùthcha so, ged a b' iad balgairean, ged a b' iad amadain bu mhotha bha riamh air an t-saoghal/'

'* Ceart gu leòir ! Ceart gu leòir ! " chluinn- teadh as a h-uile beul.

''A chàirdean, 's i droch riaghailt a tha 'n sud. Droch chleachdadh a tha toirt orra-fein 's air daoine bochd eile a bhi smaointinn gu 'm bheil iadsan de fhuil 's de fheoil na 's fèarr na 'n comh - chreutairean. ' Seann teaghlaichean,' deir iadsan! Cha 'n 'eil iad mir na 's fèarr, agus cha 'n 'eil an teachd na 's sine, aon stoileam, na 'n duine is bochdainne 'san duthaich, ged a tha 'n comharra-cluaise so, mar charragh-chuimhne an cladh, 'gan cumail mu choinneamh ar sùl na s learr.

Thàinig a' choinneamh anabarrach so gu crich mu dheireadh. Thog- an sluagh am

154 DUN-ALUINN.

ministear mòr air an guaillean leis a' mhoit ; ach shnàg am ministear caol, sliogach, air falbh gun fhios, air eagal gu 'n toireadh an sluagh garbh-làimhseachadh dha.

CNUASACHD ORAID A* MHINISTEIR. 155 CAIBIDEIL XVI.

CNUASACHD ORAID A' MHINISTEIR MHÒIR.

Chum a' choinneamh mhor so cnàimh r' a chagnadh ri muinntir na sgireachd air fad, a h-uile h-àite 'san suidheadh no 'n seasadh iad. Chum i cagnadh ris na h-uachdarain bheaga is mhora, cuideachd, ce b' e co chluinneadh e. Ach feuch an cluinnteadh. A' chuid a b' fhèarr cha 'n fhairichteadh. Cha robh bonn coise 'san dùthaich a bha cho sàmhach, tosdach ris gach bàillidh is ris gach uachdaran. Bha 'n uiread sin de ghliocas is de sheoltachd an t-sionnaich annta. Ach aon rud a bha fior, cha robh maor no earraid a bheireadh agrhaidh eadhon air tiah cailleach a' phoca, le bàirHnn, eagal 's gu 'm biodh e air a thogail bhàrr aghaidh na talmhainn le corruich an t-sluaigh, an deidh a' bhrodaidh a rinn òraid a' mhinisteir mhoir air sluagh- iul na duthcha orra.

An ceann oidhche no dhà air a' choinnimh thachair grunnan air a chèile, mar b' àbhaist, an Tigh Pàrlamaid a' chlachain : buth Mhic Iain Bhig. Mar a h-aon s mar a dhà, bha Eachann a' phaca ann; is thòisich an deasbud.

156 DUN-ALUINN.

'' Theid mise n urras," ars an greusaiche, "gu 'n d' fhuair sinn ar leasan beag an oidhche roimhe/'

''An da, gu dearbh fein, fhuair/' arsa Mac Iain Bhig fein, 's e 'na sheasamh, 's a ghuala ris an t-similear, 's e mèananaich. " Cha 'n 'eil dùil a'm," ars esan, 's e cur na dara coise thairis air a' chois eile, 's ga shocrachadh fein ris an t-similear, 's e gliongartaich airgid 'san dara poca, is pasg iuchraichean 'sa phoca eile, ''cha 'n 'eil dùil a'm, gu dearbh, gu 'n cuala mi iomradh riamh roimhe uachdarain uaibhreach na Gaidhealtachd a dh' fhaotainn a leithid de thàir. Ged nach biodh ach teintean Dhùin-àluinn a ruigheachd, agus e fein 's a bhean a thoirt a' mhonaidh orra, mar gu m biodh sionnach air fhuadach as a gharaidh, is coin air lomhainn as a dheidh."

" Nach b' i 'n t-searbhag i ! " ars an greus- aiche air a shocair fein, 's an cumadh a chuir e air a bhilean ag innseadh cho math 's a bha 'n rud a' cordadh ris.

"Nach b' i 'n t-searbhag i, da-rireadh ! " ars Eachann a' phaca, 's e leigeil a phaca air beul baraille. " Nach b' i 'n t-searbhag i, da- rireadh. Nach esan, a mhic chridhe, a chlisg am brochan nach d' ol e ! Eudail ; eudail ! Fheara, nach esan a rinn sin. Am fear nach

CNUASACHD ORAID A' MHINISTEIR. 157

fhaotainn ach orann mo shròn a sheideadh taobh an rathaid mhoir san oidhche eagal 's oru 'n cuirinn sg-aoim air oob-saic "

a i ,

Gudaboc,' Eachainn," arsa Mac Iain Bhig.

" ' Budagoc,' tha dùil a'm a th' ann," ars an ofreusaiche.

"Sin sibhse daonnan," ars Eacbann. ** Ciod è an t-eadar-dhealachadh a th' ann, ' orud ' no ' bud ' no ' gob ' air an dara ceann na ' ooc ' no ' boc ' no ' sac ' air a' cheann eile. Nach 'eil sibh a' tuigsinn ciod è tha mi 'g ràdh ! "

''Tha; tha, gun teagamh," ars a h-uile fear riamh.

'' Seadh, ma ! Seadh ! " ars Eachann, 's i air bualadh shuas aige.

''Ciod è tha sibh fein ag ràdh, Dhomh- nuill, a nis, mu na h-uile dad a tha dol ? ' ars an greusaiche ri Domhnull saor, 's e 'na shuidhe air bocsa, taobh a' bhalla, a chasan bac-air-oireig, s a thaic ri bolla de mhin- pheasraich.

'S e duine bha 'n Domhnull saor nach cuala duine riamh a ghuth mor no a dhroch fhacal mu dhuine sam bith, a thigheachd air an uachdaran no air a' bhàillidh a spùinn le cheile e. Bha croit mhath fo Ian stoc cruidh is

iS8 DUN-ALUINN.

chaorach aig Domhnull ; ach thug am baill- idh bhuaidh i, a chionn gu 'n robh i freagrach air fein. Thug e bhuaidh, mar an ceudna, an stoc 's am bàrr, is phaigh se e mar a thogair e fein. Phaigh e ochd-sgilHnn-deug an te air na caoraich.

''An da." arsa Domhnull, 's e freagairt a' ghreusaiche, ''cha 'n urrainn mi fein dad a ràdh ; ach tha mi faicinn rudan gu math neonach. Ach sud rud nach do smaoinich mi riamh air, mar a tha leithid de chomas aig làn-na-dùirne de dhaoine, agus moran diubh gun toinisg, a h-uile sùil 'san rioghachd a chur am mach air a' chuan. 'S e rud anabarrach a th' ann, mar tha na daoine mora ud a' tighinn beò 's a fas beartach le saothair làimh dhaoine eile. Nach seall sibh, mar choimeas, a liuthad punnd Sasunnach a tha Dùn-àluinn fein a' cur 'na phòca air son màl thighean anns nach do chuir e sgillinn odhar riamh, no uiread mo dhiiirn de chloich, no Ian spàine de aol. Am bheil sin ceart ? A nis, seallaibh so."

B' annamh le Domhnull a bheul f hosgladh ; ach air an am so thàinig an glomhar as. Shocraich se e fein air a' bhocsa ; shuath e sadach na min-pheasraich bhàrr uilne, is

CNUASACHD ORAID A' MHINISTEIR. 159

leudaich e mach a' chuis a reir a bheachd, le sgailceadh corraig air muin boise.

'' Seallaibh so," ars esan ; '*ma bhàsaicheas neach gun oighre, 's gu 'm fag e airgead, 's e 'n Crun a thio- air a h-uile sgillinn deth. Nis, na m biodh neach ann aig am biodh tigh math, fiachail, s an aonta ruith am mach, gabhaidh uachdaran an fhearainn coir air, ma thogras e. Nach iomadh tigh 'san duth- aich so fein as am bheil Dùn-àluinn faotainn mail mhoir nach do chosg e sgillinn r' an togail, agus àl na feadhnach a chuir suas iad beo, slàn 'san duthaich. Nach eucorach sin ? Mur a biodh duine ann a thagradh iad, cha bhiodh an eucoir uile gu leir cho follaiseach ; ach aige sin fein, tha e cèarr. C ar son nach tagradh an Stait iad mar an t-airgead ? 'S e bu choir a bhi ann, so. Bu choir lagh a bhi ann a chum agus, nuair a dh' eireadh cùisean de 'n t-seorsa ud a suas, gu 'n rachadh an tigh, mar gu 'm biodh, a mheas agus a reic ris an uachdaran na 'n toileadh e an Stait a ghabhail an airgid, ach cuibhreann deth a thilleadh air ais do 'n sofireachd anns an robh an tigh, a chuideachadh le daoine bochda cisean na sgireachd a phàigheadh. Gheibh- eadh an t-uachdaran a chuid fein anns an

i6o DUN-ALUINN.

dòigh sin cho math ri duine eile : cha 'n 'eil coir aige air tuillidh, an riaghailt no an ceartas. Cha 'n e h-uile rud a sglamadh chuige fein, mar gu n cuireadh tu lìon-sgrìob ri cul torr phiocach. Sin agaibh mo bharail-sa," arsa Domhnull, s e ga thilgeil fein air ais, mar a bha e roimhe, air a' phoca pheasrach.

'' Is math a labhair thu ! "

*' Fhuaras agad e ! "

'' Tha mi de n bheachd ! "

Cha robh duine bha 'n làthair nach do labh- air còmhla ag aontachadh le Dòmhnull.

Bha Eachann 'na shuidhe air a' phaca, 's e lasadh na pioba ; is thoisich esan, eadar a h-uile boitean toite, air cur facail a steach.

*' Ach, a reir mo bheachd fein, 's i 'n ' eachalàireachd ' so no ciod è 'm facal mor a th' aig a' mhinistear air rud is truaighe thàinig air an dùthaich so riamh."

Rinn na bha stigh glag mor gàire nuair a chual iad an oidheam a thug Eachann as an fhacal.

'' ' Dì-làrachadh/ Eachainn ! ' Dì-làrach- adh ! ' " arsa Dòmhnull saor, le triotan gàire.

'' Seadh ! " ars Eachann. ** S e sin a tha mi a' ciallachadh ; ach dhi-chuimhnich mi 'n fhuaim. Dh' fhàg an li-dàrachadh so an dùthaich gun daoine."

CNUASACHD ORAID A' MHINISTEIR. i6i

Ghàir na bha stigh a rithis, agus suil mu seach aig Eachann orra, gus an deach a' phiob as air.

^'Feuch a rithis e, Eachainn/' ars an greusaiche.

''Ciod è ghlagail a th' oirbh?" ars Eachann.

*'Abair * dì-làrachadh,' " arsa Dòmhnull saor ; '' ' dì-làrachadh ' ; * dì-làrachadh.' "

**'S nach e sin a tha mi 'g ràdh ? " ars Eachann '' ' di-ràlachadh ' ; ' dl-dì-dalàrach- adh.'"

Thug so tuilleadh gàireachdaich air a' chuideachd.

Am meadhon a' chridhealais, co thàinig a steach ach Cailean Ruadh air A' Chreig.

'' Nach sibh a tha sunndach, cridheil, gu dearbh," arsa Cailean.

'' An da, 'ille choir, cha 'n 'eil sinn na s cridheala na bha thu fein feasgar an la roimhe, nuair a bha thu dannsadh air mullach na creige glaise am meadhon na pàirce, s a' glaodhaich : * Fhuair sinn a' bhànag, mu dheireadh.' 'S ann a thug thu 'nar cuimhne a' chuthag ! " ars an greusaiche.

** Nach robh, a charaid, reuson a' chridheal- ais agam, agus againn air fad ? " arsa Cailean.

" Seadh ! Ciod è 'n reuson a bh' ann .'^ " arsa Domhnull saor.

i62 DUN-ALUINN.

'*Ha-hà!" arsa Cailean Ruadh aotrom. '' An è nach cual sibh idir e ? " 's e bogadan air an urlar. '' Nach d' fhuair sinn an tasdan gèarr, gorm ud, mu dheireadh thall/' arsa Cailean.

'' Cha luaithe na 'n t-àm/' ars Eachann. '' Cha bhi sibh cho dona dheth idir, a nis, comhla ris a' mhin Innseanaich, 's le dinneir mhath de thùirneip, 's de chàl, 's de churrain, an losaid mhoir nan gamhna, is spàin mhòr adhairc an dorn gach fir."

*' Tubaist ort, Eachainn ! Cha 'n eil thu 'd shùgradh," arsa Dòmhnull saor.

'* Nach math a laigheadh a' cheart dinneir ort ! " arsa Cailean.

''Gu dearbh, fein, cha laigheadh/' ars Eachann, ''na n cromainn mo cheann anns an losaid mhoir ud, bhiodh eagal orm gu 'n cinneadh adhaircean orm. Hi-hi-hi ! " ars e fein, 's e piuthail ghàireachdaich.

Bha Eachann cho geur ri bioraiche, 's an uair a thogradh e fein, cha robh e furasda toirt dheth. Bhiodh daoine gu trie a' tarruing as ; agus leis an sin bha daonnan a theang- adh ris a' chloich-liomhain.

'' U ! Tha mise faicinn gur h-i Seònaid an aon te ni 'n gnothuch ortsa, Eachainn ! " arsa Cailean.

CNLIASACHD ORAID A' MHINISTEIR. 163

'' Agus ortsa," ars Eachann.

** Agus oirbh le cheile," ars an greusaiche.

*' Agus oirnn air fad," arsa Mac Iain Bhig.

*' Shaoilinn e ! " ars Eachann.

'* Ach Seonaid ann ; Seonaid as ! Ciod è is ciall do 'n tasdan so ? " ars an greusaiche.

'*Tha, a bhreugadh an t-sluaigh," arsa Dòmhnull saor.

''Tha 'n t-slaightearachd," arsa Mac Iain Bhig.

''Ciod eile ? " ars Eachann. ''Ciod eile ? A ha ! Dùn-àluinn dubh nan guadan ! "

" Ni e na 's urrainn da, nis, a bhriodal nan daoine, feuch am faigh e aon uair eile aig a ghlùin iad, los cothrom math fhaotainn air aon sgailc dheireannaich a thoirt daibh, agus crioch a chur orra."

" Cha 'n fhaigh e sin," arsa Cailean, "ged a chuireadh e bhean g ar pàigheadh a h-uile Sathurna, agus cleas na Bana-Ghordonaich a dhèanamh, nuair a thog i n reiseamaid : an tasdan a chur eadar a da bhile bhòidhich."

Thug an dubhlan leis an d' thubhairt Cailean Ruadh so, gàir air na bha stigh.

1 64 DUN-ALUINN.

CAIBIDEIL XVII.

AM MARSANTA GALLDA AIR CHALL.

NuAiR a shiolaich iad a sios gu reidh shean- chas a rithis, is a bha iad a' bruidhinn thall 's a bhos, thuirt Mac Iain Bhig as a chul- tàimh : '' Ciod è na smaointean aighearach a th' agaibh, a Dhomhnuill ? Chi mi fiamh- gàire oirbh."

^^Ha-ha-hà! Ho-ho-hò ! Hi-hi-hi ! " ghàir Dòmhnull saor coir le lachanach, gus nach mor nach do spreadh e, s e toirt sgailc chruaidh le dhorn air a ghlùin.

Sheall na bha stigh air, is dùil aig a h-uile fear gu 'm b' e fein a b' aobhar gàire.

** Ho-ho-hò ! " arsa Dòmhnnll a rithis. ** Bha mi direach a' smaointinn gu 'n robh mi faicinn Eoghan Roicein a' tighinn a thoirt an tasdain a beul na baintighearna le fhiaclan, is fheusag mhor, romach, Ian de sheile s de shùgh an tombaca. Ho-ho-ho ! " Is ghàir na bha stigh, is a h-uile fear a' cur a chuid fein ris.

An teis-meadhon a' chridhealais co thàinig a steach ach Seonaid Bhàn na h-Atha. Thachradh leithid Seonaid gle thric air duine

AM MARSANTA GALLDA AIR CHALL. 165

anns gach dàrna baile beag 'sa Ghaidhealt- achd ; agus cha 'n ann idir a' fas tearc a tha iad. B' e te de 'n fheadhainn i a bha car coma dhith fein, coma de theireadh i, 's i luideach, gliogach, neo-sgiobalta 'na h-aodach 's 'na giùlan, agus daonnan a' tarruing a cuideiginn.

'*Thig air t' aghaidh, a Sheònaid," arsa Cailean Ruadh.

''An da, gu dearbh, tha sin, a ruin, cunn- artach dhòmhsa, far am bheil uiread de fhir," arsa Seònaid, 's i toirt sùl air Eachann.

Ghabh Eachann sud chuige fein 'sa mhion- aid, 's a cheart cho math leis sgailc 'sa chluais, ri bhi tilgeadh bhan air, no cur gin as a leth.

"An da, 's ann duit fein nach 'eil an cùram ; cha 'n 'eil thu cho miannach," ars Eachann, 's e tarruing na pioba le glamhaich- ean a chumail air falbh na feirg.

*' U ! 'Ille ! Cha 'n 'eil fhios a'm ciod è dhèanadh tu idir na 'm faigheadh tu an cùil mi," arsa Seonaid ; is ghàir i fein is each gus an do ràinig iad an smior-cailleach aig Eachann.

'' Na 'm faighinn an cùil thu ! " ars Each- ann, ''dheanainn car-sniomhain a chur ann ad amhaich, nach tigeadh as gus am biodh tu falbh feadh a' bhaile coltach ri caora anns

i66 DUN-ALUINN.

am biodh an sùisdean. Thusa, sheana chrog Hath, le d' dhosan odhar, ribeach a' crathadh mu d' shùilean mar gu 'm biodh bad feòir an aodann stalla."

Leis cho guineach 's a labhair Eachann, cha robh duine stigh nach do raoic a' gàir- eachdaich, is cha b' e lachan Seonaid fein bu lugha.

^*Ho-hò! Eachainn, eudail/' ars ise, *s i sineadh a làimhe chuige, *'nach fhaod thu breith air làimh dheis orm. Cha toir do bhòidhchead a cuideachd thu na 's mo na mi fein. An sud i ! "

'' Gabh am mach a so, a sgiunach bhuidhe, no cuiridh mi sop teine riut. Thusa 'gad choimeas fein ri duine 'sam bith ! Thusa, a sheana chearc ribeach nan dùnan, le d' chlabail, gus am bheil car cam air tighinn am bus dubh nam breug agad. Fag mo rathad ! Fag mo rathad, ialtag na h-oidhche, no, direach, tarruingidh mi 'n amhach agad. Teich ; teich ! "

'' O, Mhoire, Mhoire ! " arsa Seonaid, 's i leum air cùl Chailein Ruaidh leis nah-obagan a thug Eachann chuice.

Chunnacas nach robh math Eachann a ruigheachd na b' fhaide ; is thoisich seanchas

AM xMARSANTA GALLDA AIR CHALL. 167

coitcheann thall 's a bhos, is daonnan suil fhiar aig Seònaid air Eachann.

** Ach, fheara 's a ghaoil ! ged tha sinn ri uimhir cridhealais, cha bu choir dhuinn e, bho na thàinig" mi ory 'm chuimhne. Nach eil e coltach gu 'n deach am marsanta Gallda bochd a bhàthadh."

''O, eudail ! " ars a h-uile h-aon riamh. '' Ciod e mar/'

Bha Eachann, is drein air, is fhiaclan geala ris, a' sealltuinn bho h-aon gu h-aon feuch an ann a' toirt a' char as a bha iad, is eagal air nach robh an sgeul fior.

''O, eudail, a Sheònaid ! Am faod mi do chreidsinn ? " arsa Dòmhnull saor.

'*0, da-rireadh glan a tha mi. Fhuaras am paca 's a churrac an diugh fein air a' chladach. Chaidh ionndrainn o chionn da latha, is tha iad a' smaointinn gur h-i an tuil a thug am mach bhàrr a' chlachain e an am dol thar na faoghla, an duine bochd."

** Fhuair iad am paca ? " ars Eachann.

** Fhuair," arsa Seonaid.

*' 'S a churrac ? " ars Eachann.

** Seadh," arsa Seonaid.

** Bheil thu g innseadh na firinn a nis ? "

" A gheobaire starrshuilich, shuaraich,

1 68 DUN-ALUINN.

phliutaich, ghrànda, am bheil dull agad gu 'n robh mise dol a thogail sgeul-bàis air truaghan sam bith, gun lochd ? "

Thug na facail ghuineach aig Seonaid staiream air Eachann, s e 'na shuidhe air a phaca.

''Cha 'n 'eil, a chreutair ; cha 'n 'eil, a ghalad ; cha 'n 'eil, a Sheonaid. Tha mi 'gad chreidsinn. Tha, tha ; " theireadh esan fhad 's a bha ise bruidhinn.

'' Ho-ho-ho ! " arsa Mac Iain Bhig. '' Cha bu choir domh bhi gaireachdaich ; ach tha 'n f hoighidinn a th' aig Eachann an dràsd a' cur ionghnaidh orm. O, chlann, eudail ! "

''Tha," arsa Cailean Ruadh. ''Chasgal ged bhualadh tu cnàimh air. Tha 'n naidheachd a' còrdadh ris."

''Cha 'n 'eil dùil a'm nach 'eil," arsa Domhnull saor.

" 'S e sin a th' ann," arsa Seonaid. " Cha bhi bàs duine gun ghràs duine. Tha 'n duthaich so nis am mèinn luideagan Each- ainn fein ; agus cha chreid mi nach luideagan caithte is motha th' aige."

Ach bha Eachann cho toilichte am mars- anta Gallda dh' fhàgail an rathaid air 's gu 'm fuilingeadh e Seonaid air cho geur 's gu 'n loisgeadh i air. Agus, air a' cheann mu

AM MARSANTA GALLDA AIR CHALL. 169

dheireadh, s ann a dhanns e le toileachadh air an ùrlar. Ach bha leisgeul ri ghabhail.

'* Haoi ! " ars esan, " fhuair mi mo dhùr- achd mu dheireadh. Dh' f halbh e ; is feamainn Loch Shionaba eadar sinn is e."

''Tud, tud ! Mo nàire, Eachainn ; cha choir duit bruidhinn mar sin air do chomh- chreutair. Na bruidhinn ach gu math air a' mharbh," arsa Domhnull saor.

" An da, tha mi creidsinn nach bi leac air co-dhiiibh. Cha d' eirich corp riamh a Loch Sionaba, rud a tha gle neònach,'' arsa Mac Iain Bhig. '' Cha bhiodh e uair an uaireadair an grunnd an loch nuair bhiodh e cho garbh ri each le conachagan/'

'' Conachagan ! " ars Eachann, 's e V eirio^h 'na sheasamh a dh' fhalbh. ''Creid thusa mise, Bhig Mhic Iain Bhig Mhic Bhig

In am

Ghàir na bha stigh leis na h-oidhirpean a bha Eachann, 's e liotach, a' toirt air '' Mac Iain Bhig " a ràdh, rud nach d' amais e ceart, ach annamh, riamh air, is Mac Iain Bhig fein a' call a liiiths a' gàireachdaich.

" Co-co-dhiùbh ; biodh t' ainm mar a

thogras e, creid mise ; tha mi g ràdh nach

'eil conachag an grunnd Loch Shionaba a

chuireadh gnos air an rud ud. Ciod è bha i

12

I70 DUN-ALUINN.

dol a dh' f haotainn air, far nach robh ach cnàmhan ? Nach e sin a cbuir 's nach fhàg e sud ! "

*' An da, gu dearbh," arsa Seònaid, le gàire goirt magaidh ; '''s e gort is acras a bhiodh air a' chonachaig a bheireadh aghaidh ort fein, Eachainn. Cha 'n 'eil duil am, a ruin, nach cocadh a' bhiorach fein a sron uair no dhà mu 'n toireadh i làmh ort ha-ha-hà is, gu dearbh, cha 'n eil i tormasach."

A h-uile toileachadh gu 'n robh air Each- ann, dhuisg sgaiteachd Seonaid an t-sean bhoinne beo ann. Bha e sealltainn oirre air fhiaradh mar gu 'm biodh cii coimheach 's e dranndail ; is loisg e oirre :

**A! cuist, a sheann lair-chaibe, na craois ghlagaich, gun phine. C-c-co idir a thigeadh faisg ortsa. a thairbh nan siolag ? Thusa bruidhinn ! Cha laigheadh cuileag ghorm no cruimh fein ort an latha 's teotha 'san t-samhradh, a shean mhuc- bhiorach, gun bhainne, gun àl ! "

Leis an so a ràdh thug Eachann an dorus air, 's e smutail ; is Seonaid a' glaodhaich as a dheidh : '' Bha tuilHdh 's a choir de ghamhias agad do 'n fhear Ghallda. Cha n 'eil fhios nach tu fein a thàinig ris, Eachainn. Feuch nach dean iad ort mar a rinn iad

AM MARSANTA GALLDA AIR CHALL. 171

air Seumas a' Ghlinne : do chrochadh air amharus. Ho-ho-ho ! "

** Cuist, a bhior-chroich ! " ars Eachann ; is am mach ghabh e.

Is fada o nach cual Eachann naidheachd a chord cho math ris, ri naidheachd Seònaid. Cha d' f hag e tigh tioram 'san duthaich nach biodh e g innseadh an droch dhuine bha 'san fhear Ghallda. '' Is mur bitheadh e mar sin," theireadh esan, *'cha d' eirich dha mar dh'eirich."

172 DUN-ALUINN.

CAIBIDEIL XVIII.

FATHUNN AIR CAILEAN.

Mar a shocruicheas cuan an t-samhraidh an deidh doinionn gharbh a gheamhraidh, shocraich an duthaich a sios beag air bheag an deidh na chaidh ainmeachadh s na chaidh seachad 'san sgeul so. Bha rud ùr a' tachairt an drasd 's a rithis, ach nuair bhiodh e seachad, bhiodh e air a dhi-chuimhneachadh re ùine bhig, a cheart dòigh a dhi-chuimhnich- ear bàs coimhearsnaich ionmhuinn.

Sguir fògradh an t-sluaigh. Fhuaras mac aorus da niohinn an caisteal Dhùin-àluinn. Chain am Ministear Mor, coir, àite, is bha fear ur 'sa chrannaig. Chaidh Mor Bheag a chur g' a togail am foghlum, ma b' fhior, do Shasunn ; ach cha robh fhios c' àite. Bha a' Bhan-fhrangach aig bun na cuise. Dh'fhàg Màiri Nic Griogair s a sean mhàthair an duthaich, cuideachd, is cha robh sgeul orra o chionn uine. B' i a' Bhan-fhrangach a b' ùghdar dha so mar an ceudna. Chuir i r a siiil innleachd a ghiùlan am mach, is cha ghabhadh sin dèanamh gun a' chraobh a leagail comhla ris an nead a chreachadh,

FATHUNN AIR CAILEAN. 173

's an cuachan a sgapadh ris na gaoithean. Dh' aobharaich i n da chuid.

Thug Cailean òg thairis air. Bha litrichean trie eadar e fein is Màiri. Cha robh te bha falbh no tighinn nach robh Dùn-àluinn a glacadh bho 'n phosta bhàn s 'ga leughadh. Dh' fheumadh am posta a bhi ùmhail, 's gun mhionagamaid a ràdh, no cha ghleidheadh e àite no clach da dhùthaich. Cha robh dion aige,

Nuair chunnacas gu 'n do sheòl Cailean do thir chein, chaidh an aona chomh-cheangal a bha eadar e fein is Màiri a ghearradh gu h-obann, le bhi losgadh an cuid litrichean an deidh an leughaidh. Chaidh a thuigsinn air gach taobh ciod è bu chiall do 'n stad ; ach bha iad fada bho cheile, 's gun chomas leas- achaidh air an am.

Chaidh an innleachd a dhealbh gu math is cha do gheill i. Nuair a chaidh Màiri a chur air falbh, chaidh an gràinne-mullaich a chur oirre air fad, agus gu diongmhalta. Chaidh an diong a chur gu h-amhaich is bha n sgar- adh coimhlionta.

Bha dhith air a' Bhan-fhranoraich a orineal fein a bhi riaghladh an Dùn-àluinn. Bha i nis air ceann na slighe. Bha fear Dhùin- àluinn mar mheall creadha 'na làimh ; agus

174 DUN-ALUINN.

bha e na comas an cumadh thogradh i athoirt air nuair chltheadh i 'n t-àm iomchuidh. Bha Mor Bheag agus Cailean as an rathad. Cha robh fios aice ciod è a' chùil bheag bhlàth a dh' fhaodadh a bhi 'n cridhe an athar daibh ; agus leis an sin, an earalas gu *n robh nàdur fèin a' fadadh leis an diorabhaig bu lugha an t-sradag bheag bheo a dh' fhaodadh a bhi' na chom daibh mar a shliochd gun mhàthair, dh' fheumadh i feitheamh agus fuireach le foighidinn gus an seideadh ùine as i, mu 'n toireadh i an ath cheum. Nuair chitheadh i gu 'n do thalamhantaich a h-uile droch mheanglan a chuir i an ùir na foill 's an uilc, an sin gheibheadh i mu 'n cuairt air a' bhreòcail bhochd a bh' aice air a corragan, gus an sineadh e thairis gu buileach, do 'n t-sliochd a bh* aige bhuaipe-se, oighreachd Dhùin-àluinn is na bhair 'na h-uachdar s na h-iochdar. B' e sin a beachd. Ach cha robh an t-àm abuidh, agus bha cunnart gu n leagteadh amharus oirre.

Ach thàinig sgeul a' bhroin do 'n dùthaich ; sgeul a bhroin do n duthaich, ach sgeul a' ghàirdeachais do bhean Dhùin-àluinn. Thàinig naidheachd bàs Chailein òig.

Bha Baintighearn Dhùin-àluinn aon latha 'na suidhe leughadh paipeir naidheachd,

FATHUNN AIR CAILEAN. 175

nuair thug i leum air an urlar, le cridhealas is aoibhneas 'na gnuis. ''So, so!" ars ise, s i crathadh a' phaipeir an subhachas ana- barrach. Sheas i a' leughadh an rud air an do rug a suil bhradach. ''So! cuiridh so mo shaothair an giorrad. Stad ; so e cinnt- each gu leòir :

"'Thaiomradh air tighinn a ceann-a-deas na h-Aifric gu n deach an long bhrèagha Earl of Djciwiore a chall air an t-slighe bho 'n Cheap gu Astraillia. Cha do shabh- aladh duine de na bha air bòrd ; agus tha sinn duilich a radh ou 'n robh Cailean bo- oighre Dhùin-àluinn, air an àireamh.

" ' Thàinior an t-iomradh oirnn bho urrainn anns nach fhaodar teagamh a chur; agus dhaingnicheadh duinn e leis an fheadhainn d' am buineadh am bàta.'"

" Ho-hò ! " ars ise, s i crathadh a' phaipeir OS a cionn ; " fhuair mi mo dhùrachd am fad SO co-dhiubh. Ho-re! Is ma bhitheas saoghal aig mo mhac-sa, bidh mo shliochd air righ-chathair Dhùin-àluinn. Eachann Dhuin - àluinn. Eachann Dhiiin - àluinn ! Ha-hà ! Nach math a choir air oighreachd athar oighreachd a' bhumalair mhaoil ! Chuir mi feadhainn a b' fhèarr na e uimpe sud," s i cur am mach a corraig s a' feitheamh

176 DUN-ALUINN.

oirre. *'Chuir. Agus math dh'fhaoidteadh gu 'n cuir fathast ha-ha ! na n robh fhios aig an amadan chluasach air. Ach co tha n so r

Thàinig Dùn-àluinn fèin a steach, is chuir e làmh gu blàth mu 'n cuairt oirre, is shuidh e air cathair,